Rìghrean is Banrighrean air Aghaidh na Tìre

Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air faclan ‘rìoghail’ a tha co-cheangailte ri ainmean-àite Gàidhlig

Read in English

Tha rìghrean agus banrighrean air a bhith againn fad ùine mhòir thairis air an Roinn-Eòrpa; mar sin, chan eil e na iongnadh gum bi iad a’ nochdadh gu tric ann an co-cheangal ri nàdar is ainmean-àite. Tha a leithid a cheart cho fìor ann am Beurla, oir bithear a’ bruidhinn mu bhanrigh nan seillean, agus àiteachan mar Queensferry air Uisge Foirthe agus Queen’s View làimh ri Loch Teimhil. Chan eil e fìor gur ann airson na Banrigh Bhictoria a chaidh an sealladh mu dheireadh sin ainmeachadh, ged a ghabh i tlachd às nuair a chaidh i ann ann an 1866. Tha Coilltearachd agus Fearann Alba, a tha a’ ruith an ionaid-dualchais an sin, ag innse dhuinn gun robh e ainmichte airson Iseabail, a’ chiad bhean aig Raibeart am Brusach, agus tha e ri fhaicinn air a’ chiad eagran de mhapa sia-òirlich na Suirbhidh Òrdanais a chaidh a tharraing ri chèile ann an 1861-2. Bu chòir dhuinn a bhith faiceallach mu fhionnsgeulan rìoghail co-cheangailte ri tìr na h-Alba!

Tha ainmean-àite ‘rìoghail’ aig na Gàidheil cuideachd, ged nach eil iad cho pailt ʼs a tha iad far a bheil a’ Bheurla làidir. Agus feumar a bhith faiceallach leotha oir uaireannan chan e ‘rìgh’ a chanadh na seann daoine ach ‘ruigh(e)’, a’ ciallachadh leathad, fearann còmhnard aig bonn beinne no àirigh (agus chan eil an t-Suirbhidh Òrdanais a’ cuideachadh oir, mar as trice, sgrìobhaidh iad ‘rìgh’ mar ‘righ’). ʼS e an eisimpleir as fhollaisiche Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach, a tha ainmichte airson turas aig Seumas V ann an 1540 – mas fhìor. Chuala am blogair seo seann Sgitheanaich a’ bruidhinn mu ‘Port Ruighe(adh)’ agus tha gu leòr dhen bheachd nach eil an t-ainm a’ buntainn ri Rìgh na h-Alba idir.

Tha dà àite eile ann an Alba air a bheil, no air an robh, Port Rìgh mar ainm, far a bheilear ag aithneachadh an rìgh fhèin. B’ e fear dhiubh fìor sheann ainm Phort Phàdraig ann an Gall-Ghàidhealaibh; chaidh a cheangal ris an rìgh Èireannach Lugaid mac Con, a chaidh a sgiùrsadh à Èirinn ach a chuir cabhlach-mara ri chèile, ann an co-bhuinn ri Albannaich agus Breatannaich, ann am Port Rìgh timcheall na bliadhna 250AC. Tha am fear eile aig Càradal ann an Cinn Tìre, agus tha e fhathast air na mapaichean. Thathar ag ràdh gur ann an sin a thàinig Raibeart am Brusach gu tìr, air dhà seòladh ann à Eilean Bhòid.

Cha mhòr mu choinneimh a’ phuirt rìoghail sin, ann an Eilean Arainn, tha Uamh an Rìgh no ‘King’s Cave’ mar a th’ air na mapaichean. Tha dà chnoc làimh rithe air a bheil Tòrr Rìgh Mòr agus Tòrr Rìgh Beag, agus a rèir beul-aithris, ʼs e Raibeart am Brusach a th’ air ainmeachadh annta uile. Ge-tà, anns an t-seann aimsir, chanadh daoine Uamh Fhinn ris an uaimh, agus i ceangailte ri Fionn mac Cumhail. Buinidh an ceangal ris a’ Bhrusach do na nua-linntean.

