Dùthaich nam Boglaichean – Tìr nan Gàidheal

Read in English / Leugh sa Bheurla

Tuigidh sibh gu bheil briathrachas mòr Gàidhlig co-cheangailte ri mòine agus mòintichean na h-Alba. Tha eadhon seanfhaclan againn a tha a-mach air ‘fear na mònach’ no a leithid sin! Tha na mòintichean mòra a chòmhdaicheas an dùthaich pailt gu leòr air a’ Ghàidhealtachd. Gu dearbh, dh’fhaodamaid a ràdh gur e sin fear de na sàr-bhuadhan co-cheangailte ri bhith a’ fuireach ann an dùthaich fhionnar, fhliuch!

Tha mi gu math measail air àiteachan air an deach inbhe Dualchas na Cruinne a bhuileachadh. Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia, bha mi nam bhall de Chomataidh Chomhairleachaidh Sgìre Dualchas na Cruinne ann an Tasmania. Bhiomaid a’ toirt comhairle do na riaghaltasan stàite agus nàiseanta air riaghladh nam pàircean nàiseanta iongantach a bha fo sgèith Dualchas na Cruinne agus a rinn suas a’ chòigeamh chuid dhen stàit – eilean a tha cho mòr ri tìr-mòr na h-Alba. Mar sin, a bheil mi dhen bheachd gun fhiach Dùthaich nam Boglaichean ann an Cataibh is Gallaibh an aon seòrsa inbhe ’s a th’ aig na pàircean nàiseanta Tasmanianach? Gu dearbh, tha – agus tha mi an dòchas gum faigh a’ bhuidheann-stiùiridh a tha os cionn an tagraidh deagh naidheachd ann am meadhan 2024 nuair a dh’fhoillsicheas UNESCO am beachd air.

Mòinteach àrd lochanach dhen t-seòrsa a tha pailt ann an Dùthaich nam Boglaichean. Bidh UNESCO a’ toirt seachad am beachd air an tagradh airson inbhe Dualchas na Cruinne ann am meadhan 2024.
Dealbh: R MacIlleathain

Tha Dùthaich nam Boglaichean sònraichte. Tha i cudromach gu cruinneil oir chan eil an seòrsa cruinneachaidh de dh’àrainnean, lusan is ainmhidhean a chithear innte pailt thairis air an t-saoghal, agus tha a farsaingeachd agus buadhan nàdair a’ toirt deagh bhuaidh air aigne dhaoine. Tha i cudromach cuideachd anns an strì an aghaidh blàthachadh na gnàth-shìde, agus an t-uabhas carboin air a stòradh innte anns a’ mhòine. Tha slànachd na mòintich an sin – an-dràsta agus san àm ri teachd – cianail cudromach ann a bhith a’ coileanadh ar dleastanais nuair a thig e gu riaghladh na gnàth-shìde. O chionn ghoirid, choisich mi airson trì latha thar pìos de Dhùthaich nam Boglaichean, a’ cleachdadh an rathaid-iarainn airson faighinn ann agus às (agus a’ seachnadh carbad prìobhaideach o dhoras dachaigh air ais gu doras dachaigh). Bha an turas gu lèir dìreach sònraichte. Bha madainn ghaothach ghrianach am measg nan lochan air àrd-mhonadh, far nach urrainnear coiseachd ann an loidhne dhìreach, agus beanntan brèagha Ghallaibh is Chataibh air cùl an t-seallaidh, tlachdmhor is togarrach.

Tha a’ bhuidheann-stiùiridh a chuir air adhart an tagradh airson inbhe Dualchas na Cruinne airidh air moladh airson càileachd an obrach. Dh’ainmich iad seachd earrannan fearainn thar Chataibh is Gallaibh, a tha faisg air a chèile ach gun a bhith ceangailte; tha 200,000 heactair annta gu lèir. Dh’fhaodadh an sgìre a bhith na bu mhotha na sin ach rinneadh co-dhùnadh talamh le glè bheag de mhòine ann fhàgail às, cho math ri fearann-baile anns na srathan agus bailtean far a bheil sluagh (ged a tha oighreachdan far a bheil geamairean is luchd-obrach oighreachd a’ fuireach air an gabhail a-steach).

