Far an Cluinnear an Damh Donn

Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air ainmean-àite anns a bheil na h-eileamaidean bùireadh agus bùirich.

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha am facal bùirich a’ nochdadh gu tric air mapaichean na Gàidhealtachd, ach dè dìreach a tha e a’ riochdachadh? Ann an co-cheangal ri nàdar, faodaidh bùirich a bhith a’ riochdachadh fuaim na gaoithe, na mara no easa, fuaim an tàirneanaich sna speuran no gairm nan ùruisgean a tha a’ fuireach faisg air uillt ann an ceàrnaidhean dhen Ghàidhealtachd. Ach dè tha am facal a’ riochdachadh ann an ainmean-àite? Fuaim na gaoithe, math dh’fhaodte? Uill, math dh’fhaodte, ach tha faclair Dwelly a’ toirt na leanas dhuinn mar chiallan: ‘roaring as a bull, bellowing; wailing; growling; loud lament; low murmur; bellowing of deer in the rutting season’. Saoilidh mise gur e a’ chiall mu dheireadh a dh’fhàgas am facal air ar mapaichean.

Chithear an dà chuid bùirich agus bùireadh ann, agus tha an dàrna fear a’ ciallachadh fuaim co-cheangailte ri dàireadh nan damh, ach cuideachd an dàireadh fhèin. Tha Dwelly a’ toirt dhuinn poll-bùiridh airson àite far am biodh dàireadh a’ tachairt; fhuair e sin bho Raibeart Armstrong, fear à Siorrachd Pheairt a chuir faclair Gàidhlig ri chèile ann an 1825.

Ann an 2012 bha mi aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Omhain. Air an rathad dhachaigh, stad mi goirid air Gleanna Comhann ri taobh lochan ris an canar Lochan na h-Achlaise. Bha mi airson faighinn a-mach, leis gur e an Dàmhair a bh’ ann, an robh na daimh a’ bùirich. Agus, gu dearbh, ʼs iad a bha! Pìos air falbh bhuam, bha Meall a’ Bhùiridh, beinn a tha os cionn an raoin-sgithidh ann an Gleanna Comhann, agus abair am fuaim de bhùirich a bha a’ tighinn thugam thar mòinteach is uisge. Nuair a chì no a chluinneas sinn rud a th’ air aithris air na mapaichean, tha e gam thoileachadh gu mòr!

ʼS e Meall a’ Bhùiridh a’ bheinn as fhaide deas anns an dealbh, air taobh thall Lochan na h-Achlaise air Mòinteach Raineach. Tha ainm na beinne air leth freagarrach, mar a fhuair an t-ùghdar a-mach air latha foghair, agus e a’ tilleadh dhachaigh bhon Mhòd. ©R MacIlleathain

Tha beinn dhen aon ainm ann an Gleann Èite ann an Earra-Ghàidheal, agus tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ mìneachadh an ainm mar ‘beinn an dàiridh’. Tha mullach eile faisg air làimh a chuireas ri sin oir ʼs e Meall nan Tarbh a th’ air. Tha bùireadh agus bùirich cuideachd a’ ciallachadh fuaim aig tarbh (no ʼs dòcha am fuaim a nì bò nuair a bhreitheas i laogh) – mar sin, a bheil, mar gum biodh, cuimhne anns na h-ainmean-àite air mar a bha crodh uaireigin pailt ann am monaidhean na Gàidhealtachd? Am biodh Deirdre fhèin (oir nach robh i a’ fuireach ann an Gleann Èite?) eòlach air bùirich nan tarbh an sin? Tha mi a’ cur na ceist, ach chan eil freagairt agam!

ʼS e Beinn a’ Bhùiridh ainm beinne eile ann an Earra-Ghàidheal, taobh Loch Obha. Agus air Gàidhealtachd an ear-thuath, siar air na goireasan sgithidh air Leac a’ Ghobhainn tha dà bheinn a tha ainmichte airson giùlan nan damh anns an Dàmhair – Druim Bhùirich agus Tolm Bùirich. Làimh ri sin tha Allt nan Aighean agus Allt nan Cabar, agus am fear mu dheireadh math dh’fhaodte a’ dèanamh tuairisgeul air cròicean fèidh. Tha eileamaidean co-cheangailte ri fèidh a’ nochdadh gu tric air aghaidh na tìre anns an sgìre sin.