Port Rìgh air a’ Chaolas Bhrandanach aig Càradal. Thathar a’ cumail a-mach gun tàinig am Brusach, Rìgh na h-Alba, gu tìr an seo. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair, tha Coille an Rìgh, ach tha an sàr-sgoilear Uilleam MacBhàtair, ag innse dhuinn gur e Coille Ruighe a th’ ann ann an da-rìridh. Tha eisimpleir car coltach faisg air Aiseag a’ Chorrain (deas air a’ Ghearasdan) far a bheil Gleann Righ, Abhainn Righ agus Inchree (le dreach na Beurla air). Bha a’ bhana-bhàrd Abrach, Màiri NicEalair, gu mòr dhen bheachd gun robh na h-ainmean sin co-cheangailte ri seann rìgh, ach tha an dreach as sine – Inisruy – a’ sealltainn dhuinn gu bheil Innis Ruighe nas coltaiche, ged a chanadh muinntir an àite ‘Innis Righe’. Uaireannan, chan eil ainmean-àite ‘rìoghail’ buileach cho rìoghail ʼs a tha iad air a’ chiad shealladh!

Tha rìgh le cinnt co-cheangailte ri Allt Mhic an Rìgh ann an Gadhaig ann am Bàideanach. Chan eil an rìgh fhèin ainmichte, ach tha amharas aig a’ bhlogair seo gu bheil an t-ainm a’ dol air ais gu fear de mhic Raibeirt II – fear air an robh cliù gun robh e brùideil agus a bha ainmichte mar ‘The Wolf of Badenoch’ ann am Beurla. Bha na Gàidheil eòlach air mar ‘Alasdair Mòr mac an Rìgh’. Bha e mion-eòlach air an sgìre seo agus tha an t-allt faisg air seann slighe a bha a’ ceangal ceann a deas na Gàidhealtachd ris a’ cheann a tuath.

Allt Mhic an Rìgh ann an Gàdhaig, Bàideanach. Tha an t-ainm Vinegar Hill annasach ann an tìr a tha cho Gàidhealach. Tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig A’ Mhin-choiseachd ‘àite a tha furasta airson coiseachd ann’.
Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Ge-tà, tha ainmean-àite eile ann far a bheil an rìgh a tha ainmichte ann gun aithneachadh. Tha eisimpleir ann am Beinn an Rìgh ann an Rubha Thròndairnis ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, agus dà rubha ann an Earra-Ghàidheal air a bheil Rubha an Rìgh – fear dhiubh ann an Cnapadal agus am fear eile ann an Eilean Chalbha, làimh ri Tobar Mhoire ann am Muile.

Tha grunn bheanntan air a bheil Càrn an Rìgh mar ainm. Tha fear dhiubh air Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt; chaidh a cheangal ri caochladh rìghrean, eadar Calum a’ Chinn Mhòir agus Seumas VI a bha le chèile an sàs ann an sealg nam fiadh ann, ged a bha na ceudan bhliadhnaichean eatarra. Air seann mhapa, tha Càrn an Rìgh siar air Loch Euraboll ann an Dùthaich MhicAoidh air a riochdachadh mar Càrn na Frìthe, a’ togail ceist mu thùs an ainm, agus tha beinn eile dhen aon ainm faisg air Bàgh Shanndabhait ann an Eadar Dhà Chaolas – nach eil air a’ mhìneachadh.

Fada gu sear, ann an Srath Nabhair, tha aithrisean à beul-aithris a mhìnicheas tùs seann chearcall de chlachan air a bheil ‘Clach an Rìgh’. Tha e faisg air Dail Harailt agus air dà pholl san abhainn air a bheil Poll Harraild Mòr agus Poll Harraild Beag, a chaidh ainmeachadh airson Harald Maddadson, Iarla Arcaibh agus Mormaer Ghallaibh anns an 12mh linn. Chaill armailt aige ann an còmhrag an aghaidh feachd Albannach an sin anns an dàrna leth de na 1190an. Tha Blàr na Fola (Fala) faisg air làimh cuideachadh a’ cuimhneachadh an tachartais. Ann am Bàideanach, faisg air Ceann na Creige, tha Creag Rìgh Tharailt agus tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gum b’ esan seann cheannard Lochlannach a chaill a bheatha ann an còmhstri an sin.

