‘Ath-fhiadhachadh’ tro Shùilean nan Gàidheal

Tha Ruairidh MacIlleathain a’ cumail a-mach gu bheil ‘ath-fhiadhachadh’ nàdarrach gu leòr mar bheachd-smuain agus mar fhacal

Read in English

Tha mi air a bhith ag obair, thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh, le buidheann-charthannais a tha an sàs ann an glèidhteachas – Trees for Life, no Craobhan gu Deò ann an Gàidhlig – leis a bheil oighreachd de dheich mìle acaire ann an Dul Dreagain ann an Gleann Moireasdain, agus a tha a’ leasachadh a’ chiad Àrainn (no Ionad) Ath-fhiadhachaidh anns an t-saoghal ann. Anns an ionad, bithear a’ mìneachadh ath-fhiadhachadh agus mar a dh’fhaodadh Gleann Moireasdain – agus a’ Ghàidhealtachd san fharsaingeachd – buannachadh fhaighinn às. Bithear cuideachd a’ taisbeanadh beartas cànan is cultar na Gàidhealtachd agus, gu h-àraidh, na ceanglaichean làidir eadar a’ Ghàidhlig agus ar n-àrainneachd dhùthchasach. Le bhith taiceil don Ghàidhlig, tha Craobhan gu Deò a’ seasamh ri guaillibh nan Gàidheal agus tha mi an dòchas gum bi feadhainn eile a’ faicinn gu bheil buannachd an sin do ghlèidhteachas.

An dèidh conaltradh leis a’ choimhearsnachd ionadail, ʼs e a’ bhuidheann charthannais fhèin a rinn an co-dhùnadh Gàidhlig a bhith anns an taisbeanadh anns an Àrainn Ath-fhiadhachaidh. Cha robh daoine a’ toirt orra an rathad sin a ghabhail an aghaidh an toil, agus fhuair iad taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig airson an leasachaidh. Cha bhi teacsa Gàidhlig air a stobadh a-steach ann mar iar-smuain, stèidhichte air eadar-theangachadh de theacsa Beurla, ach bidh e air fhilleadh a-steach don taisbeanadh bhon toiseach. Bidh sealladh nan Gàidheal air nàdar, dùthaich agus dualchas air a shealltainn anns an dà chànan, an dà chuid ann an dreach sgrìobhte agus mar fhaidhlichean claisneachd.

Craobhan-giuthais ann an Gleann Afraig. Tha ath-fhiadhachadh air a bhith a’ tachairt an seo bho na 1960an.
Dealbh © Grant Willoughby 

As t-samhradh 1993, bha cothrom agam prògram rèidio a dhèanamh do BhBC Radio nan Gàidheal anns an do rinn mi agallamh le Fionnlagh M MacRath nach maireann, tùsaire glèidhteachais, ann an Gleann Afraig. Chuir sinn seachad latha teth, grianach còmhla anns a’ choille ùir timcheall Loch Beinn a’ Mheadhain, agus dh’inns Fionnlagh dhomh mun obair iongantaich a rinn e an sin anns a h-uile ràith dhen bhliadhna. ʼS ann don Eilean Sgitheanach a bhuineadh e. Bha e aithnichte mar phìobaire air leth agus na eòlaiche air iomain, ach tha an obair as ainmeile aige co-cheangailte ri aiseirigh na giùthsaich ann an sgìre Afraig, gnothach a chuir e fhèin air chois mar choilltear. Thuirt Fionnlagh rium gur e gnothach ‘spioradail’ a bh’ ann dha fhèin a bhith a’ coiseachd anns a’ leithid de choille. Agus dhomh fhìn, bha e brosnachail a bhith ann an cuideachd Gàidheil dhan robh fàs nan coilltean dùthchasach cho cudromach.

Bha an obair ghlèidhidh thùsail, a tha a’ dol air ais gu tràth anns na 1960an, air a cur air dòigh le buidhnean riaghaltais, ach chaidh a’ bhuidheann-charthannais, Trees for Life/Craobhan gu Deò, a chaidh a steidheachadh le Alan Watson Featherstone, na lùib. Thòisich iad air tòrr chraobhan a chur, agus iad air an dìon bho ionaltradh le feansaichean àrda. Bha a’ chuid a bu mhotha dhen obair aca ann an Gleann Afraig agus na glinn faisg air làimh – Gleann Canaich, Gleann Urchardan agus Gleann Moireasdain – a tha uile a-nise mar phàirt de phròiseact ris an canar Afraig Mhòr/Affric Highlands anns am bi coille mhòr dhùthchasach stèidhichte thairis air iomadh gleann anns an ùine romhainn.

