Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air a’ bhroc ann am beul-aithris, litreachas agus eòlas-tìre nan Gàidheal
Leugh ann am Beurla / Read in English
Tha àite air a bhith aig a’ bhroc fad linntean ann am beul-aithris nan Gàidheal, ged nach urrainn a ràdh gun robhar a’ dearbhadh urram don ainmhidh seo. Ged a tha e a’ fuireach ann am broclaichean agus, mar sin, gur e beathach sòisealta a th’ ann, bha na Gàidheil riamh ga thomhas mar chreutair car greannach. Chì sinn sin anns an t-samhladh cho gnù ri broc. ʼS iad samhlaidhean eile cho leisg ris a’ bhroc agus cho cruaidh ris a’ bhroc; bithear ag amas na h-abairt mu dheireadh air daoine a tha car mosach. Chan eil moladh mòr an cois gin dhiubh sin! A’ cur ris an droch bheachd, tha an seanfhacal chan iarr am broc na shloc ach e fhèin. Ann an Carmina Gadelica, tha Alasdair MacIlleMhìcheil a’ toirt na h-abairt seo dhuinn: tha e a’ cur bhroc às a ladhran; bhite ag ràdh sin mu dheidhinn duine a bha a’ stampadh a chasan le fearg.
Chan eil tùs an fhacail broc soilleir ach tha e gu math sean, agus tha faclan càirdeach anns a h-uile cànan Ceilteach. Thathar a’ smaoineachadh gun deach a thoirt a-null don Bheurla agus Albais bho chànan Ceilteach aig tràth-ìre, a’ toirt dhaibh brocc, brock agus brok a chluinnear fhathast ann an dualchainntean na Beurla. Mar anns a’ Ghàidhlig, bhite a’ cleachdadh an fhacail ann am Beurla uaireannan airson dì-meas a dhearbhadh, leis a’ bhuadhair ‘stinking’ leis. ʼS iad ainmean eile airson a’ bhruic a chaidh a chlàradh – stiallair(e) ‘fear le stiallan’, stiall-chù agus strianach, agus iad uile a-mach air na stiallan dubha air ceann an ainmhidh. Tha am facal tùidean ann cuideachd, stèidhichte air an fhreumh tùd ‘boladh, droch fhàileadh’, ged a dh’fhaodas sin a bhith ag ainmeachadh beathach sam bith air a bheil samh. Chanainn gu bheil gaisgeach a dhìth air a’ bhroc bhochd airson ìomhaigh phoblach a thoirt am feabhas!

Ged a bhios daoine a’ bruidhinn mu ‘leisg’ a’ bhruic, bhathar ag aithneachadh gum biodh e ri saothair chruaidh as t-fhoghar airson dèanamh cinnteach gun robh an sloc aige deiseil airson a’ gheamhraidh. Canaidh sinn Gealach a’ Bhruic no Gealach Bhuidhe nam Broc ris a’ ghealaich mhòir làin anns an Dàmhair – a dh’innseas dhuinn, ma tha i soilleir, gu bheil aimsir mhath romhainn. ʼS e as coireach ris an ainm gum bi am broc a-muigh air an oidhche, a’ cleachdadh solas na gealaich sin airson boitean (cnap de dh’fheur tioram) a thiormachadh le bhith ga thionndadh – no, mar a chanas sinn, a chaoineachadh. Bithear ag ràdh gum bi am broc a’ caoineachadh a bhoitein mar a bhios croitear a’ caoineachadh feur air a’ chroit le bhith ga thionndadh gus an tiormaich e fo bhuaidh na grèine agus na gaoithe. Am-bliadhna, bha Gealach a’ Bhruic air an 9mh latha dhen Dàmhair – am faca sibh fhèin bruic a-muigh air an oidhche sin?!

