Sìthean na Gàidhealtachd

Chan eil am facal sìth cho bitheanta ri a mheanbh-riochd, sìthean, ach tha e ri fhaicinn ann an ainmean grunn bheanntan brèagha.

Read in English

Bidh leughadairean gu leòr eòlach air an fhacal sìthean agus mar a bhios daoine a’ dèanamh ceangal eadar sin agus na sìthichean, a thathar a’ cumail a-mach a tha a’ fuireach annta. Gu h-iongantach, math dh’fhaodte, tha meanbh-riochd an fhacail, sìthean, fada nas cumanta air aghaidh na tìre na sìth fhèin. ʼS dòcha gum faca daoine na sìthichean na bu trice faisg air tolmain bheaga seach air beanntan àrda …

ʼS e an sìth as ainmeile ann an Alba a’ bheinn drùidhteach ann an Siorrachd Pheairt ris an canar Schiehallion ann am Beurla – dreach de Sìth Chailleann a dh’eadar-theangaich an t-Àrd-oll. MacBhàtair mar ‘fairy hill of the Caledonians’. Tha an dà eileamaid anns an ainm sònraichte. Tha Cailleann a’ tighinn bhon t-seann riochd Caledon às an tàinig an t-ainm treubhach Caledones agus an Laideann Caledonia. Tha e ri fhaighinn cuideachd ann an Dùn Chailleann agus Rath Chailleann a bhios muinntir na Beurla ag aithneachadh mar Dunkeld agus Rohallion.

© R MacIlleathain.
Tha cumadh sìthe gun teagamh air Sìth Chailleann, mar a chithear e tarsainn Loch Raineach, Siorrachd Pheairt. Aig àirde 1083 meatairean, tha a’ bheinn seo, air a bheil luchd-coiseachd nam beann air leth measail, faisg air meadhan tìr na h-Alba. Tha i cuideachd suidhichte ann an dùthaich a tha làn beul-aithris mu shìthichean is iomadach creutair ‘macmeanmnach’ eile.

Bha seann sgoilear eile, Alasdair MacBheathain, cuideachd a’ ceangal na beinne ris na sìthichean ach thuirt e gun robh am facal sìth cuideachd a’ buntainn ri beinn air a bheil cumadh biorraideach no cònach. Agus tha e furasta sin fhaicinn ann an co-cheangal ri Sìth Chailleann nuair a chithear a’ bheinn tarsainn Loch Raineach. Is beag an t-iongnadh, ma-thà, gur e Sìth Chailleann – a tha fa leth bho a nàbaidhean agus le druim mullaich os cionn leathadan casa – a chaidh a thaghadh airson deuchainn saidheansail ann an 1774 airson dùmhlachd na beinne a thomhas – agus le sin airson dùmhlachd na cruinne a thomhas. B’ e an Reul-eòlaiche Rìoghail, Nevil Maskelyne, a bha os cionn a’ phròiseict, a bh’ air a mhaoineachadh leis a’ Chomann Rìoghail. Cha chualas aithris gun do ghabh na sìthichean gnothach ris an luchd-saidheans ach, dìreach airson a bhith soilleir gun robh iad uaireigin ann, tha sgeulachd ionadail ann de thriùir bhodach a chaidh a thadhal air sìthichean Sìth Chailleann. Cha robh spèis gu leòr aig dithis dhiubh do na sìthichean, agus fhuair iad le chèile trod agus peanas.

A bheil eisimpleirean eile ann dhen fhacal sìth air mapaichean na Gàidhealtachd? Tha, ged nach eil gin de na beanntan sin cho drùidhteach ri Sìth Chailleann. Fada gu tuath ann an Srath Èireann, deas air Inbhir Nis, tha dà bheinn bheag air a bheil An Sìth Mòr agus An Sìth Beag, agus a’ chiad fhear a’ ruigsinn àird de 650m. Tha baile-fearann làimh riutha aig a bheil Coignashie – fear de na còigean ainmeil ann an Srath Èireann. Tha ainmean-àite eile an sin – Fèith an t-Sìthe agus Glac an t-Sìthe a’ dearbhadh dhuinn gu bheil am facal sìth fireanta. Tha mi an dùil, mar sin, gu bheil Coignashie a’ riochdachadh Còig nan Sìth le dreach gineadach a bhuineas do mhodail àrsaidh.

Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
(An) Sìth Mòr agus (An) Sìth Beag ri taobh Uisge Èireann ann an Srath Èireann.  Tha am baile-fearainn Coignashie – fear de ‘còig còigibh Srath Èireann’ à seann rann ainmeil – a’ faighinn ainm bhon dà shìth.