Craobhan dùthchasach òga ùra aig an Allt Ruadh, Dul Dreagain, Gleann Moireasdain. An ceann ùine, bidh coille bhrèagha an seo. Dealbh © Stephen Couling

Anns na tràth-làithean, bhiodh daoine a’ bruidhinn mu ‘glèidhteachas’ agus ‘ath-bheothachadh’ nan coilltean ach, timcheall air 1990, nochd facal ùr – ‘ath-fhiadhachadh’ no ‘rewilding’ – ann an clò, air a chruthachadh, a rèir Wikipedia, le buill aig Earth First!, buidheann radaigeach àrainneachd anns na Stàitean Aonaichte. Chaidh an teirm a lìomhadh agus a leasachadh bhon uair sin, agus tha e fìor ri ràdh nach eil a h-uile duine ga thuigsinn anns an aon dòigh. Aig a bhunait, tha ath-fhiadhachadh mu dheidhinn àrainneachd a chruthachadh far a bheil eag-shiostaman agus pròiseasan nàdarrach air an dìon agus air am brosnachadh, agus far a bheilear ag amas air iomadachd nàdair a mheudachadh.

Tha barrachd ann an ath-fhiadhachadh seach dìreach cur-chraobhan, agus faodar leagail nan coilltean neo-dhùthchasach agus casgadh nan drèanaichean ann an Dùthaich nam Boglaichean ann an Gallaibh is Cataibh a bhith air an aithneachadh mar ath-fhiadhachadh. Eadhon ann an Gleann Moireasdain, chan ann a-mhàin air craobhan a tha aire dhaoine. Nuair a tha eag-shiostaman air an dìon, gu h-àraidh bho chus ionaltraidh, bidh bith-iomadachd a’ dol am meud, a’ gabhail a-steach phreasan, luibhean, cairt-lusan, fungasan agus creutairean druim-altach agus neo-dhruim-altach. Bidh nàdar a’ tighinn am-bàrr. Do dhaoine, faodaidh coilltean mar sin a bhith cho drùidhteach ri càil air uachdar na talmhainn.

Tha cuid air a’ Ghàidhealtachd air teagamh fhoillseachadh mun àite aig ath-fhiadhachadh ann an saoghal nan Gàidheal agus co-dhiù tha a bhith a’ cur pàirtean de ar dùthaich am fiadh a’ dol an aghaidh na rinn ar sinnsirean ann a bhith a’ cruthachadh eaconamaidh dhùthchail a chum sluagh anns na glinn. Chanainn fhìn gum bu chòir dhuinn a bhith cofhurtail leis mar Ghàidheil aig a bheil gràdh do nàdar, agus gum faodar eaconamaidh ionadail neartmhor a chruthachadh ann an co-cheangal ris. Faodar cuideachd a leithid de leasachadh a chur air adhart le Gàidhlig aig a bhunait, mar a tha ann an Dul Dreagain – fhad ʼs a sheasas sinn fhèin mar luchd-glèidhidh cànain is cultair a tha sònraichte agus fhad ʼs a tha sinn deònach a bhith a’ co-obrachadh le buidhnean glèidhteachais. Tha e a’ dol a thachairt co-dhiù, agus ʼs fheàirrde sinn a bhith mar phàirt dheth.

An coltas a tha dùil a bhios air Àrainn Ath-fhiadhachaidh Dhul Dreagain, a thathar a’ togail an-dràsta
Dealbh © Threesixty Architecture

Nuair a nochd am facal Gàidhlig ‘ath-fhiadhachadh’ an toiseach, bha cuid a’ dèanamh dì-meas air mar bhriathar mì-nàdarrach, ach chanainn fhìn gu bheil e a cheart cho nàdarrach ris an fhacal Bheurla. Tha ‘fiadh’ a’ buntainn ris a’ bheathach cheithir-chasach air a bheil sinn uile eòlach ach cuideachd ri gnothaichean a tha an dà chuid iomallach agus/no borb no feargach. Tha am facal geàrr a’ tighinn bho ‘geàrr-fhiadh’ agus tha e inntinneach mar as iad am fiadh agus an geàrr-fhiadh a dh’fhaodas cruth-atharrachadh a dhèanamh eadar a bhith nam beathaichean agus nan daoine. ʼS e fiadh-chreutairean a th’ annainn fhèin!

Tuigidh sibh cuideachd gu bheil faclan ceangailte ri ‘fiadh’, leithid fiadh-bheinn, fiadh-bheatha, fiadhaich agus fiadhain a’ dèanamh tuairisgeul air rudan a tha fiadhaich nan nàdar, le dà chiall an fhacail. Tha ‘cat-fiadhaich’ na dheagh eisimpleir!

Ged a tha fiadhachadh anns na faclairean, a’ ciallachadh ‘sealg nam fiadh’, tha e furasta gu leòr dhuinn cuideachd gabhail ris mar ‘a’ dèanamh fiadhaich’ no ‘a’ cur am fiadh’. Le bhith a’ cur ‘ath’ ris, tha ‘ath-fhiadhachadh’ againn. Thuirt mi ri cuideigin an latha eile ann an ath-fhiadhachadh, tha ath-ùrachadh’. Ma tha ath-ùrachachadh (no ath-bheòthachadh) againn nar briathrachas làitheil, chan eil e doirbh gabhail ri ath-fhiadhachadh.