Dealbh ©Ruairidh MacIlleathain
Chan eil bruic a’ nochdadh gu tric ann an litreachas na Gàidhlig, ach bidh iad ann an siud ʼs an seo. Thathar a’ cumail a-mach gu do chruthaich a’ bhana-ghaisgeach ainmeil Deirdre an dàn meadhan-aoiseach Gleann Measach Iasgach Linneach, ged a tha e nas coltaiche gur e bàrd gun urra a ‘chuir’ na faclan na beul. Tha Deirdre a’ taisbeanadh a mòr-ghaoil don ghleann aice ann an Alba nach fhaic i gu bràth tuilleadh. ʼS e àite a th’ ann far a bheil a’ chuthag, an smeòrach, an lon-dubh, an earba agus an dobhran, a bharrachd air gobhair, ealachan, bradain – agus bruic. Tha mi a’ toirt eadar-theangachadh Beurla a chionn ʼs gu bheil a’ Ghàidhlig cho sean agus doirbh a thuigsinn:
Gleann na gcaorthann go gcnuas corcra,
go meas molta do gach ealta;
parrthas suain do na brocaibh
i n-uamhchaibh socra ’s a gcuain aca.
Glen of rowans with scarlet berries,
fruit praised by every bird flock,
a tranquil paradise to the badgers
in peaceful holts with their litters.
Math dh’fhaodte gum bi e na iongnadh dhuibh gu robh Deirdre measail air saill bruic mar bhiadh (agus dùil ann gun robh sin cumanta am measg nan Gàidheal anns na meadhan-aoisean). Ann an Ionmhain Tír an Tír-Úd Thoir ‘tìr mo ghràidh anns an àird an ear’, tha i a’ coimhead air ais a dh’Alba à Èirinn far an deach i an aghaidh a toil cuide ri a leannan, Naois (a gheibh bàs ann an Èirinn).
Gleann Laoigh!
Do chollainn fán mboirinn chaoimh;
Iasg is sidheang is saill bhruic,
Fá hí mo chuid i nGleann Laoigh.
Glen Lui!
I would sleep below the fair rock;
Fish and venison and badger fat
That was my fare in Glen Lui.
Bha an sàr-bhàrd ainmeil, Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, ri bàrdachd-nàdair, gu sònraichte anns na bliadhnaichean ro Bhliadhna Theàrlaich. Tha cuid a’ moladh gu mòr an dàn aige Allt an t-Siùcair, a sgrìobh e mun àite-fuirich aige nuair a bha e na fhear-teagaisg ann an Àird nam Murchan. An seo, tha e a’ cleachdadh a’ bhuadhair brocach ‘far a bheil bruic pailt’.
An coire brocach, taobh-ghorm, torcach, faoilidh, blàth;
An coire lonach, naosgach, cearcach, craobhach, gràidh …
The green-sided corrie has badgers and boars and is hospitable and warm. The marshy corrie has snipes, hens, trees and benevolence…
Bidh am broc a’ nochdadh meadhanach tric air mapaichean na Gàidhealtachd, gu sònraichte anns an tuiseal ghinideach iolra leis an alt. Tha Tom nam Broc sear air Loch Laomainn agus tha Tòrr nam Broc deas air Loch Suaineart (le cnoc dhen aon ainm faisg air Loch Nis). Tha Cnoc nam Broc faisg air Ciseorn ann an Ros an Iar. Tha a’ Bhroc-bheinn – a nochdas ann am beul-aithris – tuath air Sligeachan anns an Eilean Sgitheanach. Tha Alasdair Foirbeis ag innse dhuinn ann am ‘Place-Names of Skye’ (1923) gum bi cuid a’ gabhail Broclach Bheinn ‘badger’s-den hill’ agus Na Broclaich ‘the badger’s dens’ air a’ bheinn ud. Gheibhear lorg air dreach ginideach iolra dhen fhacal (gun alt) anns an ainm-àite Tuim Bhroc, aig an robh tùs mar Tom Bhroc, feumaidh; tha sin gu siar air Calasraid anns na Tròisichean.

Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Bidh broclach a’ nochdadh cuideachd mar braclach, agus ʼs e sin an dreach a th’ oirre gu tric air aghaidh na tìre, mar eisimpleir ann am Beinn na Braclaich ‘the mountain of the badger’s sett’ faisg air Dùn Bheagan anns an Eilean Sgitheanach agus Fèith na Braclaich deas air Bail’ Ùr an t-Slèibh ann am Baideanach. Ge-tà, bidh braclach cuideachd a’ ciallachadh saobhaidh aig madadh-ruadh. Tha dùil gun robh cuid de dh’ainmean-àite Gàidhlig a nochdas le dreach Beurla orra mar Brackla, Brachla, Brackloch no Brachlach, ag ainmeachadh sloc aig bruic o shean, ged a dh’fhaodadh am buadhair ‘breac’ a bhith co-cheangailte ri feadhainn aca. Feumaidh gu bheil Brackla ann an Siorrachd Obar Dheathain co-cheangailte ris a’ bhroc oir tha Broclach Hill ri a thaobh; tha am baile-fearainn fhèin a’ nochdadh mar Broclach air cuid de sheann mhapaichean. Tha tràth-riochdan dhen ainm-àite Brackland no Bracklinn (mar anns an eas ainmeil ris an canar Bracklinn Falls), taobh a-muigh Chalasraid, a’ sealltainn dhuinn gur dòcha gur e broc-thulach ‘badger hill’ a bh’ ann aig an toiseach.
Bidh broc cuideachd a’ nochdadh ann an ainmean-àite anns an tuiseal ghinideach shingilte mar a’ Bhruic. Mar eisimpleir, tha Creag a’ Bhruic ann an Gleann Srath Fharair agus tha Lag a’ Bhruic ri taobh an rathaid eadar Tom an t-Sabhail agus Ionad-sgithidh na Lice. Tha Leaba a’ Bhruic ann an Taobh Sear Rois. Tha Lochan a’ Bhruic faisg air Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal agus gheibhear Coire Bhruic air taobh an iar Ghleann Feithisidh ann am Bàideanach.

Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Tha broc a’ toirt dhuinn brocair, a bha a’ ciallachadh o shean ‘fear a bhiodh a’ sealg nam broc’. Ge-tà, bha e cuideachd a’ ciallachadh ‘fear a bhiodh a’ sealg nan sionnach’ oir bhiodh an aon duine (fear anns na làithean ud) a’ sealg na dhà. Nas fhaisge air an latha an-diugh, agus caoraich is uain air fàs pailt air a’ Ghàidhealtachd, tha sealg nan sionnach fada nas bitheanta na sealg nam broc; leis a sin, ʼs e brocair a-nise neach a bhios a’ sealg agus a’ marbhadh nam madaidhean-ruadha. Tha rubha air a bheil Rubha a’ Bhrocaire air cladach na Còigich ann an Ros an Iar. A rèir na Suirbhidh Òrdanais, tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘foxhunter’s point’.
Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
Tha a’ bhàrdachd mheadhan-aoiseach agus eadar-theangachaidhean a’ tighinn bhon leabhar iongantach ‘Duanaire na Sracaire/Songbook of the Pillagers’, air a dheasachadh le Wilson McLeod agus Meg Bateman (Birlinn 2007).
You must be logged in to post a comment.