Biolair Uaine an Fhìor-uisg’

Tha Ruairidh MacIlleathain ag innse dhuinn mun ghràdh aig na Gàidheil air a’ bhiolair

Leugh ann am Beurla / Read in English

Anns an dàn-mholaidh mu dheireadh aige do na beanntan air an robh e cho measail, sgrìobh am bàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724-1812) le gràdh, mar a bu dual dha, mun àrainneachd aige. Ann an Cead Deireannach nam Beann, tha Donnchadh – a-nise aig aois 78 agus le ‘trian na h-analach’ aige air chall – a’ sgrìobhadh le gràdh mu na fèidh, eòin is daoine a bhiodh cuide ris anns a’ mhonadh na òige. Ge-tà, chan eil e ag ainmeachadh ach aon lus anns an dàn – agus tha an taghadh aige gu math inntinneach. Seo an rann mu dheireadh:

Mo shoraidh leis na frìthean, O ’s mìorbhaileach na beannan iad,

Le biolair uaine ’s fìor-uisg’, Deoch uasal rìomhach cheanalta;

Na blàran a tha prìseil, Na fàsaichean tha lìonmhor,

O ’s ait a leig mi dhìom iad, Gu bràth mo mhìle beannachd leo’.

Air a’ chiad shealladh, tha an taghadh dhen bhiolair (Rorippa nasturtium-aquaticum) car annasach. Chan eil an lus gu sònraichte iongantach no drùidhteach, no eadhon tearc. Ach bha e a’ riochdachadh rudeigin sònraichte anns na beanntan do Dhonnchadh, agus tha am bàrd a’ dèanamh iomradh air a-rithist ann an cuid de na dàin-nàdair eile aige. Ann am Moladh Beinn Dòrain, mar eisimpleir, tha e a’ sgrìobhadh mun eilid, agus i ag òl fìor-uisge an fhuarain far a bheil a’ bhiolair a’ fàs (ged a tha e a’ cleachdadh riochd eile – biolaire – airson ruitheam an dàin a ghlèidheadh:

            Fuaran anns am bi biolaire gun dìth,

            ʼS mìlse leath’ na ʼm fìon, ʼs e gun òladh i

A’ bhiolair. Dealbh © Ruairidh MacIlleathain

Ciamar a bhiodh fios aig Donnchadh air mìlseachd uisge an fhuarain mura robh e air a ghabhail e fhèin? Tha amharas agam gur e an ceangal do dh’uisge, air an robh na Ceiltich riamh measail, a tha ag adhartachadh an lusa ann an cogais a’ bhàird. Ma ghabhas creideas a chur ann an tuairisgeul Dhonnchaidh dhen àrainneachd, bha a’ bhiolair mòran na bu chumanta ri a linn fhèin na tha e an-diugh. Seo a bheachd on dàn-nàdair air leth aige – Coire a’ Cheathaich – anns an do rinn e cunntas mu àite air an robh e fìor eòlach nuair a bha e na fhorsair agus na shealgair:

Tha mala ghruamach den bhiolair uaine

Mun h-uile fuaran a th’ anns an fhonn …

Tha am bàrd a’ cleachdadh ‘uaine’ mar dhòigh gus ruitheam agus comhardadh fillte na bàrdachd a ghleidheadh, ach tha am buadhair cuideachd a’ soilleireachadh dè an gnè air a bheil e a-mach, agus ‘biolair’ a’ nochdadh ann an ainmean lusan eile, leithid a’ bhiolair-ghriagain (flùr na cuthaig). Tha biolair(e) leis fhèin a’ seasamh airson nam biolairean (watercresses) air fad, agus bidh cuid a’ gabhail biolair-Fhrangach air an t-seòrsa a th’ air a reic gu coimeirsealta. Uaireannan, bithear a’ gabhail biolair-uisge no biolair an fhuarain air an t-seòrsa fhiadhain a dh’fhàsas ann an Alba.

Chan eil tùs an fhacail biolair soilleir ach tha Alasdair MacBheathain anns an fhaclair aige, Etymological Dictionary of the Gaelic Language, a’ toirt dhuinn biror mar sheann ainm dhi. Math dh’fhaodte gu bheil sin a’ riochdachadh na h-àrainn uisgich aice oir bha bir a’ ciallachadh ‘uisge’ no ‘tobar’ anns an t-seann aimsir. Tha a’ bhiolair cuideachd aithnichte mar dobhar-lus no dobhrach ‘lus-uisge’, a-rithist stèidhichte air facal àrsaidh airson ‘uisge’ (dobhar). Ge-tà, tha Iain Camshron anns an leabhar aige ‘Gaelic Names of Plants’ (1883) ag ràdh gu bheil biolair a’ buntainn ri rudeigin a dh’obraicheas mar shnaoisean anns an t-sròin, an aon chiall a th’ air nasturtium ann an ainm saidheansail an lusa (b’ e Nasturtium a bh’ air uaireigin aig ìre genus).

