Mathas na Mara à Brùchdan

Faodaidh brùchdan a’ gheamhraidh air a’ chladach feamainn bhlasta a chur ri daithead an rùrachair

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha na Gàidheil eòlach gu leòr air an fhacal brùchd. Tha e a’ ciallachadh ‘maoim’ no ‘briseadh obann’ no ‘am fuaim a nithear le bhith a’ leigeil gasaichean às a’ bheul’ – am fear mu dheireadh ann an dòigh a dh’fhaodas a bhith mì-mhodhail. Ge-tà, chan eil mì-mhodh sam bith co-cheangailte ri brùchd air a’ chladach. Gu dearbh, bidh feadhainn a tha an sàs ann an rùrachd a’ faighinn biadh o bhrùchd feamainn a nochdas air a’ chladach an dèidh stoirm as t-fhoghar no sa gheamhradh.

Brùchd feamainn far a bheil an fheamainn bhuilgneach anns a’ mhòr-chuid, agus a tha feumail airson talamh àitich fheamnadh. ʼS iad brùchdan mòra a’ gheamhraidh, a nochdas an dèidh stoirm mhòr, as motha a tharraingeas an rùrachair, oir uaireannan bidh ceilpean ann, leithid langadal agus mircean. Dealbh ©R MacIlleathain

Air cladaichean na h-Alba, agus gu sònraichte anns na sgìrean machaireach anns na h-Eileanan an Iar, bha, agus bidh, gu leòr de dhaoine a’ feitheamh ri brùchd gus am faigh iad stuth airson fearann-àitich fheamnadh. Le brùchd, bidh an fheamainn geàrrte agus deiseil airson togail agus sgaoileadh. Uaireannan bidh daoine ga cruinneachadh anns a’ mhionaid, eagal ʼs gum bi an ath làn ga sguabadh air falbh. Ach, far am bi stoirm mhòr ga cur air an tiùrr aig ceann shuas a’ chladaich (canaidh sinn tiùrr-brùchd no brùchd tiùrra rithe), agus ma thèid a fàgail ann greis, bidh i a’ dol dubh. ʼS e brùchd-dubh a chanas sinn ri a leithid (gu h-iongantach!). Bha uiread de dh’fhèill air a’ bhrùchd san t-seann aimsir ʼs gu bheil àite ann an Leòdhas air a bheil Geodha na Brùchd (Geodha nam Brùchd? oir tha brùchd fireanta). Tha sin aig NB369085 faisg air beul Loch Sealg far nach eil sluagh a’ fuireach an-diugh.

Geodha na Brùchd air costa sear Leòdhais faisg air beul Loch Sealg. Chan eil sluagh ann an-diugh ach tha an t-ainm-àite a’ sealltainn dhuinn gun robh daoine ann uaireigin a bha a’ cur feum air toradh na mara. Tha seo bho mhapa 6-òirlich na Suirbhidh Òrdanais, dàrna eagran. Chan fhaicear an t-ainm air mapaichean an latha an-diugh.
Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha mi ag iarraidh fios a thoirt seachad air mar a dh’fhaodas rùrachair feum a dhèanamh de bhrùchd. Anns a’ chiad dol a-mach tha e cudromach nach tèid e cho fada ʼs gum bi e na bhrùchd-dubh! Gu dearbh, ʼs fhiach a dhol a-bhàn don chladach goirid an dèidh stoirm airson faicinn dè thàinig gu tìr. Gu math tric, bidh na feamainn dìreach mar a lorgar a’ fàs air a’ chladach aig àm àbhaisteach, leithid a’ ghlasag, a’ ghlasag chaolanach, propach, an fheamainn bhuilgeanach agus stamh.

Mar luchd-rùrachd, cha leig sinn a leas dragh a ghabhail mu na gnèithean sin. Tha e a cheart cho math glasag agus glasag chaolanach a chruinneachadh o na h-àiteachan far am bi iad a’ fàs air a’ chladach. Ach bu mhath leam iomradh a dhèanamh air dà alga dhonn a tha nan ‘neamhnaidean’ a thig gu tìr an cois brùchd. Mura b’ e sin, bhiodh againn ri snàmh no dàibheadh air an son.

Anns a’ chiad dol a-mach tha mircean, a tha aithnichte cuideachd mar meilcean, gruaigean agus muirinean. Ann am Beurla, canaidh daoine badderlocks, dabberlocks no winged kelp ris. Tha e gu math aithnichte mar ghnè a ghabhas ithe, le eachdraidh fhada de bhith air a chur gu feum ann an Alba, Èirinn, Innis Tìle agus Graonlann. Tha na frondaichean fada is mìn, cha mhòr iteach ann an coltas, le cnàimh a’ ruith suas am meadhan. Gu traidiseanta, bhiodh na Gàidheil a’ cagnadh air a’ chnàimh amh, agus bha clann gu math measail air. Smaoinichibh!

