Dà Iasg Bhlianaidh an t-Samhraidh

Tha Ruairidh MacIlleathain ag innse dhuinn mu dhà iasg-siubhail iongantach a thig a dh’uisgeachan na h-Alba as t-samhradh

Read in English

Air taobh an iar na h-Èireann, chithear dà iasg mhara iongantach a tha ainmichte airson na grèine, an dà chuid ann am Beurla agus Gaeilge. Tha Gàidheil na h-Èireann eòlach orra mar iasc gréine. Chan eil an dà ghnè càirdeach do chèile ach a-mhàin gur e èisg a th’ annta a chuireas seachad ùine air uachdar na mara, mar gu bheil iad a’ blianadh ann an solas na grèine. Don t-seòladair Ghàidhealach Albannach seo, tha sealladh de aonan dhiubh, no math dh’fhaodte na dhà, a’ dèanamh samhradh air taobh an iar na Gàidhealtachd iomlan!

Tha maraichean Albannach an ìre mhath cho eòlach air na h-èisg seo as t-samhradh ʼs a tha muinntir na h-Èireann ach, ann an Alba nan Gàidheal, ʼs e dìreach aonan dhiubh air a bheil, mar as trice, ‘iasg-grèine’ – am fear air a bheil ‘sunfish’ ann am Beurla agus a tha am measg nan iasg cnàimheach as motha san t-saoghal. Tha luchd-saidheans eòlach air mar Mola mola. ʼS e an t-iasg eile fon phrosbaig againn siorc a tha na dhàrna iasg as motha san t-saoghal agus a tha aithnichte do chuid ann an Alba mar ‘sailfish’ oir tha ite-dhroma mòr air a tha car coltach ri seòl dorch a’ gluasad thar na mara.

Cearban air uachdar na mara mar a chithear e bho bhàta. Tha Eilean Cholla ann an cùl an deilbh. Bha còrr is 5 meatairean de dh’fhaid anns an fhear seo. Dealbh © Ruairidh MacIlleathain

A bharrachd air iasc gréine, bidh na h-Èireannaich a’ gabhail liabhán gréine (creutair mòr na grèine) air an iasg eile, ris an canar ‘basking shark’ ann am Beurla (Cetorhinus maximus do luchd-saidheans). Ann an Alba, ʼs e cearban (no carban no cairbhean) a chanas sinn ri a leithid mar as trice. Chan eil tùs an fhacail sin soilleir; tha aon fhaclair Albannach a’ toirt dhuinn cearban-grèine mar ainm airson basking shark, a’ gleidheadh ceangal eadar an t-iasg agus a’ ghrian.

ʼS e an cearban fear de thrì siorcan a dh’itheas plancton, agus chan eil iasg sam bith nas motha na e, ach a-mhàin am mial-chearban (‘whale shark’). Ruigidh an cearban-grèine ochd meatairean ann am fad (bha am fear a b’ fhaide a bh’ ann riamh air a thomhas aig 12m) agus lorgar e air feadh nan cuantan a tha eadar-mheadhanach ann an teas. Bidh e a’ tadhal air Alba ann am mìosan an t-samhraidh nuair a chithear e air uachdar, ach anns a’ gheamhradh bidh e a’ falbh don aiginn, gu doimhneachd cho mòr ri 900m.

ʼS e mial-mhòr a th’ anns a’ chearban, ach tha e solt na nàdar agus chan eil e na chunnart do dhaoine, ach a-mhàin ma tha iad ann an geòla beag no curach agus an siorc a’ cur earball gu feum. Gu tric, chithear e a’ snàmh gu socair le a chraos air a’ chlab, agus e a’ sìolachadh a bhìdh às an t-sàl. Tha e mar gu bheil e a’ blianadh sa ghrèin. Nuair a chì mise ite droma aig fear, agus ite earbaill pìos mòr air cùl sin, bidh mo chridhe a’ plosgartaich!