Tha Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gu bheil Eilean an Rìgh air Loch Lagain a’ toirt iomradh air an rìgh Albannach, ‘Fearghas’, aig an robh loids-seilge ann; thathar ag ràdh gun cumadh e a choin-seilge ann an Eilean nan Con, nach eil fada bhon chiad eilean. Gu deas air sin, ann an Earra-Ghàidheal, tha dà eilean eile air a bheil Eilean an Rìgh mar ainm – fear dhiubh ann an Loch Creiginis agus am fear eile deas air Ulbha. Chan eil e soilleir cò iad na rìghrean a tha ceangailte riutha.

Chan eil am facal ‘banrigh’ idir cho pailt ann an ainmean-àite ʼs a tha ‘rìgh’. ʼS e an eisimpleir as ainmeile Sròn na Banrigh aig ceann shuas Ghleann Feithisidh ann am Bàideanach. Tha an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacBheathain, a bhuineadh do Ghleann Feithisidh, ag innse dhuinn gur e ‘Sròn na Bàruinn’ a chanadh muinntir an àite ris. Tha e a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an leabhar aige ‘Place Names, Highland and Islands of Scotland’: chuir a’ Bhanrigh Màiri teine ri seann choille Bhàideanach. Bha i a’ gabhail gu h-olc e gun do thill an duine aice dhachaigh turas agus gun do dh’fhaighnich e dhith gu dè staid anns an robh a’ choille mus do dh’fhaighnich e mu a cor fhèin. Thàinig i gu tuath, sheas i air mullach Sròn na Banrigh agus thug i òrdugh seachad na coilltean a losgadh gu làr. Bidh luchd-eachdraidh a’ cur teagamh mòr anns an sgeul neo-choltach seo, agus gu sònraichte gur i an tè a bu choireach Màiri Banrigh nan Albannach.

Sròn na Banrigh aig ceann shuas Ghleann Feithisidh ann am Bàideanach, far a bheil beul-aithris ag innse dhuinn gun tug a’ bhanrigh seachad òrdugh na coilltean a chitheadh i on mhullach a sgrios le teine.
Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Mar as trice, tha ainm pearsanta aig rìgh no banrigh a dhìth ann an ainmean-àite Gàidhlig, ach tha aon àite air Gàidhealtachd an Iar, far a bheil ainm Beurla a tha gu math soilleir. ʼS e sin Victoria Falls, faisg air Slèiteadal air cladach Loch Ma-ruibhe. Chaidh an t-ainm a chur air an eas, an dèidh don t-seann bhanrigh tadhal air ann an 1877. Thathar ag innse nach do shaoil a’ bhanrigh fhèin cus dhen eas; math dh’fhaodte gun robh i a’ dèanamh coimeas eadar e fhèin agus am mòr-eas drùidhteach dhen aon ainm air Abhainn Zambezi ann an Afraga!

Agus, ged a tha an caisteal aig Both Mhoireil (no Baile Mhoireil, ma tha sinn gu bhith spaideil) air tìr agus ann an àrainneachd a tha gu math Gàidhealach, tha na cùirn rìoghail a chaidh a chur suas air an oighreachd mar chuimhneachain air buill dhen teaghlach rìoghail uile air an ainmeachadh ann am Beurla. Ma tha a’ bhanrigh mu dheireadh nach maireann gu bhith air a cuimhneachadh an sin le carragh air choreigin, am faod an Gàidheal seo smuain a chur air ur beulaibh gum bu chòir dha a bhith ann an cruth cùirn Ghàidhealaich, le Càrn Ealasaid mar ainm air?

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Folklore, Gaelic, History, NatureScot, Uncategorized and tagged , , , . Bookmark the permalink.