Bidh sibh mothachail gur e bloga co-cheangailte ri dualchas nan Gàidheal a th’ ann an seo agus tha fhios gum bi sibh a’ meòrachadh air mo cheann-uidhe an turas seo. ’S e ach anailis de chànan na dùthcha ann an Dùthaich nam Boglaichean. Thug mi sùil air an sgrìobhainn phoblaich a chaidh fhoillseachadh mus deach an tagradh a dhèanamh; tha i a’ taisbeanadh agairt làidir. Ge-tà, mar Ghàidheal a bha mothachail air cho Gàidhealach ’s a tha dualchas-tìre Dùthaich nam Boglaichean, ghabh mi briseadh-dùil nach robh ar cànan air ainmeachadh anns an sgrìobhainn idir. Tuigidh mi gur ann air buadhan nàdarrach a tha an tagradh airson inbhe Dualchas na Cruinne stèidhichte agus, eucoltach ri Hiort, nach eil eileamaid chultarail anns an tagradh. Ach, saoil an deach cothrom a chall? Mar Ghàidheal, tha ar dualchas a’ cur ris agus a’ neartachadh buadhan nàdarrach na dùthcha. Is cinnteach gur e sin teachdaireachd a dh’fheumas a bhith air a sgaoileadh barrachd.

Pàirt de Dhùthaich nam Boglaichean faisg air Stèisean-rèile Allt nam Breac ann an Gallaibh (chithear an rathad-iarainn aig ceann shuas agus clì a’ mhapa). ’S i a’ Ghàidhlig as motha a nochdas anns na h-ainmean-àite.
Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha am facal Flow ann am Flow Country a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais o thùs ach ’s i a’ Ghàidhlig as motha a nochdas air an tìr. Agus tha faclan Gàidhlig air a dhol a-steach don Bheurla, leithid ‘bog’ fhèin. Tha gu leòr fhaclan ann an dualchainnt Albais Ghallaibh le tùs ann an Gàidhlig, gu h-àraidh am briathrachas co-cheangailte ri nàdar. Anns a’ Beurla Shasannaich canaidh eadhon eag-eòlaichean gun smid Gàidhlig ‘dubh-lochan’ ris na lochanan beaga dorcha a th’ air an suidheachadh gu h-iomlan ann am mòine. Agus gu siar air Taobh Mhealanais ann an Dùthaich MhicAoidh, tha A’ Mhòine – mòinteach mhòr a nochdas ann an dreach Beurla mar ‘Moine’ anns an abairt ‘Moine Thrust’, feart-tìre teactonaig a thig gu crìch anns a’ cheann a tuath aig a’ Mhòine.

Ach dè mu dheidhinn na tìre mòire anns an fharsaingeachd? Nuair a bha mi air chuairt o chionn ghoirid eadar Allt nam Breac ann an Gallaibh agus Ceann a’ Bhràiste ann an Cataibh, thàinig e a-steach orm cho làidir ’s a tha dualchas na Gàidhlig ann. Chuir mi romham faighinn a-mach cho Gàidhealach ’s a tha Dùthaich nam Boglaichean. Mar sin, thagh mi pàirt de dh’aon de na seachd earrannan anns an sgìre a chuireadh air adhart airson inbhe Dualchas na Cruinne. Tha e a’ ruith bho faisg air Port Sgeirea anns a’ cheann a tuath gu ruige faisg air Bun Ilidh anns a’ cheann a deas, agus ’s e ‘East Halladale component’ a th’ aca air. B’ e sin an sgìre anns an robh mo chuairt.