Agus tha e cianail fhèin furasta a bhith a’ ceangal na Gàidhlig ri ath-ùrachadh nàdair ann an àite mar Dhul Dreagain far a bheil an dualchas cho làidir. Cha mhòr nach buin a h-uile ainm-àite sa ghleann don Ghàidhlig agus buinidh na ceudan de dh’òrain, dàin agus sgeulachdan don sgìre. Anns na sgeulachdan, tha figearan eachdraidheil mar an Naomh Meircheard agus Ailean Dubh, ach tha feadhainn ann sa bheil creutairean os-nàdarrach mar na sìthichean, cailleachan agus Làir Bhàn Coire Dhò. Bidh eisimpleirean dhen chultar dhùthchasach a’ nochdadh anns an taisbeanach san Àrainn Ath-fhiadhachaidh. Tha a’ bhàrdachd gu sònraichte a’ buntainn ri teachdaireachd Chraobhan gu Deò oir tha i a’ dearbhadh mar a bha gràdh-dùthcha agus gràdh-nàdair gu math làidir ann an dualchas traidiseanta nan Gàidheal. Faodaidh sinn a leithid a chur gu feum mar bhrosnachadh airson ath-fhiadhachadh a chur an sàs an-diugh.

Dàn bhon leabhar ‘Còinneach ʼus Coille’ le Alasdair MacDhòmhnuill à Gleann Moireasdain. Thaisbean e na chuid bàrdachd, mar a rinn bàird ionadail eile, a ghràdh do nàdar anns a’ ghleann dham buineadh e. B’ e sgrìobhaiche agus cruinniche air a leth a bh’ ann an Alasdair. Tha e fhèin is feadhainn eile air dìleab iongantach fhàgail againn, anns a bheil na ceudan de dh’òrain a chaidh a sgrìobhadh no a sheinn ann an Gleann Moireasdain.

Nuair a bha mi a’ leigeil soraidh le Fionnlagh MacRath, rinn e coimeas eadar suidheachadh na Gàidhlig agus nan coilltean-giuthais. ‘Nach e an aon rud a th’ ann?’  thuirt e. Bha iad le chèile uaireigin fìor làidir agus air an lorg air feadh na rìoghachd, ach a-nise bha gu leòr de dhaoine a’ tighinn beò, eadhon air a’ Ghàidhealtachd, gun a bhith a’ cluinntinn na Gàidhlig no a’ faicinn giùthsach. Ach cha robh tè seach tè dhiubh marbh, agus dh’fhaodadh an cinne-daonna an dà chuid a neartachadh a-rithist agus cothrom a thoirt dhaibh tuigse is toileachas a thoirt dhuinn an-diugh agus anns an ùine a tha romhainn.

Dhòmhsa mar bhall dhen chinne-daonna, tha ath-fhiadhachadh a’ ciallachadh sin – pròiseas a tha a’ bunaiteachadh ar beatha agus a’ toirt toileachas dhuinn ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Faodaidh sinn beachdachadh air mar a bhios ath-fhiadhachadh a’ seasamh an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde no a’ cur carbon an tasg taobh a-staigh fiodh nan craobh – no mar a dh’fhaodas e seasamh an aghaidh call ghnèithean is iomadachd-nàdair. Tha iad seo uile cudromach ach, aig a’ cheann thall, ʼs e m’ aisling gum faigh sinn uile sìth agus sonas le bhith a’ faicinn mar a tha daoine a’ dearbhadh gràdh mòr do ar cànan agus do dh’àrainneachd na Gàidhealtachd còmhla. Ann an Àrainn Ath-fhiadhachaidh Dhul Dreagain, a dh’fhosglas ann an 2023, tha mi an dùil ʼs an dòchas gun tig m’ aisling beò.

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Fhuair Àrainn Ath-fhiadhachaidh Dhul Dreagain maoineachadh luach £714,000 bho Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail (NCHF), a tha ga mhaoineachadh tron Mhaoin Leasachaidh Eòrpach (ERDF) is a tha a’ cur faisg air £9 millean an seilbh air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha Maoin Dualchais Nàdarra is Chultarail a’ cur airgead an seilbh air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan airson: cothroman nas fheàrr a thoirt do luchd-tadhail airson dualchas nàdarra is cultarail a mhealtainn; daoine a bhrosnachadh a dhol a thadhal air àiteachan iomallach, dùthchail; agus cosnaidhean, gnìomhachasan is seirbheisean seasmhach a chruthachadh. ’S e adhbhar na maoine sàr dhualchas nàdarra is cultarail na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh is a leasachadh ann an dòigh a bhios gan glèidheadh is gan dìon.

This entry was posted in Gaelic, Rewilding, Uncategorized, woodlands and tagged , , , . Bookmark the permalink.