Cearban a’ gabhail plancton a-steach air a chraos mhòr. Tùs: Wikimedia Commons

Bidh cuimhne agam gu sìorraidh nuair a chaidh mi am measg buidheann dhiubh far cròileagan de dh’eileanan anns a’ Chuan Bharrach, far a bheil lighe eadar dà eilean, agus taigh-solais air fear dhiubh. Bha mu leth-dhusan de na creutairean mòra a’ siubhal tron lighe gu socair le ʼm beòil làn-fhosgailte. Nuair a ruigeadh iad an ceann thall, bha iad a’ tionndadh airson biadh a bharrachd a ghabhail – agus mar sin air adhart. Chaidh dithis de chriutha na gheat air an robh mi a-muigh nam measg ann an ràth rubair, agus sheòl iad gu sàmhach leis an t-sruth. Cha robh coltas dragh air gin de na cearbain.

Leis gu bheil iad cho faisg air an uachdar as t-samhradh, agus slaodach leis, chan eil e na iongnadh gun do shaoil cuid de dhaoine gun robh cothrom coimeirsealta an cois an èisg seo. Anns na bliadhnaichean an dèidh an Dàrna Cogaidh, chaidh cuid, leithid Gavin Maxwell agus Tex Geddes, an sàs ann an gnìomhachas stèidhichte air a’ chearban, agus na h-èisg air an glacadh le harpùnaichean. Anns an t-seagh sin, bha e na bu choltaiche ri sealg nam mucan-mara seach iasgach.

Chithear fhathast tobhtaichean na factaraidh aig Maxwell ann an Sothaigh aig beul Loch Sgàbhaig ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Bha na tursan-iasgaich gu tric nan dàna-thursan cunnartach – a bha math dh’fhaodte freagarrach do chuid de sheann saighdearan a’ chogaidh, ach tha gu leòr air taobh an iar na Gàidhealtachd eadhon an-diugh a’ coireachadh a’ ghnìomhachais seo airson crìonadh ann an àireamh nan cearban timcheall cladaichean na h-Alba. Tha an cearban a-nise air a dhìon gu làidir air feadh uisgeachan na Rìoghachd Aonaichte agus an Aonadh Eòrpaich. ʼS e creutairean solt a th’ annta – nach bi sibh coibhneil orra.

Tobhtaichean a bhuineadh do ghnìomhachas a’ chearbain, Eilean Sòthaigh. Dealbh © Ruairidh MacIlleathain

A’ chiad turas a thàinig am blogair seo faisg air iasg-grèine ‘sunfish’ far cladach na h-Alba, ʼs ann an-uiridh a bha e – faisg air Eilean Fhladaigh a tha ri taobh ceann an iar-thuath Ratharsair. B’ e ite-dhroma a mhothaich sinn an toiseach agus bha mi an impidh ‘cearban’ èigheachd … ach cha robh an ite cho dìreach no rag ri tè aig cearban, agus bha an t-iasg a’ gluasad ann an dòigh eadar-dhealaichte. Nuair a dhlùthaich sin ris a’ bhèist, thuig sinn gun robh, ri ar taobh, fear de na h-èisg as annasaiche ann an cuantan an domhain.

Tha an t-iasg-grèine a’ coimhead coltach ri ceann a tha ceangailte ri earball stuadhach, gun bhodhaig eatarra. Ann an cruth, tha e cruinn, car coltach ri clach-bhrà. Tha e mar gu bheil buidheann de chloinn bun-sgoile air iasg a chruthachadh mar dhibhearsan, gun a bhith a’ gabhail dragh mu a chomasan bith-beò a dhèanamh air druim a’ chuain. Ged a tha e a’ coimhead mì-choltach, tha e ann, air a lorg fad is farsaing, agus gu math soirbheachail, a’ dearbhadh cho iongantach ʼs a tha mean-fhàs mar phròiseas nàdarrach.

