Bidh an learga-ruadh ‘ag èigheachd air an uisge’, co-dhiù a rèir beul-aithris.
Beagan mhìosan air ais, sgrìobh mi blog mu eòin a bhios ag innse dhuinn mun aimsir romhainn, co-dhiù ann am beul-aithris nan Gàidheal. Bidh an learga-ruadh a’ toirt ghnothaichean ceum nas fhaide. Thathar a’ cumail a-mach gum bi an t-òran tiamhaidh aige ‘ag èigheachd air an uisge’, a’ ciallachadh gun toir e air na speuran uisge a chur. Tha sin air ainm eile a thoirt dhuinn airson an eòin seo – an learga-uisge. Air a’ chiad shealladh, tha an t-ainm a’ coimhead annasach oir tha na leargan uile measail air uisge ann an lochan agus anns a’ mhuir. Ach tha e a’ buntainn ris a’ cheangal eadar an gnè seo agus uisge às na speuran. Ann am Beurla ann an Alba, bidh feadhainn a’ gabhail ‘rain-goose’ air, air an dearbh adhbhar, oir tha e car coltach ri gèadh ann an cumadh.

Nuair a chluinnear an t-òran aige am measg nan lochan mòintich ann an Leòdhas, bithear ag ràdh gur e sin an learg a’ lorg a’ bhùirn. Tha na h-Eileanan Siar cudromach mar àrainn airson nan leargan-ruadha, agus tha grunnan lochan air an ainmeachadh air an son, leithid Loch na Learga anns an Sgarp, Tarasaigh agus tìr-mòr na Hearadh. Ged nach eil buadhair anns an ainm, ag innse dhuinn le cinnt gur e an learga-ruadh, seach an learga-dhubh, a thathar a’ ciallachadh, tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ dearbhadh gur ann air an fhear ruadh a tha iad a-mach. The Loch nan Learg faisg air Càirinis ann an Uibhist a Tuath, agus tha lochan is lochain ainmichte airson an eòin seo anns an Eilean Sgitheanach (leithid Loch nan Learg faisg air Port Rìgh) agus air tìr-mòr air taobh an iar na Gàidhealtachd.

Ma tha sibh a’ coimhead airson ainmean-àite le learga annta, cuimhnichibh gur e dìreach learg a th’ air an eun uaireannan. Tha learg cuideachd a’ ciallachadh ‘leathad-cnuic’, ge-tà. Mar sin, feumar a bhith faiceallach leis na h-ainmean seo (ʼs e dreach càirdeach, leargaidh, a gheibhear anns a’ Leargaidh Ghallta no Largs ann an Siorrachd Àir). Tha mi an dùil gu bheil an eileamaid learg a’ ciallachadh ‘a bhuineas don mhuir’ mar a chithear ann an learg-mhadadh ‘dogfish’ (Faclair Dwelly) – agus tha seo reusanta gu leòr oir bidh na h-eòin seo a’ cruinneachadh aig muir, faisg air na cladaichean sa gheamhradh. Aig an àm sin, bidh iad a’ call an dath ruaidh air an amhaichean, agus bidh iad car coltach ris na leargan eile, ged as e an tè ruadh an tè as lugha. As t-samhradh, chithear an t-eun seo am measg nan lochan mòintich, ach faisg gu leòr air a’ chladach, far am bi e a’ neadachadh agus far an cluinnear e, agus e ag ‘èigheachd air an uisge’. Ann an Sealtainn, bithear ag ràdh, ma thèid an ‘gèadh-uisge’ a-steach don tìr, gum bi aimsir mhath ann. Ach ma thèid i gu muir, tha droch shìde air an rathad.
Am measg nan ainmean Gàidhlig eile airson na learga-ruaidh, tha learga-chaol learga-dhearg, agus gob-ghèadh no bior-ghèadh oir, ged a tha a bodhaig car gèadhach, tha a gob biorach, eucoltach ri gèadh. Thathar eòlach air mar ‘an t-eun-ruadh ‘ann an Srath Narann, deas air Loch Nis far a bheil Lochan an Eòin Ruadha faisg air Loch Dùn Teilcheag. Chithear an learg-ruadh air an loch seo fhathast, agus e a’ snàmh agus a’ dàibheadh. Tha an t-ainm-àite seo air a bhith na chùis dragh do chuid oir bithear a’ cleachdadh eun-ruadh ann an ear-thuath na Gàidhealtachd airson na circe-fraoich. A bharrachd air sin, chan eil an t-ainm air na mapaichean a’ leantainn riaghailtean gràmair dòigheil. Chanainn gur e Loch nan Eun Ruadha no math dh’fhaodte Loch nan Eòin Ruadha a bu chòir a bhith air mar ainm. Tha mi a’ dèanamh iomradh air an deasbad mun ainm anns an leabhar agam mu ainmean-àite sgìre Inbhir Nis a chaidh fhoillseachadh le NàdarAlba ann an 2021.


Ma thèid sibh a lorg an eòin sònraichte seo, gu h-àraidh as t-samhradh nuair a bhios e a’ neadachadh, dèanaibh cinnteach nach tèid sibh faisg air na neadan a bhios air an togail faisg air a’ chladach no air eileanan beaga. Tha Alba cudromach airson na gnè seo, agus mun treas cuid de na h-eòin Eòrpach a’ fuireach an seo. ʼS e as fheàrr a bhith a’ coimhead air aig astar tro phrosbaig. Suidhibh gu sàmhach agus èistibh. ʼS dòcha gun cluinn sibh gairmean beaga a tha ag innse dhuinn gum bi deagh aimsir ann. Ach ʼs e an gairm as iongantaiche an t-òran tiamhaidh fad-shìnte a chuireas gaoir ann am feòil an neach-èisteachd agus a bhios ag ‘èigheachd air an uisge’. Ma chluinneas sibh an t-òran sin, cha dìochuimhnich sibh gu bràth e!
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.