Tha e car inntinneach, ma-thà, ann an Òran an t-Samhraidh gu bheil Donnchadh ag ainmeachadh mo roghainn de shnaoisean sròine e anns an rann ron fhear sa bheil e a’ moladh na biolaire. Ge-tà, tha e coltach gu bheil an tuairisgeul a’ buntainn ris a’ chraoibh-bheithe seach a’ bhiolair. Seo an ceathramh anns a bheil e a’ dèanamh iomradh air a’ bhiolair:

ʼS a’ bhiolair luideach, shlìom-chluasach,

Glas, chruinn-cheannach, chaoin, ghorm-neulach

Is i fàs glan, uchd-àrd, gilmeanach

Fo bhàrr geal, iomlan, sònraichte …

Bha a’ bhiolair na shamhla de bheanntan le cliathaichean làn allt ach bha i cuideachd feumail don t-sluagh mar bhiadh fiadhain. Tha Iain Camshron ag innse dhuinn gun robh i cudromach gu sònraichte do dhaoine bochda. Gabhaidh an uiread a tha a’ fàs a thoirt am meud le bhith ag obair air na drèanaichean air talamh croitearachd agus tha i math mar bhiadh le tòrr bheothaman innte. Ach, ged a bhios feadhainn ga sanasachd an-diugh mar dheagh bhiadh amh, bhiodh na seann Ghàidheil mar bu trice ga bruich. Bha ‘brot biolarach’ air a chlàradh, mar eisimpleir, ann an Colbhasa.

Math dh’fhaodte gun robh fìor dheagh adhbhar airson a goil (agus a pronnadh ro làimh). Ma tha sprèidh beò ri taobh an uillt no lochain anns a bheil a’ bhiolair a’ fàs, tha teans ann gum bi an glup a’ tighinn beò ann – agus faodaidh sin slàinte dhaoine a chur ann an cunnart. Thathar a’ comhairleachadh luchd-rùrachaidh a bhith a’ gearradh an lusa le siosar os cionn an uisge ach ʼs dòcha gur e an aon bhiolair a tha gu tur sàbhailte an tè a th’ air a cinntinn ann an lòin far nach eil sprèidh faisg.

Faodaidh a’ bhiolair a bhith a’ fàs ann am pailteas agus furasta a bhuain. Ach, a dh’aindeoin sin, bidh an t-ùghdar a’ seachnadh a buain anns an àite shuas (air talamh ìosal air taobh an iar na Gàidhealtachd) a chionn ʼs gum bi caoraich faisg air làimh. Dealbh © Ruairidh MacIlleathain

Do na seann Ghàidheil, cha robh a’ bhiolair cudromach a-mhàin mar bhiadh – bha i cuideachd air a cur gu feum mar leigheas airson a’ chnatain, a’ chnatain mhòir agus fiabhrasan. Bhiodh an luchd-siubhail ga h-ithe airson feabhas a thoirt air duine a bh’ air fàs sgeitheach an dèidh dha a bhith a’ smocadh cus tombaca. Anns na beagan deicheadan a dh’fhalbh, tha e coltach nach robhar ga cleachdadh anns a h-uile àite air a’ Ghàidhealtachd. A’ bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal anns an Lùnastal 2000, thuirt Donaidh MacRuairidh (1929-2005) à Stadhlaigearraidh ann an Uibhist a Deas nach robhar ga cleachdadh gu mòr ann an Uibhist, ach gun d’ fhuair e a chuid eòlais oirre bho a mhàthair a bhuineadh do Thiriodh. Chuireadh e fìon-geur anns a’ phoit agus bheireadh e a’ bhiolair gu goil airson ùine glè bheag gus nach biodh am Beothaman C air a sgrios. Anns an agallamh aige (faic Tobar an Dualchais), tha e a’ bruidhinn mu eachdraidh mhòr cleachdadh an lusa anns an Roinn Eòrpa, a’ dol air ais cho fada ris na Ròmanaich agus na Seann Ghreugaich.

B’ e Alasdair mac Mhaighstir Alasdair sàr-bhàrd eile a rinn iomradh air a’ bhiolair na bhàrdachd. Ann an Allt an t-Siùcair, a sgrìobh e mu àite ann an Àird nam Murchan, tha seo aige:

Gur milis, briosg-gheal, bùrn-ghlan

meall-chùirneanach ’s binn fuaim,

bras-shruthain Allt-an-t-Siùcair

ri torman siùbhlach, luath;

gach biolair ’s luibh le ’n ùr-ròs

a’ cinntinn dlùth mu bhruaich,

’s e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor

dhan t-subhachas mun cuairt.