Anns a’ bheag-ùine a bh’ agam, thug mi sùil air ainmean-àite air a’ mhapa 1:25,000 aig an t-Suirbhidh Òrdanais, ach dìreach gu deas agus gu sear air an loidhne-rèile (a tha a’ dèanamh na sgìre na dà leth) agus a’ dol cho fada deas ris an loidhne ‘300’ (air a’ chliath nàiseanta) a tha a’ ruith eadar siar is sear tron Bhràigh Mhòr – coimhearsnachd a ghlèidh Gàidhlig Ghallaibh beò na b’ fhaide na ’n chuid as motha de sgìrean anns an t-siorrachd sin. Cha tug mi ach sùil aithghearr orra agus cha do lorg mi an ciad riochdan no mar a nochdas iad air mapaichean oighreachd. Cha do bhruidhinn mi ri muinntir an àite nas motha. Ach, a dh’aindeoin nan laigsean sin, saoilidh mi gu bheil na lorg mi gu math inntinneach.

Chlàir mi 315 ainmean-àite, agus 268 dhiubh ann an Gàidhlig a-mhàin (85.4% dhiubh gu lèir). Tha eileamaid Ghàidhlig ann an 18 ainmean eile ach cuide ri eileamaid à cànan eile (Albais, Beurla no Lochlannais) – 5.7% de na th’ ann gu lèir. Mar sin, tha eileamaid Ghàidhlig ann an 91.1% de na h-ainmean-àite anns an t-sampall agam, agus tha a’ chuid as motha dhiubh sin gun chànan eile na cois. Chan eil ann ach 47 ainmean anns nach eil eileamaid Ghàidhlig, ged a dh’fhaodadh cuid dhiubh a bhith nan eadar-theangachaidhean de dh’ainmean tùsail a bh’ ann an Gàidhlig; agus tha feadhainn eile – ged nach eil iad ann an Gàidhlig – a’ dearbhadh dualchas Gàidhlig na sgìre. Chaidh na h-ainmean neo-Ghàidhealach seo a chruthachadh ann an Lochlannais, Albais no Beurla, no measgachadh de na cànanan sin.

Ann an dùthaich uisgeach, chan eil e na iongnadh gu bheil am facal allt cumanta. Tha 84 ainmean le allt no alltan annta, mu chairteal de na h-ainmean gu lèir. Ach tha fèithean ann cuideachd, rud a tha cumanta gu leòr far a bheil mòine pailt air an tìr, gu h-àraidh gu h-àrd air mòinteach. ’S iad eisimpleirean dhiubh sin Fèith Gaineimh Bheag agus Fèith Bhuidhe Mhòr.

Chan eil ach 18 ainmean le ‘burn’ annta (ann an Albais no Beurla) agus tha cuid dhiubh sin co-cheangailte ri eileamaidean Gàidhlig mar ann an Glen Dubh Burn, Cnoc Maol-dhùin Burn agus Caplaich Burn. Tha dùil gu bheil Loop Burn na eadar-theangachadh pàirteach de Allt nan Lùb agus bhiodh Black Burn gu cinnteach na eadar-theangachadh air Allt Dubh oir tha trì eisimpleirean de dh’Alltan Dubha anns an sgìre sampaill nach eil air an eadar-theangachadh gu Beurla.

Tha fiadh-bheatha ainmichte air an tìr – ann an àiteachan mar Allt na Greighe (co-cheangailte ris na fèidh a tha fhathast pailt), Bad a’ Chlamhain, Blàr nam Faoileag, Creag nan Cat agus Lùb na h-Eala. The fèidh air an comharrachadh cuideachd ann an Allt an Fhèidh agus Meur nan Ruadhag.

