Tha Ruairidh MacIlleathain a’ dèanamh ‘lèirmheas’ air leabhar iongantach le Tormod an t-Seòladair à Siabost, a bha na latha na phrìomh eòlaiche air an nathair-nimhe.
Leugh ann am Beurla / Read in English
Tha seann fhionn-sgeul ann, co-cheangailte ri stèidheachadh Crìosdachd, nach urrainn nathraichean-nimhe a bhith beò air talamh Eilean Ì. Mar dheuchainn air sin, thug an t-Oll. Tormod Moireasdan nathair don eilean agus leig e mu sgaoil i. An uair sin, chuir e an nathair ann am feur a chruinnich e ann an Ì agus bha i mar sin airson beagan sheachdainean, gun a bhith a’ fulang. Bha am Moireasdanach airson dearbhadh gun robh prìomhachas aig mìneachadh saidheansail anns a’ ghnothach seo. Ach cha robh e airson cur sìos air beul-aithris mu nàdar anns an fharsaingeachd oir chruinnich agus dh’fhoillsich e fhèin beul-aithris aig na Gàidheil, gu h-àraidh bhon choimhearsnachd aige fhèin ann an taobh siar Leòdhais.
Ged a bha e aithnichte anns na meadhanan mar ‘Rìgh nan Nathraichean’ – oir cha robh duine beò a bha na b’ eòlaiche air nathair-nimhe na h-Alba – bha muinntir Shiaboist, far an do thogadh e, eòlach air mar Tormod an t-Seòladair. Chuir e seachad mòran de a bheatha air falbh o eilean a bhreith, ach bha urram air riamh am measg a mhuinntir fhèin, agus chaidh eadhon dàn-molaidh Gàidhlig a sgrìobhadh air a shon. Chaidh geàrr-chunntas de a bheatha (1869-1949) fhoillseachadh le blogair eile airson NàdarAlba ann an 2013 ach anns a’ bhloga seo, bu toigh leam sùil a thoirt air an leabhar a b’ ainmeile aige ‘The Life-Story of the Adder’ a bha fad dheicheadan mar phrìomh thobar-eòlais air an nathair-nimhe.

Dh’aithnich Tormod gu bheil eagal mòr air mòran daoine ro nathraichean ach bha e dhen bheachd gun robh sin stèidhichte air aineolas, agus dhìon e cliù a’ chreutair. Anns a’ chaibideil-thoisich dhen leabhar, a chaidh fhoillseachadh ann an 1924 le Alexander Gardner Earr. ann am Pàislig, tha e a’ sgrìobhadh gu bheil an nathair-nimhe ‘na ainmhidh air leth meata is diùid, agus nach cleachd i a nimh-fhiaclan ach airson a dìon fhèin no airson biadh fhaighinn; chan eil i ionnsaigheach, ach bidh i a’ snàigeadh gu luath, agus air fhalach, bho chreutair a thig na gaoith’. Ge-tà, tha an t-ùghdar ag aithneachadh gum bi an nàdar eadar-dhealaichte bho nathair gu nathair. Bha Moireasdan dhen bheachd gun robh an naimhdeas eadar mac an duine agus an nathair, agus mar a bha i co-cheangailte ri Crìosdachd (tha e ag ainmeachadh Genesis 3:14 a tha ag ràdh gu bheil i ‘mallaichte thar gach ainmhidh’), ga fàgail ann an cunnart a beatha mar ghnè. Tha e a’ sgrìobhadh ‘nach eil an latha fad-às nuair a bhios an nathair-nimhe clàraichte ann an Alba mar thè de na gnèithean a th’ air a dhol à bith: tha an àireamh dhiubh mu-thràth air lughdachadh air a’ Ghàidhealtachd.’ Gu fortanach, cha do thachair sin.
