Sruthan ‘caoch’ a’ Mhonaidh

Tha dualchas gu leòr co-cheangailte ri ‘caochanan’ na Gàidhealtachd, mar a tha Ruairidh MacIlleathain a’ mìneachadh.

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha beinn mhòr ann eadar Athall agus Màrr air a bheil An Sgarsoch mar ainm. Tha dùil gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh ‘àite nan clachan geura’ agus tha Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais ag innse dhuinn gu bheil a’ bheinn còmhdaichte le fraoch agus clachan. Don earra-dheas oirre, tha grunn mhullaichean ann agus, air an taobh dheas aig fear aca, tha trì sruthan, agus iad a’ giùlain prìomh eileamaid eadar-dhealaichte sna h-ainmean aca. Tha iad uile a’ ruith chun an Uisge Tharbh no, mar a tha e air a’ chuid as motha de mhapaichean, Tarf Water. Tha an t-àite seo cho math ri gin airson ur cur an aithne an fhacail caochan.

ʼS e an sruth as fhaide siar Fèith nam Fuaran, a tha ag èirigh à fuarain ann am bealach gu tuath. Tha fèith na fheadan-uisge a th’ air a chuairteachadh le mòine, ach tha e cuideachd a’ riochdachadh ball-bodhaig caol agus fada. ʼS e Allt Coire an t-Saighdeir a th’ air an t-sruth as fhaide sear mar ainm. Gu tric, bithear ag ràdh gu bheil allt a’ seasamh airson sruth-uisge (sam bith) ann an ainmean-àite Gàidhlig, ach tha faclair Dwelly a’ toirt dhuinn nan ciallan seo – ‘mountain stream’ agus ‘river with precipitous banks’. Tha dùil gun tàinig e thugainn bho chànan nan Cruithneach agus gu robh e a’ ciallachadh ann an Cruithnis ‘bearradh’ no ‘creag àrd’ (tha am facal Beurla altitude càirdeach dha). Ann an Alba, bhiodh allt (leis an t-seann chiall) gu tric co-cheangailte ri uisge a bha a’ sruthadh.

Anns a’ mheadhan, eadar an fhèith agus an t-allt, tha Caochan nan Laogh. Ciamar a dh’aithnicheamaid caochan bho fhèith mhòinteach agus allt creagach? Uill, bidh fios aig cuid agaibh gu bheil caoch a’ ciallachadh ‘dall’ no ‘falamh’ – ʼs e cnò chaoch a chanas sinn ri cnò-challtainn anns nach eil eitean. Ge-tà, ann an dùthaich mar Alba, chan ann tric a bhios amar-uisge sam bith às aonais uisge, agus ʼs e a’ chiall eile air caoch a tha a’ buntainn ri sruthan. Tha caochan ‘dall’ anns an t-seagh ʼs gu bheil e cha mhòr còmhdaichte le lusan (leithid fraoich) agus mar sin fìor dhoirbh fhaicinn. Is mathaid gun cluinnear borbhan ach uaireannan cha dèan caochan fuaim sam bith. Cumaibh ur sùilean fosgailte ma tha sibh a’ coiseachd ann an dùthaich chaochanach oir bhiodh e furasta gu leòr adhbrann a bhriseadh ann.

ʼS e caochan sruthan car mall a tha doirbh fhaicinn oir tha e gu ìre mhòr còmhdaichte le lusan, leithid fraoich. An siud ʼs an seo, bidh glumagan a’ nochdadh ann, mar a chithear gu h-àrd. Nam biodh an sruth na b’ fhosgailte air fheadh, math dh’fhaodte gur e ‘fèith’ a bhiodh air mar ainm, seach ‘caochan’. Dealbh © R MacIlleathain

Mar a tha cumanta air a’ Ghàidhealtachd, tha àiteachan eile làimh ris an t-sruth le ainmean stèidhichte air. Tha seann àirigh (no ruigh) ann air a bheil Ruigh Caochan nan Laogh; os a chionn tha Bràigh Coire Caochan nan Laogh. Tha dùil gur e laoigh cruidh, seach laoigh fèidh, a thathar a’ ciallachadh an seo, oir tha e faisg air àirigh. Tha cnoc ann cuideachd air a bheil Cnapan nan Laogh.

Tha caochanan eile a’ sruthadh far a’ mhonaidh làimh ris an Sgarsoch. Tha Caochan na Macranaich a’ tighinn far Sròn na Macranaich. Tha mi dhen bheachd gu bheil ‘macranaich’ a’ ciallachadh ‘gràisg òigridh’ (mura h-eil fios aig leughadair air a’ chaochladh); tha an Caochan Riabhach Mòr agus an Caochan Riabhach Beag ann (le ‘riabhach’ a’ dèanamh tuairisgeul air coltas nan lusan ri taobh an t-srutha); agus tha Caochan na Cuairte a’ gabhail slighe chuairteach (leth-chearcallach) far cliathaich an ear na beinne.