Tha ainmean-àite ag innse dhuinn tòrr mu bheatha nan daoine a bha a’ fuireach ann an Dùthaich nam Boglaichean thar nan linntean. Tha Cnoc Allt a’ Chait a’ cur nar cuimhne mar a bha an cat-fiadhaich uaireigin pailt gu leòr air a’ Ghàidhealtachd. Tha an t-ainm Sìthean Corr-meille a’ sealltainn mar a bhiodh muinntir an àite a’ rùrachd freumhan lusa ris an canar ‘corr-meille’ no ‘cara-meille’ (air a bheil ‘tuberous vetch’ ann am Beurla). Bha na seann Ghàidheil ga ithe airson an t-acras a chumail bhuapa aig amannan nuair a bha iad a’ siubhal, leithid a’ dròbhadh a’ chruidh gu margaidh.
Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha madaidhean air an ainmeachadh cuideachd, ged nach urrainn a bhith cinnteach an e am madadh-allaidh no madadh-ruadh a th’ ann. Ach, leis gu bheil am facal sionnach a’ nochdadh ann an aon ainm, a bheil e tur mì-reusanta a bhith a’ cumail a-mach gur e am madadh-allaidh a tha Cùil a’ Mhadaidh a’ comharrachadh? Tha Cataibh am measg nan àiteachan mu dheireadh anns an robh am madadh-allaidh beò ann an Alba, a rèir beul-aithris, agus tha leth-dhusan ainm-àite ‘madaidh’ anns an sgìre sampaill.

Tha daoine air a bhith beò ann an Dùthaich nam Boglaichean airson nan ceudan agus tha e cudromach a bhith a’ cuimhneachadh nach ann gun sluagh a bha, no a tha, e. Tha na h-ainmean-àite a’ cur sin nar cuimhne. Tha caractaran air an ainmeachadh gu pearsanta ann an Alltan Daibhidh, Alltan Iain Duinn, Allt Iain Ghobha agus Cnoc Thormaid. Air an cur ris na h-ainmean fireann sin tha na h-ainmean-àite Beurla boireann Catherine’s Loch agus Margaret’s Loch agus an t-ainm Gàidhlig Gleann nam Bean (riochd dualchainnteach de Gleann nam Ban, tha fhios) a tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh a tha a’ ciallachadh “wives’ glen”.

Tha àiteachan àrsaidh ann a tha co-cheangailte ri creideamh agus tha grunnan seann bhailtean a tha an-diugh nan tobhtaichean. Tha seann àirighean ann, leithid Àirigh Chruaidh agus Àirigh Meur nan Cabar. Math dh’fhaodte gu bheil an dàrna ainm a’ buntainn ri àite far an robhar a’ cruinneachadh chabraichean-taighe – mar sin dh’fheumadh craobhan cuimseach mòr a bhith a’ fàs ann.

Tha stoc nan daoine air an ainmeachadh an siud ’s an seo. Tha Càrn nam Muc ann, Allt nam Bò Odhar, Cnoc nam Bò Riabhach, Buailemor (A’ Bhuaile Mhòr), Cròc nan Làir (le cròc a’ ciallachadh ‘àite-ionaltraidh’), Cnoc an Eich agus ainmean a bhuineas do ghobhair, a’ gabhail a-steach Allt Mheann, Meur nan Gobhar agus Allt a’ Bhuic. Agus chan eil obair a’ mhuilleir air a dìochuimhneachadh, le trì ainmean le muileann faisg air Allt nam Breac (ged a tha a h-uile fear aca a’ dèanamh iomradh air an aon mhuileann).

Agus chan eil gaisgich bheul-aithriseach nan Gàidheal air an dìochuimhneachadh nas motha. Tha Cnoc Fhinn ann faisg air Ceann a’ Bhràiste (le dreach na Beurla, Knockfin, air), agus tha Deirdre (tè nam bròn) air a cuimhneachadh ann an Deidre’s Spring (saoil an e Fuaran Deirdre a bh’ air sin roimhe?). Gu siar air seo ann an Dùthaich nam Boglaichean thathar a’ cuimhneachadh a’ ghaisgich, Diarmad, a chuir às don torc air cliathaich Beinn Laghail ann an Dùthaich MhicAoidh. Aig bonn na beinne tha tolman air bheil Uaigh Dhiarmaid agus sin far a bheil an gaisgeach air a thiodhlacadh, a rèir beul-aithris.