Tha a’ ghràin a th’ aig daoine air nathraichean gu math stèidhichte. Tha Tormod ag innse dhuinn mu thuras a bha e ann an àite-obrach aig ‘fear meidigeach cliùiteach’ far an tug e a-mach na nimh-fhiaclan aig nathair bheò (tha e a’ mìneachadh mar a nithear sin). Bha an snàgair an uair sin ‘… gun chunnart agus bha i a’ dol an lùban nam làimh mar easgann’. A dh’aindeoin sin, bha an lighiche – aig nach robh creideamh làidir sam bith – deimhinne nach cuireadh e a làmh faisg air an nathair, ged a bha i a-nise gun chron.
A dh’aindeoin a chuid fàidheadaireachd mun nathair ann an Alba, tha Tormod ag aithris gun robh i aig an àm sin ‘pailt gu leòr ann an cuid de sgìrean iomallach air taobh an iar na Gàidhealtachd agus sna h-Eileanan’ (ged nach robh i, gu h-iongantach, ri faighinn ann an Leòdhas). Tha am blogair seo a’ dèanamh dheth, bho eòlas fhèin air a’ ghnè, gun robh a thuairisgeul air nàdar agus àrainn na nathrach cho ceart ʼs a ghabhas. Seo na sgrìobh e: ‘Tha i ri lorg air mòintich agus ann an àiteachan fraochach agus ri taobh bhoglaichean, faisg air uillt agus lòintean de thàmh-uisge, agus bruaichean còinneachail a tha a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ chinn a deas. Chan e sreapadair nam beann a th’ anns an nathair-nimhe, agus cha lorgar i uair sam bith air talamh fìor àrd.’ Tha Tormod cuideachd a’ cumail a-mach gu bheil i diùid agus aonarach, agus nach fhaicear gu tric i, agus tha e ag innse dhuinn nach eil anns an t-siosarnaich aice ach mar brath-rabhaidh gu creutairean eile cumail air falbh.
Bha Moireasdan na oifigear-poilis gu proifeiseanta agus bha e an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh Caidreachas Poilis na h-Alba. Chuir e seachad bliadhnaichean ann an Cinn Tìre, agus bha e a’ fuireach ann an Ceann Loch Chille Chiarain nuair a nochd an leabhar ann an clò. ʼS ann airson a chuid obrach air nathraichean-nimhe as motha a thathar a’ toirt urram dha agus chaidh sàr-bhallrachd de Chomann Ainmh-eòlais Rìoghail na h-Alba a bhuileachadh air. Fhuair e cuideachd dotaireachd bhon Société Internationale de Philologie, Sciences et Beaux Arts anns an Fhraing ann an 1925.
Tha iomadh taobh air ‘The Life of the Adder’ a bhris talamh ùr o chionn ceud bliadhna. Tha e eadhon a’ gabhail a-steach cunntas air mar a dh’fhaodte leigheas a lorg airson aillse le bhith a’ cleachdadh nimh nathrach. Tha Tormod a’ sgrìobhadh le meas air an nathair, ach tha e ag aideachadh nach gabh i ceannsachadh buileach agus nach gabh i biadh nuair a tha i fo ghlas. Tha e cuideachd ag aideachadh gun do dh’ith e fhèin feòil-nathrach a bh’ air a goil agus gun robh i blasta gu leòr, le blas rudeigin eadar iasg agus feòil dhearg. Cha ghabh sin dèanamh anns an latha an-diugh oir tha an nathair-nimhe air a dìon fon lagh ann an Alba.

Bha Tormod an t-Seòladair gu math innleachdail. Anns an leabhar aige, tha e a’ cur na ceist ‘an toir ceòl buaidh air nathair-nimhe?’ agus tha e a’ feuchainn ri a freagairt le bhith ag iarraidh air fìdhlear clasaigeach air leth sgileil an fhìdheall aige a sheinn ann an làthaireachd nathrach. Chuir e an nathair air an talamh faisg air an fhìdhlear agus thug e sùil air mar a bha an snàgair ga giùlan fhèin fhad ’s a bha an ceòl a’ dol. Cho-dhùin e nach robh an ceòl a’ toirt buaidh sam bith air a’ chreutair. Cha chan mi guth mun chobra ainmeil anns na h-Innseachan!