Seo agaibh eisimpleirean de chaochanan ann an sgìrean eile air a’ Ghàidhealtachd: tha Caochan an t-Sneachda ann an Srath Fharagaig faisg air Loch Nis; tha Caochan an Leathaid Bhàin ann an Athall, Siorrachd Pheairt; ʼs e tuairisgeul brèagha a th’ ann an ainm Caochan Crom nan Eag faisg air Uisge Tuilnein anns a’ Mhonadh Liath, agus tha Caochan na Feòraige anns an aon sgìre (ann an àite far a bheil craobhan gann an-diugh). Tha Caochan Lùb ann an Gleann Fèithisidh ann am Bàideanach; tha seann bhaile dhen aon ainm gu tuath air sin ann an Obar Neithich (agus Cuchanlupe air ann an dreach na Beurla). Bha an t-àite sin ainmeil gu h-ionadail airson obair na poite-duibhe – tha fhios gun robhar a’ cleachdadh uisge on Chaochan Lùb airson an t-uisge-beatha a dhèanamh! Ann an Gleann Oirinn siar air Inbhir Pheofharain tha seann bhaile eile le caochan san ainm. ʼS e Tyacaochan a th’ air na mapaichean agus tha fhios gur e sin Taigh a’ Chaochain anns a’ Ghàidhlig thùsail; tha e ri taobh sruthan air a bheil An Caochan mar ainm.

Tha Caochan an Eich Bhuidhe agus Caochan Greusaiche a’ tighinn còmhla faisg air an rathad-iarainn deas air Stèisean Raineach ann an Siorrachd Pheairt. Air gach taobh dhiubh, tha Allt an Fhail agus Allt Crìche. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha an t-eitneòlaiche agus cairt-iùiliche Gàidhealach, Raghnaid Sandilands, air sùil gheur a thoirt air na caochanan faisg air a dachaigh anns a’ mhonadh eadar Srath Narann agus Srath Èireann, a’ lorg 27 dhiubh air a’ chiad eagran de mhapa 6-òirlich na Suirbhidh Òrdanais. Tha na h-ainmean orra, agus an dualchas co-cheangailte riutha, air leth inntinneach. Mar eisimpleir, tha na trì seo ann – Caochan na Poite (far an robhar a’ dèanamh uisge-beatha, tha fhios), Caochan na h-Earbaige agus Caochan na Mòine Guirme.

Anns a’ bhloga aice tha Sandilands ag innse dhuinn, de na 27 caochanan aice, nach eil ach trì a’ nochdadh air a’ mhapa 1:50 000 an-diugh, a’ sealltainn cho furasta ʼs a tha e dualchas a chall am measg dhaoine nach cleachd ach mapa aig an sgèile sin. Tha na mapaichean 1:25 000 nas fheàrr, agus mholainn iad do dhaoine aig a bheil ùidh ann an caochanan agus an ainmean. Ach math dh’fhaodte gun còrdadh e ribh dhol air ais do na seann mhapaichean sia-òirlich de na h-àiteachan as fheàrr leibh agus na caochanan a lorg dhuibh fhèin.

Caochan Dubh a’ Chadha anns a’ Mhonadh Ruadh. Air taobh sear na Gàidhealtachd, bidh cadha uaireannan a’ ciallachadh ‘leathad’, seach bealach no slighe-choiseachd mar a tha air an taobh an iar. Ach an seo, tha e ri taobh slighe-choiseachd a tha a’ dol tro Eag a’ Chait ‘the notch of the wildcat’, deas air Loch Morlaich. Dealbh © R MacIlleathain

Bha cuid de chaochanan, nach eil eadhon air na mapaichean 6-òirlich, air an clàradh le feadhainn a chruinnich ainmean-àite. Am measg sin, tha feadhainn a fhuair Adhamh MacBhàtair agus Ealasaid NicAilein bho dhaoine ann an ceann shuas sgìre Dhè ann an Siorrachd Obar Dheathain. Dh’fhoillsich iad na h-ainmean anns an leabhar aca The Place Names of Upper Deeside (Aberdeen University Press 1984). Gu mì-fhortanach, cha robh ach mìle lethbhreac dhen leabhar phrìseil seo air a chlò-bhualadh.

Bheir mi dìreach aon eisimpleir dhuibh bhon leabhar. Tha Caochan Dùird Mòr agus a nàbaidh Caochan Dùird Beag anns a’ mhonadh ann am Frìth Mhàrr aig NO 013857 agus NO 016854. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘an caochan crònanach’. Nach eil sin snog?! Agus tha e taiceil cuideachd oir, mura faic sibh na sruthan ‘caoch’ seo, tha teans ann gun cluinn sibh iad!

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Folklore, Gaelic, History, mapping, NatureScot and tagged , , , , , . Bookmark the permalink.