An àird a deas air an làimh dheis

Leugh ann am Beurla / Read in English

Bidh feadhainn a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig gu tric a’ gabhail iongnadh gu bheil an aon fhacal againn airson south agus right. Ach tha e furasta gu leòr a thuigsinn nuair a chithear gu bheilear a’ tomhas nan àirdean bhon t-sealladh aig duine a tha a’ coimhead a dh’ionnsaigh an àite far an èirich a’ ghrian aig a’ cho-fhad-thràth. Feumar cuimhneachadh gun robh ar sinnsirean uaireigin ag adhradh don ghrèin anns an dòigh sin. Chithear an aon seòrsa dualchais anns a’ ghnìomhair Bheurla orientate – a tha a’ ciallachadh bho thus ‘a bhith a’ cur d’ aghaidh a dh’ionnsaigh na h-àirde an ear’– no oriens ann an Laidinn (às am faighear am facal orient cuideachd).

Tha ‘an ear’ a’ ciallachadh ‘air beulaibh’ agus tha ‘an iar’ a’ ciallachadh ‘air cùlaibh’. Mar sin, a thaobh àirdean na combaist, tha iad a’ seasamh airson east agus west. Tha ‘an iar’ air a shuidheachadh air cùlaibh duine a tha a’ coimhead a dh’ionnsaigh na h-àirde an ear; ’s ann bhuaithe sin a tha sinn a’ faighinn abairtean mar ‘tha mi air an obair a dhèanamh’. Bho shean, ’s e ‘tha mi iar an obair a dhèanamh’ a chanadh daoine – a’ ciallachadh ‘tha mi an dèidh an obair a dhèanamh’.

Èirigh na grèine ann an Siorrachd Pheairt ©Lorne Gill/NàdarAlba

Nuair a sheasas neach, a’ coimhead a dh’ionnsaigh na h-àirde an ear, ma thogas e a làmh dheas, bidh i a’ comharrachadh na h-àirde a deas. ’S e sin as coireach gu bheil ‘deas’ a’ seasamh airson south a bharrachd air right. Bidh a làmh eile air an taobh tuath; bha ‘tuath’ bho thùs a’ ciallachadh left a bharrachd air north.

Leis gun do dh’èirich na Gàidheil mar shluagh anns an leth-chruinne mu thuath, bha e nàdarrach gum biodh iad a’ coimhead air slighe na grèine san adhar bhon àird an ear don àird an iar tron àird a deas, mar ghluasad nàdarrach (tha a’ ghrian a’ dol gu tuath anns an leth-chruinne mu dheas). ’S e sin as coireach gu bheil sinn a’ tomhas gluasad ‘deiseil’ (leis a’ ghrèin, leis a’ chloc) mar rud fàbharach, agus ‘tuathal’ mar ‘mì-fhortanach’ no ‘mì-nàdarrach’ a bharrachd air ‘an aghaidh spògan a’ chloca’. ’S e ‘partan-tuathal’ a tha sinn a’ gabhail air a hermit crab air sgàth ’s gu bheil e air a thomhas mar chreutair rudeigin mì-nàdarrach.

Partan-tuathal © Graham Saunders/Marine Scotland

Is iongantach mura h-eil a’ mhì-nàdarrachd aig ‘tuathal’ co-cheangailte ris an droch chliù a bha aig clì-làmhachd ann am mòran chultaran Eòrpach, agus an deagh chliù a bha aig deas-làmhachd. Tha am facal Beurla sinister a’ tighinn bhon Laidinn airson ‘clì’ – no ‘ceàrr’, mar a chanar cuideachd ann an Gàidhlig. Agus ann am mòran choimhearsnachdan Gàidhealach, thathar ag ràdh ‘suas gu deas’ agus ‘sìos gu tuath’ – calg-dhìreach an aghaidh dòigh àbhaisteach na Beurla anns a bheilear ag ràdh up north agus down south.

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Gaelic, NatureScot, Uncategorized and tagged , , , , . Bookmark the permalink.