Tha Beinn a’ Bhùiridh gu h-àrd ri taobh Cruachan Bheann ann an Earra-Ghàidheal. On a chaidh am mapa fhoillseachadh, chaidh dàm a thogail gu h-àrd air Allt Cruachan airson sgeama dealain-uisge. Le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Agus, mar a bhiodh dùil, chan e beanntan a-mhàin a ghiùlaineas an eileamaid bùireadh. ʼS ann sna coireachan as fheàrr a chluinnear mac-talla bùirich nan damh, agus tha coire air a bheil Coire a’ Bhùiridh faisg air Loch Ailleart ann an Loch Abar. Tha Allt a’ Bhùiridh a’ sruthadh às a’ choire. Faisg air làimh, tha Meall Damh, a tha a’ neartachadh nan ceanglaichean eadar beathach agus àite. Tha coire eile ann an Àird Ghobhar air a bheil Coire a’ Bhùiridh; tha e ri taobh beinn ris an canar Sàil a’ Bhùiridh.

Tha cuideachd Coire a’ Bhùirich ann an Gleann Cuaich ann an Loch Abar, le coille fodha air a bheil Coille a’ Bhùirich mar ainm. Air taobh thall a’ ghlinne, tha Coire na Fèinne, a tha a’ cuimhneachadh nam Fianna, a bhiodh a’ sealg nan damh agus a chluinneadh a’ bhùirich aca gu tric. Nas fhaide sear ann an Loch Abar, deas air Na Coireachan Liatha, tha Meall a’ Bhùirich. Tha co-dhiù ceithir beanntan eile air a bheil Meall a’ Bhùirich air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd, eadar Siorrachdan Rois is Chataibh. Ann an Asainte, tha bealach ann air a bheil Bealach a’ Bhùirich.

Ann am Frìth Choire Ghearraig, sear air Loch Omhaich anns a’ Ghleann Mhòr, tha beinn air a bheil Sròn a’ Bhùirich. Air an taobh a deas dhith, tha Leac nan Aighean. Tha Sròn Bhùirich eile ann am Frìth Ghadhaig ann am Bàideanach, àite anns a bheil dualchas nam Fianna làidir. Is iongantach mura cuala Fionn fhèin na daimh a’ bùirich anns an sgìre sin!

Sròn [a’] Bhùirich ann am Frìth Ghadhaig anns a’ mhonadh eadar Bàideanach agus Athall. Tha daoine air a bhith a’ sealg nam fiadh an seo o chian nan cian. Le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Ma tha mi air dealbh a dhèanamh de na faclan bùirich agus bùireadh a’ buntainn a-mhàin ri fuaim nan damh anns an Dàmhair, tha cumha co-cheangailte ri sin, agus tha e gu math inntinneach do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an dualchas nàdair na Gàidhealtachd. Ann am pàipear air a bheil ‘Sketches of the Early History of Strathardle’, a chaidh a lìbhrigeadh air beulaibh Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis ann an 1889, tha Teàrlach MacFhearghais a’ sgrìobhadh mu chuimhne an t-sluaigh air madaidhean-allaidh ann an Srath Àrdail, sear air Baile Chloichridh ann an Siorrachd Pheairt. Tha e a’ tòiseachadh le bhith ag innse dhuinn gun robh na madaidhean cianail fhèin pailt, agus cronail, ann an Srath Àrdail, Gleann Sìth agus Gleann Ìle.

Tha e ag innse dhuinn mu àiteachan ainmichte airson mhadaidhean-allaidh anns an t-srath agus, an uair sin, tha e ag ainmeachadh ‘madaidhean-allaidh Beinn a’ Bhùirich [Ben Vuirich air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais]’ agus a’ toirt dhuinn beachd gum b’ iadsan na madaidhean a bu mhotha agus a b’ fhiadhaiche a bh’ ann. Tha Beinn Bhùirich ri taobh Gleann Feàrnach dìreach gu tuath air Srath Àrdail.

Tha MacFhearghais ag innse dhuinn gu bheil ‘An Coirneal MacDhonnchaidh ann an “Historical Proofs of the Highlanders” ag ràdh gun d’ fhuair a’ bheinn a h-ainm bho bhùirich a madaidhean-allaidh’. Tha MacFhearghais an uair sin a’ toirt dhuinn ceathramh à seann dàn Athallach air a bheil ‘Òran nam Beann’:

Chì mi Beinn a’ Ghlò nan eag,

Beinn Bheag is Airgead Bheann,

Beinn Bhùirich nam Madadh Mòr,

Is Allt Nead an Eòin ri a taobh.

Tha faclan eile ann airson an fhuaim a nì madadh-allaidh, leithid donnalaich, nuallanaich agus ulfhartaich. Ach chan urrainn don bhlogair seo dearbhadh nach robhar a’ gabhail bùirich air a leithid ann an Siorrachd Pheairt (agus math dh’fhaodte ann an àiteachan eile?). Agus aon rud a chuireas taic ri sin – ʼs e an t-ainm a th’ air a’ choire air taobh an ear Beinn a’ Bhùirich – Coire nam Madadh.

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in autumn, deer, Folklore, Gaelic, NatureScot, Placenames and tagged , , , , , . Bookmark the permalink.