Tha monadh cumadail a’ Bhràigh Mhòir anns a’ chùl-shealladh ann an ceann an earra-dheas Dùthaich nam Boglaichean. ’S i a’ bheinn as àirde anns an dealbh A’ Mhòr-bheinn (leis an riochd Bheurla ‘Morven’ air na mapaichean), agus ’s i an tè as fhaide clì Beinn Cìoch na h-Ìghne no ‘Maiden Pap’ ann am Beurla. ’S e glè bheag de na mìltean lochan is lochanan ann an Dùthaich nam Boglaichean a ghiùlaineas ainm sam bith, ach far a bheil a leithid ann, tha i buailteach a bhith ann an Gàidhlig. Dealbh: R MacIlleathain

Mu dheireadh, a thaobh àrainn agus lusan, dè tha na h-ainmean-àite ag innse dhuinn? Anns an t-sampall agam, tha aon ainm deug ann leis an eileamaid bad; ’s iad eisimpleirean dhiubh Bad na Caorach, Bad an Làir agus Bad nan Capall. Tha na h-ainmean sin ag innse dhuinn gur dh’fhaodte nach eil bad a’ ciallachadh ‘àite le craobhan’ anns an sgìre seo ach dìreach ‘àite dham buineadh rudeigin’. Tha tuilleadh rannsachaidh a dhìth air seo oir nam biodh bad a’ ciallachadh ‘doire’ no ‘preas’, bhiodh sin a’ cur ris an fhianais airson chraobhan o shean. Anns an sgìre air an tug mi sùil, tha aon ainm-àite le coille ann – Allt Coille – agus tha trì ainmean anns a bheil caorann. Agus, mar a sgrìobh mi roimhe, tha Àirigh Meur nan Cabar (ma tha an t-ainm a’ buntainn ri craobhan seach cumadh an uillt) ag innse dhuinn gur dòcha gun robh craobhan a’ fàs ann. Ach an robh iad nàdarrach no air an cur le daoine?

Bhiodh rannsachadh air ainmean-àite Dùthaich nam Boglaichean buannachdail do dhuine sam bith a tha a’ feuchainn ris an àite a thuigsinn gu h-iomlan. Chan eil an sgìre air an tug mi sùil ach a’ dèanamh na naoidheamh cuid de na chaidh a chur air adhart airson inbhe Dualchas na Cruinne. Smaoinichibh air an fhiosrachadh a thigeadh am bàrr nam biodh sgoilearan a’ toirt sùil air an sgìre gu lèir agus air seann mhapaichean, pàipearan is làmh-sgrìobhainnean!

Tha mi a’ guidhe soirbheas don tagradh. Chan eil àite sam bith air liosta Dualchas na Cruinne a fhuair inbhe gu sònraichte airson a mhòintichean agus bidh sin ann am fàbhar Dùthaich nam Boglaichean. Ach tha mi an dòchas, ma bhios iad soirbheachail agus mar a thèid an t-àite a leasachadh anns an ùine romhainn, gum bithear a’ toirt sùil dhòigheil air a’ chàirdeas eadar sluagh agus tìr a tha a’ fàgail na dùthcha airidh air àrd-chliù eadar-nàiseanta. Bhiodh rannsachadh air na h-ainmean-àite mar phàirt de sin. Leis an fhìrinn innse, chan eil adhbhar a bhith a’ feitheamh ri UNESCO. Co-dhiù tha an tagradh soirbheachail gus nach eil, bhiodh e na bhuannachd do dh’Alba nam biodh tuigse a bharrachd againn air dualchas nan Gàidheal ann an Dùthaich nam Boglaichean. Carson nach cuir na h-ùghdarrasan a th’ air cùl an tagraidh a leithid an cèill cho luath ’s a ghabhas?

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair is craoladair, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Folklore, Gaelic, History, peatland restoration, Placenames, The Flow Country and tagged , , , , , . Bookmark the permalink.