Siar air an Inbhir Bheag air Loch Laomainn, tha cnoc eile air a bheil An Sìth Mòr, ged nach eil e mòran nas motha na sìthean, ach tha a’ chuid as motha de dh’ainmean-àite le sìth annta a’ nochdadh air a’ mhapa le riochd na Beurla orra. Deas air Loch Tatha, agus ri fhaicinn, chanainn, o gu h-àrd air Sìth Chailleann, tha druim fada aig àirde mu 660m, air a bheil Shee of Ardtalnaig air na mapaichean. ʼS e sin Sìth Àird Talanaig, ach gu h-eachdraidheil bhiodh na Gàidheil a bhuineadh don àite dìreach a’ gabhail An Sìth air. Nuair a chithear an ceann caol dheth bhon àird a tuath, tha cumadh sìthe air.

Anns na h-eisimpleirean eile de bheanntan le sìth anns an ainm, tha an eileamaid seo air a chur ri eileamaid Ghàidhlig eile. Thathar a’ dèanamh dheth gur e Ben Hee (873m), beinn mhòr le grunn mhullaichean ann an Dìthreabh Chat, Beinn Shìthe. Faisg air a’ mhullach as àirde dhith, tha Sìthean Liath nam Peithirean, le peithir a’ ciallachadh forsair no geamair – mar sin tha e a’ coimhead coltach gu bheil an t-eadar-theangachadh air Ben Hee mar ‘the fairy hill mountain’ ceart. Tha eisimpleir eile ann an Ben Shee (516m) ann am Monadh Ochil faisg air Sruighlea. Tha dùil gur e sin Beinn Sìthe, agus an ‘S’ neo-shèimhichte an turas seo. Tha cumadh sìthe air a’ bheinn seo cuideachd, agus i na seasamh leatha fhèin.

Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ben Shee ann am Monadh Ochil, meadhan na h-Alba. Tha seo air eadar-theangachadh mar ‘fairy mountain’ [Beinn Sìthe] le Aonghas MacBhàtair anns an leabhar aige ‘The Ochils: Placenames, History and Tradition’ (Perth and Kinross District Libraries, 1995).

Fada don ear-thuath, faisg air Beannachar ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Cairnshee Wood air cnoc a sheasas leis fhèin agus a tha rudeigin biorraideach. Sheall seann mhapaichean an cnoc mar Cairnshee no – mar air mapa-airm Roy a chaidh a dhèanamh anns na 1750an – mar Karnshee. Thathar an dùil bhuaithe seo gum b’ e Càrn Sìthe an t-ainm tùsail ann an Gàidhlig, le càrn a’ seasamh airson beinn, rud a tha cumanta gu leòr ann an ainmean-àite an ear-thuath

© R MacIlleathain.
Ben Tee (Beinn an t-Sìth), Gleanna Garadh, bhon àird a tuath. Tha cumadh sìthe oirre gun teagamh.

Mu dheireadh, tha deasbad air a bhith ann mun ainm Ben Tee, beinn a sheasas gu drùidhteach deas air Loch Garadh ann an Gleanna Garadh. Bha cuid de luchd-dèanaimh nam mapaichean ga h-ainmeachadh an toiseach mar Ben Tigh, ach b’ fheàrr le Eideard C. Ellice ann an Place Names of Glengarry and Glenquoich (1898) mìneachadh a ghabhas a-steach na sìthichean, agus tha e a’ faighinn taic bhon sgoilear Ghàidhlig ionadail Mgr. Henry Cyril Dieckhoff a thug Beinn an t-Sìth oirre anns an fhaclair aige Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic (Gairm 1992). Chruinnich Dieckhoff ainmean-àite bho luchd na Gàidhlig a bhuineadh don àite agus saoilidh mi gu bheil a chuid bheachdan earbsach. Tha Ellice ag innse dhuinn gun robh daoine eòlach air mullach na beinne mar ‘Glengarry’s Bowling Green’, agus ʼs ann mar sin a nochdas e air cairt-tìre Roy. Tha Ellice ag ràdh, ‘Cha mhòr gu bheil slat cheàrnagach ghorm de sheòrsa sam bith ann, agus cha bhiodh na cliathaichean agus creagan casa fàbharach airson geama bobhlaidh ach a rèir cuid, bhiodh na sìthichean a tha a’ fuireach air a’ bheinn a’ gabhail pàirt sa gheama, a’ tilgeil nam ball thairis air na creagan garbha agus a’ ruith leis a’ bhruthach an dèidh na feadhainn a bh’ air a dhol a dhìth.’ Cha chreid mi gum biodh an geama sin coltach ris a’ bhobhladh air a bheil mise (rud beag) eòlach! Ma dh’fhaodte gun robh beagan ìoranais anns na sgrìobh an t-ùghdar …?  

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Gaelic, Uncategorized and tagged , , , , , . Bookmark the permalink.