Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air an fhacal ‘torc’ ann an ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd
Leugh ann am Beurla / Read in English
Tha sruth anns a’ mhonadh deas air Tobar Mhoire ann am Muile air a bheil Allt nan Torc, agus tha an t-Suirbhidh Òrdanais dhen bheachd gu bheil e ag ainmeachadh an tuirc (muc-fhiadhaich), ged nach eil e soilleir cuin a bha na beathaichean sin beò ann am Muile. Tha ainmean thorc gu h-iongantach pailt air a’ Ghàidhealtachd, agus bidh eag-eòlaichean math dh’fhaodte car buailteach a bhith a’ togail beachd gur e fianais a th’ annta airson an torc a bhith beò anns an àite sin o shean. Ge-tà, mus tig iad gu co-dhùnadh de a leithid, bu chòir do dh’eag-eòlaichean a bhith mothachail gu bheil dualchas làidir againn de bheul-aithris. Gu tric bidh ainmean-àite le ‘torc’ annta co-cheangailte ri seann sgeulachd, seach eag-eòlas.
Tha eisimpleir mhath ann an Càrn an Tuirc ri taobh Ionad-sgithidh Ghleann Sìth. Tha tòrr ainmean-àite anns an sgìre sin (feadhainn dhiubh a th’ air a dhol à bith, agus feadhainn a tha fhathast air mapaichean) a tha ag ainmeachadh nam Fianna (no na Fèinne mas fheàrr leibh). Agus, beagan mhìltean air falbh, tha Beinn Ghulbain (Ben Gulabin OS) far an d’ fhuair Diarmad bàs. B’ esan fear de na gaisgich a bu trèine de na Fianna – air an robh ball-seirc air a bhathais a thug air boireannaich trom-ghaol a ghabhail air – agus chaill e a bheatha nuair a sheas e air calg air druim tuirc, an dèidh dha an torc a mharbhadh. Am measg nan ainmean-àite le ‘torc’ annta an sin, tha Lochan an Tuirc, a tha a-nise gu ìre mhòr na bhoglach seach na lochan, agus a tha suidhichte faisg air ‘tuama’ Dhiarmaid far a bheil an gaisgeach fhèin air a thiodhlacadh, a rèir beul-aithris. Cha ghabh na h-ainmean-tìre anns an nàbachd seo a thuigsinn mura h-eil eòlas agad air a’ mhòr-sgeul ainmeil àrsaidh ‘Diarmad agus Gràinne’, a th’ air innse fhathast an dà chuid ann an Alba agus Èirinn. A rèir beul-aithris, bha closach an tuirc air a shadail don loch, mar a bha cupa draoidheil Fhinn gus nach dèante leigheas air Diarmad, oir bha Fionn a’ miannachadh gum faigheadh am fear eile bàs.
ʼS e Diarmad agus Gràinne fear de na seann fhionn-sgeulan iongantach, ainmeil (agus iom-fhillte!) a bhuineas don Ghàidhealtachd. Mar a thachair le iomadh sgeulachd a bh’ air a h-aithris anns an taigh-chèilidh, chaidh a suidheachadh ann an iomadh àite, agus ainmean-àite ionadail a’ ‘dearbhadh’ beachd an neach-aithris gun do thachair e anns an dearbh àite sin! ʼS e Beinn Laghail ann an Dùthaich MhicAoidh am fear as fhaide tuath dhiubh, far an lorgar ‘sgrìoban an tuirc’ air na creagan, a chaidh adhbharachadh leis a’ bheathach nuair a thilg Diarmad far na beinne e. ʼS e dreach ionadail a tha seo air an sgeul; tha a’ mhòr-chuid de na sgeulaichean ag innse dhuinn gun do mharbh Diarmad an torc le a chlaidheamh no le a shleagh.

Nuair a chì am blogair seo ainm-àite le torc ann, agus beinn faisg air làimh a ghiùlaineas am facal gulbain (no rudeigin coltach), tha e a’ tuigsinn sa mhionaid gur e sin àite far an deach am fionn-sgeul seo a shuidheachadh. Tha gulbain a’ ciallachadh ‘socach’. Tha eisimpleir ann an Gleann Spiothain ann am Bràigh Loch Abar, far a bheil Lochan an Tuirc agus, gu tuath air, Tòrr a’ Ghuilbinn. Tha eisimpleir eile ann an Siorrachd Rois, faisg air baile Ghairbh far a bheil Beinn a’ Ghuilbein agus Loch an Tuirc làimh ri chèile anns a’ mhonadh.
Uaireannan, bidh an eileamaid gulbain/guilbinn ceangailte ri feart-tìre a tha ainmichte le muc seach torc. Anns na Tròisichean, tha Beinn Ghulbain (Ben Gullipen OS) os cionn Loch Bheannchair, ann an sealladh Dùn nam Muc agus air taobh thall an locha bho Abhainn an Tuirc, ged nach eil e soilleir carson a tha torc co-cheangailte ri ainm na h-aibhne. A bharrachd air sin, tha Allt nan Sliseag faisg air làimh, air leathad Both a’ Chaisteil. Tha an t-ainm sin a-mach air mar a lorg Fionn Diarmad, air dha ruith air falbh le Gràinne, ùr-bhean Fhinn. Dh’aithnich Fionn obair-làimhe Dhiarmaid anns na sliseagan anns an allt oir bha Diarmad a’ dèanamh bith-beò le bhith a’ dèanamh bhobhlaichean fiodha aig ceann shuas an uillt. Tha an cruinneachadh sin de dh’ainmean-àite timcheall Loch Bheannchair a’ dearbhadh dhòmhsa gun robhar ag innse ‘Diarmad agus Gràinne’ ann an sgìre Chalasraid o shean.