Mircean a thàinig gu tìr ann an stoirm. Chithear an cnàimh agus, aig a’ bhonn, an duilleach – air am biodh na seann Ghàidheil gu sònraichte measail mar bhiadh. Gheibhear grèim air an fheamainn seo aig àm an reothairt ma tha sibh deònach ur casan fhliuchadh. Mas ann à brùchd a gheibhear mircean airson ithe, dèanaibh cinnteach gun deach a sguabadh air a’ chladach leis an làn mu dheireadh. Chan eil math dhuibh a bhith ag ithe feamainn sam bith a th’ air a bhith marbh air a’ chladach fad greis. Gabhaidh i cleachdadh mar thodhar! Dealbh ©R MacIlleathain

Thathar a’ meas nam frondaichean smocte gu math blasta, agus thathar a’ dèanamh dheth cuideachd gum bi an lus a’ fàs nas mìlse le aois. Bhiodh na Gàidheil gu sònraichte dèidheil air duilleach a’ mhircein – duilleagan spòrach a nochdas ann am bagaidean faisg air bonn a’ frond, os cionn a’ ghreimeachain. Tha iad coltach ri duilleagan beaga leatharach, agus canaidh daoine earball-sàile ri gach tè dhiubh. Tha am blas, nuair a tha iad air am fraidhigeadh ann an ìm, na mheasgachadh air leth de bhlas chnothan agus salainn. Agus, a bharrachd air sin, tha an fheamainn seo làn bheothaman A, B, C agus K.

Mas e neamhnaid a th’ ann am mircean, mar a nochdas e ann am brùchd geamhraidh, tha langadal na dhaoimean. ʼS e ceilp mhòr a th’ ann, le frondaichean fada neo-chnàimheach air a bheil oirean liorcach. Canaidh na Gàidheil leathag ri frond na feamainn seo. Bidh langadal ri lorg aig doimhneachd suas ri 30 meatair far nach fhaigh ach dàibhear cothrom a chruinneachadh – ach a-mhàin nuair a nochdas e ann am brùchd. Tha grunn ainmean Gàidhlig air, leithid ròc (agus roc), smeartan, milearach agus mìlsean-mara. Tha an t-ainm mu dheireadh car coltach ri ainmean Beurla airson na feamainn seo – sweet kelp, sugar kelp agus sweet sea-tangle. Tha am mìlsead a’ tighinn bho alcol siùcarach ris an canar mannitol. Bha langadal uaireigin air a reic mar chriospaichean le ceannaichean-sràide ann an Dùn Èideann.

Mar a tha le mircean, bidh langadal a’ fàs nas mìlse le aois. A bharrachd air a bhith math mar chriospaichean, cuiridh e gu mòr ri stir-fry, leis na frondaichean cagainneach agus blasta. Faodar an glanadh, sliseagadh agus reothadh airson cleachdadh a-rithist tron gheamhradh. Mar sin, nuair a nochdas brùchd air an tràigh as fhaisge oirbh, thoiribh sùil airson leathagan de langadal agus geàrraibh dheth na bhios a dhìth oirbh. Ach seo rabhadh – uaireannan bidh sgreigeagan beaga bìodach gan acrachadh fhèin ann am pailteas air na frondaichean as sine, agus feumar sùil a thoirt air an son fo sholas soilleir. Agus dèanaibh cinnteach gu bheil feamainn a bhios sibh a’ cleachdadh mar biadh ùr-nodha air a’ chladach, air a sguabadh ann leis an tìde-mhara mu dheireadh.

Tha an t-ùghdar (meadhan) a’ sealltainn leathag mhòr de langadal do dh’oileanaich aige air a’ chladach ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach. Thàinig i gu tìr air stoirm samhraidh. Dealbh ©R MacIlleathain

Ma chruinnicheas sibh cus langadail à brùchd, na gabhaibh dragh – bidh e a’ dèanamh todhar math sa ghàrradh. Tha e math cuideachd airson innse cuin a tha an t-uisge gu bhith ann, agus bhiodh iasgairean gan crochadh a-muigh airson sin. Gabhaidh na frondaichean tiormaichte deathach a-steach bhon èadhar agus chithear bhon cumadh gu bheil an t-uisge air an t-slighe.

Dìreach mar dhearbhadh gum bi daoine adhartach a’ dèanamh feum às ùr de ar feamainn dhùthchasach, thathar a’ cumail a-mach gu bheil blas air leth air sine a th’ air a dhèanamh anns na h-Eileanan an Iar, le langadal mar phàirt dhen reasabaidh. Agus far cladach Sgalpaigh ri taobh ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, thathar a’ coimhead air mar a dh’fhàsas langadal ri taobh tuathanas-bhradan far am bi mèinnearan a bharrachd anns an uisge. Tha an rannsachadh seo ag amas air langadal a ghabhas reic mar bhiadh, ach math dh’fhaodte gum bi cothroman a bharrachd an cois na feamainn seo, agus i air a cleachdadh airson alcol connaidh a chruthachadh.

Bidh feadhainn a’ cumail a-mach gur e an geamhradh àm truagh airson rùrachd, agus daoine dìreach a’ cur gu feum na chruinnich iad tro na ràithean blàtha. Ach chan eil sin fìor ma tha cothrom agaibh dhol gu cladach (agus bheir sinn sùil air maoraich ann am blog eile!). Gu sònraichte, chan eil e fìor ma bhios cothrom agaibh feamainn a chruinneachadh a thàinig às a’ mhuir ann am brùchdan a’ gheamhraidh – mathas mòr na mara!

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in autumn, beach, beaches, biodiversity, coastal, Folklore, foraging, Gaelic, History, Marine, NatureScot, sea life, Uncategorized, winter and tagged , , , , , , . Bookmark the permalink.