Bu toigh leam crìochnachadh far an do thòisich mi – ann an Eilean Ì. Sgrìobh Tormod caibideil gu lèir mu mar a bha an t-eilean sin, agus Èirinn, às aonais nathraichean. Dh’aithris e na faoinsgeulan mu Naomh Pàdraig agus Calum Cille a’ sgiùrsadh nan nathraichean às na h-eileanan aca, ged nach do ghabh e fhèin riutha. A thaobh na h-Èireann, tha e a’ sgrìobhadh gun robh an t-Oll. Leighton anns an leabhar aige mu ‘British Serpents’ air innse mu dhà nathair a chaidh a mharbhadh ann an 1900 ann an Contae Chill Mhantain. Bha iad air an toirt a-steach à Sasainn ach bha iad air a bhith beò ann an Èirinn airson ceithir bliadhna, a’ dearbhadh nach robh talamh na h-Èireann fo gheasaibh dhen t-seòrsa sin.
Tha am Moireasdanach an uair sin ag innse don leughadair mu thuras a Mhuile nuair a bha e a’ cruinneachadh nathraichean. Chaidh e a-null a dh’Ì agus thug e leis nathair bhoireann fhallain a bha e air glacadh an latha roimhe. Nuair a bha e ann an Ì, leig e an nathair mu sgaoil agus chaidh i am measg feur an eilein. Cha do chuir àrainneachd an eilein dragh sam bith oirre. Cha do chuir no am feur Ìdheach anns an robh an nathair beò fad dà mhìos, agus i a’ dèanamh a slighe gu ruige Sutha Dhùn Èideann. Tha e coltach gun robh beagan dragh air an ùghdar gun robh e a’ toirt ‘buille-bhàis’ don smuain nach b’ urrainn do nathraichean a bhith beò air talamh naomh Eilein Ì agus gur e àrainneachd an eilein, agus gun robh e air a chuairteachadh le uisge, a tha ga fhàgail às aonais nathraichean.
Ge-tà, tha e ag innse dhuinn mar a lorgadh nathair-nimhe turas, an dèidh dhi snàmh thar Caolas Ì o Mhuile. Bhàsaich i anns an eilean, agus tha Tormod dhen bheachd gur e fàilleadh a cridhe a bu choireach, is gun tug an snàmh de mhìle no mar sin, cus aiste. An uair sin, tha e a’ sgrìobhadh, ‘ge-tà, a leughadair chòir, bidh muinntir an eilein naoimh seo, is cinnteach, a’ cumail a-mach gur e mallachd Chaluim Cille, a chuir na nathraichean air fògradh as an eilean gu sìorraidh, as coireach ri a bàs.’ Agus, a leughadair choir ann an 2023, fàgaidh am blogair seo an gnothach agaibh fhèin airson meòrachadh air!
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis. Ann am blog eile sna mìosan romhainn, bheir e sùil air leigheasan nan Gàidheal airson bìdeadh-nathrach mar a chaidh aithris le Tormod an t-Seòladair anns an leabhar aige.
Tha NàdarAlba, Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach (ARC) agus Buidhnean nam Muir-thìreach is nan Snàigeach den Rìoghachd Aonaichte (ARGUK) ag iarraidh air tuathanaich, uachdaran fearainn is manaidsearan fearainn pàirt a ghabhail ann an Suirbhidh Nathraichean-Nimhe na h-Alba air loidhne airson an tuilleadh fiosrachaidh a chruinneachadh air sgaoileadh is còr glèidhteachais nan nathair-nimhe san latha a th’ ann. Gheibhear an tuilleadh fios aig: https://www.nature.scot/farmers-and-land-managers-urged-share-adder-sightings
You must be logged in to post a comment.