Ann an Srath Spè, tha Beinn Ghuilbin eile ann, tuath air an Aghaidh Mhòir. Don iar-thuath air a’ bheinn, tha ‘An Sloc’ trom bi rathad an A9 a’ dol. Gu h-eachdraidheil, mar a chithear air mapa-airm Roy on 18mh linn, ʼs e Sloc Muice a bh’ air an àite sin. Chan eil na h-ùghdarrasan air gabhail ris gum faodadh gu bheil an t-ainm ceangailte ri sgeulachd agus tha iad dhen bheachd gu bheil e a’ comharrachadh ‘am fear mu dheireadh de thuirc na h-Alba a chaidh a mharbhadh’ an sin (Suirbhidh Òrdanais) no gu bheil toman aig bonn an t-sluic air a bheil cumadh a tha car coltach ri druim tuirc.
ʼS e Torinturk, baile beag faisg air Tairbeart Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal, àite eile far a bheilear a’ cumail a-mach gun d’ fhuaireadh ainm (à Tòrr an Tuirc) a chionn ʼs gun robh an torc mu dheireadh air a mharbhadh ann. Ge-tà, tha e gu math faisg air àiteachan aig a bheil ceanglaichean do bheul-aithris, leithid Dùn a’ Choin Duibh agus Uaigh an Fhamhair (no ‘Giant’s Grave’). Air ais air Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìth tha Leabaidh an Tuirc, far an robh a’ bhiast a’ fuireach, a rèir beul-aithris; tha an t-ainm a’ nochdadh air an dàrna eagran de mhapaichean sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais, agus ʼs e an t-ainm eile a thug na cairt-iùilichean dha – ‘Giant’s Grave’. Bidh fios agaibh nach robh eòlas air beul-aithris no eachdraidh aig an fheadhainn a chruinnich na h-ainmean, agus nach urrainn gabhail ris a’ bheachd gu bheil ainm-àite le torc stèidhichte air bàs an fhir mu dheireadh dhiubh, co-dhiù às aonais tuilleadh fianais.

Dealbh © R MacIlleathain
Tha beinn air a’ chrìch eadar Bàideanach agus Athall ann am meadhan na Gàidhealtachd, faisg air rathad mòr an A9, ainmichte mar An Torc no, ann am Beurla, ‘The Boar of Badenoch’. Thathar ag ràdh gur e cumadh na beinne, a tha rudeigin coltach ri torc le frioghain air a dhruim, as coireach ris an ainm. Tha seo a’ mìneachadh Coire an Tuirc agus Allt an Tuirc a tha ri taobh na beinne agus a tha a’ faighinn an ainmean bhuaipe.

Dè mu dheidhinn àiteachan mar Sròn an Tuirc ann an Dìthreabh Chat, Beinn an Tuirc ann an Cinn Tìre agus an dà àite air a bheil Bad an Tuirc – fear ann an Siorrachd Pheairt agus am fear eile ann an Cataibh? Tha Tom an Tuirc cuideachd ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt, a rèir cunntas eachdraidheil, agus, tha mi cinnteach, bidh gu leòr eisimpleirean eile ann am pàipearan oighreachd is a leithid.
A bheil sgeulachdan no tachartasan eachraidh co-cheangailte ris na h-àiteachan seo a chuireadh an t-ainm-àite am measg ‘ainmean sgeòil’ no ainmean ‘eag-eòlach’ (no an dà chuid!)? Tha feum air tuilleadh rannsachaidh air a’ bheathach shuaicheanta seo air tìr na h-Alba. Agus bu chòir do dh’ainmean ann am muc a bhith am measg sin. Mar eisimpleir, ann an Innis an Iasgaich ann an Ros an Iar, tha Gleann na Muice agus Pollan na Muice. Tha Pollan na Muice ann an sealladh Suidheachan Fhinn air cliathaich na Beinne Tarsainn. An do shuidh Fionn an sin airson sùil a chumail air Diarmaid, agus e a’ strì an aghaidh an tuirc, no an robh e a’ gabhail ùidh ann an gnothach air choreigin eile? Ge bith dè fuasgladh na ceist, tha mi an dòchas gun aontaich sibh rium gu bheil dùthaich iongantach, àlainn againn ann an Gàidhealtachd nan Sgeul!
Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.