Tha a’ bhiolair cuideachd a’ nochdadh gu h-annasach mar ainm pearsanta aig fear de na Fianna, ann an sgeulachd thraidiseanta a chaidh a chruinneachadh ann an sgìre Gheàrrloch. ’S e prìomh charactar an sgeòil Mac Gille Mhaoil na Cruit a tha a’ tighinn a dh’fhuireach le fear Dòmhnallach ann an Inbhir Àsdail, agus aig a bheil stòras iongantach de bheul-aithris mu na Fianna. An dèidh a bhàis, tha e air a thiodhlacadh ann an suidheachadh truagh, agus tha uachdaran Gheàrrloch, MacCoinnich, a’ gabhail aithreachas mòr nach d’ fhuair e an tiodhlacadh urramach air an robh e airidh, oir b’ e ainm ceart (nach deach a mhìneachadh) Biolair Uasal MacFhinn. An e sin ainm luibheach airson Oisean – air a bheil ainm ainmhidheach a tha a’ ciallachadh ‘fiadh beag’ – a’ cleachdadh lus air a bheil inbhe a tha rudeigin co-ionann ri inbhe an fhèidh?

Ged a tha i a’ nochdadh ann am bàrdachd, chan eil a’ bhiolair cumanta ann an ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd. ʼS aithne dhomh aon eisimpleir far an nochd i – an Lòn Biolaireach deas air Loch Phrìosa ann am Muile. ʼS e Allt an Lòin Bhiolairich (Allt an Lòn Biolaireich aig an t-Suirbhidh Òrdanais) a ruitheas tron lòn, ach tha a’ chuid as motha dhen cheàrnaidh sin a-nise fo dhuilleach coille neo-dhùthchasach.

An Lòn Biolaireach ann am Muile. Chaidh am mapa a dhèanamh anns na 1920an, mus deach a’ cheàrnaidh seo a chòmhdachadh le coille neo-dhùthchasach, a dh’atharraich coltas na tìre. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha a’ bhiolair a’ nochdadh ann an òrain Ghàidhlig corra uair. Mar eisimpleir, anns an òran bhasaidh Latha Siubhal Beinne Dhomh – fear a bhite a’ gabhail gu tric aig deireadh luadhaidh – tha fear ag innse mar a thachras e ri nighean bhòidheach a tha a-muigh a’ cruinneachadh neòineanan agus a’ buain na biolaire. Tha e ag iarraidh oirre pòg a thoirt dha, ach tha i ga dhiùltadh, ag ràdh nach eil ann ach bodach ròmach, agus gum buin ise do fheadhainn a tha nas uaisle na esan!

Tha an luinneag Cailleach Beinn a’ Bhric fhathast gu math aithnichte ann an coimhearsnachd nan Gàidheal. Tha i ag aithris mu chailleach na beinne – a thathar a’ tomhas mar bhan-dia phàganach a bhiodh a’ dìon (agus a’ bleoghann) fèidh a’ mhonaidh. Anns an rann mu dheireadh, tha a’ chailleach ag ainmeachadh an lusa as fheàrr leatha – a’ bhiolair. Seo dreach dhen òran a chaidh a chruinneachadh anns an Eilean Sgitheanach:

B’ annsa leam a’ bhiolair uain’,

A’ bhiolair uain, a’ bhiolair uain’,

B’ annsa leam a’ bhiolair uain’,

Bhitheadh air bruthach nam fuar-bheann àrd.

Ach tha an dreach a chaidh a chruinneachadh ann an Gleann Moireasdain nas ciallaiche dhòmhsa, gu h-àraidh nuair a tha mi a’ beachdachadh air an àrainn far am fàs an lus – agus gun robh a’ chailleach (thùsail?) à Beinn a’ Bhric (no às a’ Bheinn Bhric) ann an Loch Abar co-cheangailte ri fuaran air a’ bheinn a tha fhathast air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais (Fuaran Cailleach Beinn a’ Bhric, NN313640). Anns an dreach seo, a chaidh a chruinneachadh le Alasdair MacDhòmhnaill, ùghdar an leabhair ‘Story and Song from Loch Ness-side’ (d.231), ʼs e an loidhne mu dheireadh Bhitheadh air bruach an fhuarain àird. Sin dìreach far am bi a’ bhiolair a’ fàs.

Bheir mi an cunntas seo gu ceann le naidheachd bheag aig Iain Camshron a dh’innseas dhuinn mu ‘sheann saobh-chràbhadh annasach a thaobh cumhachd an lusa seo mar gheas airson mèirle bainne a thoirt gu buil’. Seo an cunntas aig a’ Chamshronach, air a thionndadh gu Gàidhlig: ‘O chionn ùine nach eil fada, bha seann bhoireannach air a lorg, air madainn Cèitein, aig fuaran, agus i a’ gearradh nan ceann far nam biolairean le siosar, a’ cantainn fhaclan neònach agus ainmean dhaoine leis an robh crodh-bainne, cuide ris na faclan “ʼS leamsa leth do chuid-sa”. Bhiodh i a’ cantainn nam faclan seo a-rithist agus a-rithist mar a gheàrr i gach bàrr-lusa, a bhiodh a’ riochdachadh pearsa an duine on ghoideadh i a bhainne agus uachdar.’

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Folklore, foraging, Gaelic, History, NatureScot, plants and tagged , , , , , , . Bookmark the permalink.