Leugh ann am Beurla / Read in English
Ann an dùthaich a tha cho sìor-uisgeach ri Alba, tha uillt is aibhnichean pailt agus chan eil e na iongnadh gu bheil uiread de dh’fhaclan againn airson a leithid.
’S e abhainn as pailte a th’ againn airson sruth mòr. Thàinig am facal à seann fhreumh Ind-Eòrpach agus tha e dlùth-chàirdeach do avon ann am P-Ceiltis (leithid na Cuimris). ’S iomadh sruth air a bheil ‘Avon’ mar ainm air feadh Bhreatainn air sàillibh dìleab nan Ceilteach. Tha eisimpleirean air a’ Ghàidhealtachd ann an Abhainn a’ Chadh’ Bhuidhe ann am Fanaich agus Abhainn a’ Chaiginn Mhòir ann am Muile. Ann am meadhan is taobh sear na dùthcha tha uisge nas cumanta na abhainn m.e. Uisge Spè, ged a tha uisge cuideachd a’ seasamh airson sruth beag m.e. Uisge na Crìche faisg air Port-adhair Ìle agus Uisge Toll a’ Mhadaidh ann an Achadh an Iasgair (Ros an Iar).

Bha allt bho thùs a’ ciallachadh ‘creag’ no ‘bearradh’. Tha beachd ann, nuair a thàinig na Gàidheil à Èirinn gu ruige Earra-Ghàidheal an toiseach, gum faca iad glinn chasa le bearraidhean, agus uisge an-còmhnaidh ceangailte riutha; ’s e sin a thug an t-atharrachadh air ciall an fhacail. Tha alltain ann cuideachd, mar eisimpleir An t-Alltan Dearg ann an Dùthaich MhicAoidh. Tha leasachaidhean eile ann de dh’allt cuideachd, mar eisimpleir cam-allt (allt lùbach) agus leth-allt (fear le bruach àrd air aon taobh).

Tha feadan a’ ciallachadh sruth beag a ruitheas à loch monaidh m.e. Am Feadan Molach ann am meadhan Leòdhais. Tha sruth ann cuideachd, m.e. An Sruth Geal faisg air Calasraid, agus sruthan m.e. Sruthan nan Nathrach ann an Ìle. Tha caochan a’ ciallachadh sruth mall, gu math tric lùbach, agus falaichte fo fhraoch is lusan eile. Tha am facal stèidhichte air seann fhreumh a bha a’ ciallachadh ‘dall’ – bidh luchd-coiseachd ‘dall’ do a leithid agus tha e furasta cas a bhriseadh le bhith a’ gabhail ceum gun fhiosta a-steach a chaochan. Tha eisimpleir ann an Caochan an t-Sneachda anns a’ Mhonadh Liath. Tha ùidh a’ ciallachadh sruth mall a bhios gu tric a’ ceangal dà loch ri chèile. Tha am facal a’ tighinn bho fhreumh Lochlannach agus ’s ann san iar-thuath as cumanta a nochdas e air mapaichean, m.e. Ùidh Loch na Gaineimh ann an Dìthreabh Chat.
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.