Uaireannan, bidh daoine a’ gabhail ‘iasg-grèine a’ chuain’ air a’ ghnè a nochdas nar n-uisgeachan airson a sgaradh bho ‘iasg-grèine a’ chinn a deas’ (Mola alexandrini). Bidh am fear againn a’ nochdadh ann an cuantan tropaigeach agus meadhanach blàth air feadh an t-saoghail. Bidh iad a’ falbh le sruthan nan cuantan ach faodaidh iad snàmh cuideachd – mar as trice aig astar beagan nas luaithe na mìle-mara san uair. Ma tha iad ann an cunnart bho shealgair (leithid madadh-cuain), faodaidh iad teicheadh gu luath, agus tha aithrisean ann dhen iasg seo a’ leum a-mach às an uisge agus a’ tighinn sìos air deic bàta! Cleas a’ chearbain, tha e solt agus cha bhi e a’ toirt ionnsaigh air dàibhearan. Tha e air a dhìon fo laghan Eòrpach ach ann an dùthchannan Àisianach mar Iapan agus Taiwan tha fèill mhòr air fhathast mar bhiadh.

Iasg-grèine ann an iasg-lann. Dealbh © Per-Ola Norman (ri faotainn gu poblach)

Bidh an t-iasg-grèine aig amannan a’ gabhail na grèine, le bhith na laighe air a thaobh air an uachdar. Eucoltach ris a’ chearban, cha bhi e a’ gabhail biadh an sin. Bidh e a’ gabhail blàths a-steach, an dèidh dha biadh a ghlacadh ann an uisge nas doimhne agus nas fhuaire. Tha ainm Cuimreach – pysgodyn haul – a’ ciallachach an aon rud ris na h-ainmean ann an Gàidhlig is Beurla, ach chan eil a h-uile cultar ag aithneachadh na gnè anns an aon dòigh. Do chuid, ʼs e ‘iasg na gealaich’ a th’ ann (ainmichte air a chruth), do chuid eile ‘ceann a-mhàin’ agus, anns na dùthchannan Lochlannach ‘iasg-cnapach’. Tha an t-ainm saidheansail mola a’ ciallachadh ‘clach-bhrà’ – ag aithneachadh a chumaidh, mar a dh’ainmich mi na bu tràithe.

Bidh an t-iasg-grèine ag ithe èisg bheag, gibearnaich, cruaidh-shlignich agus muir-tiachdan. Fhuair luchd-rannsachaidh a-mach cuideachd gum bi e ag ithe mìlearach, a’ dearbhadh gum bi e beò air grunnd na mara aig amannan. Bha dath liath air an fhear a chunnaic mise far Eilean Fhladaigh, ged a bhios iad uaireannan eadar donn agus bàn. Bha e rud beag na bu lugha na ʼm meud àbhaisteach (1.8m ann am fad agus 2.5m ann an àirde, eadar ceann a-mach na h-ite-droma agus ceann a-mach na h-ite-tòin). Ach faodaidh e fad 3.3m a ruigsinn, agus cuideam de chòrr is dà mhìle cileagram (sin dà thonna!). Bidh e a’ gineadh gu h-èifeachdach cuideachd, agus thathar a’ dèanamh dheth gum bi an t-iasg boireann a’ giùlan suas ri trì cheud millean ugh, barrachd na ainmhidh druim-altach sam bith eile.

Ma bhios tu ann an eathar far costa na h-Alba, cùm do shùilean fosgailte airson ite a’ briseadh uachdar na mara. Math dh’fhaodte gur e fear de na h-‘èisg-ghrèine’ againn – èisg a bhios a’ cur nar cuimhne cho mìorbhaileach agus eugsamhail ʼs a tha nàdar agus am pròiseas de mhean-fhàs a thug a h-uile nì gu bith.

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in basking shark, coastal, Gaelic, Marine, Uncategorized and tagged , , , . Bookmark the permalink.