Tha cunntasan gu leòr mu bheul-aithris nan Gàidheal co-cheangailte ri craobhan ann am Flora Scotica le Iain Lightfoot (1777)
Bithear a’ moladh an Urramaich Iain Lightfoot (1735-88) airson a shàr-obrach Flora Scotica, a chaidh fhoillseachadh ann an 1777, a chuir ri a chliù mar eòlaiche-nàdair agus a dh’fhàg gun deach ballrachd a’ Chomainn Rìoghail a bhuileachadh air ann an 1785. Ann an dòigh, ʼs e a th’ ann am Flora Scotica ach leabhar àbhaisteach dhen t-seòrsa a bha cumanta aig an àm, le lusan dùthchasach na h-Alba mar chuspair. Ach, a bharrachd air sin, tha fiosrachadh gu leòr na chois a tha a’ buntainn ri dualchas nan Gàidheal agus tha e mar sin prìseil dha-rìridh don bhlogair seo.
Rugadh Lightfoot ann an Siorrachd Ghloucester agus fhuair e foghlam ann an Oilthigh Oxford. Bha e cuideachd na dhlùth-charaid aig Ioseph Banks, an luibh-eòlaiche a bu chliùitiche ann an Sasainn aig an àm sin. Ghabh e turas a dh’Alba ann an 1772 cuide ris an ùghdar Chuimreach, Tòmas Pennant, agus thàinig dà phròiseact mhòr fhoillseachaidh gu buil ri linn sin – an leabhar ‘A Tour in Scotland and Voyage to the Hebrides’ le Pennant, a tha fhathast ann an clò, agus Flora Scotica, dà leabhar a dh’fhoillsich Lightfoot e fhèin agus a ghabhas leughadh air an eadar-lìon an-diugh.
Faodar a bhith taingeil gun tug iad leotha an t-Urramach Iain Stiùbhart à Cill Fhinn ann an Siorrachd Pheairt (a bhiodh na mhinistear ann an Lus, Loch Laomainn, an dèidh sin) oir bha esan am measg nan sgoilearan Gàidhlig a b’ fheàrr ri a linn. Bha e os cionn a’ phròiseict airson an Seann Tiomnadh eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Is cinnteach gun tug esan tòrr fiosrachaidh gu Pennant agus Lightfoot a tha a’ toirt ùghdarras do na cunntasan aca mu na Gàidheil.
Anns a’ bhlog seo, bu mhath leam sùil a thoirt air na nochdas ann am Flora Scotica a thaobh ar craobhan dùthchasach, gu ìre mhòr mu dheidhinn na sgrìobh Lightfoot mu chleachdaidhean nan Gàidheal, ged a tha e cuideachd ag aithris air cultar is cleachdaidhean nan Sami agus muinntir Lochlainn anns an fharsaingeachd. Tha mi air gnàthasan litreachaidh an latha an-diugh a chur an sàs far a bheil iad diofraichte bho na sgrìobh Lightfoot agus an Stiùbhartach.

ʼS e a’ chiad chraobh a’ bheithe a ‘bh’ ann am pailteas ann an coilltean na Gàidhealtachd’, a rèir Lightfoot, agus a bh’ air a cur gu feum gu mòr leis an t-sluagh. Bha an rùsg no cairt air a cleachdadh airson leathar a chartadh agus airson ròpan a dhèanamh. Chlàir an t-ùghdar am facal meilleag airson rùsg air an taobh a-muigh (facal a chluinnear fhathast aig na Gàidheil ann an Alba agus Canada) agus sgrìobh e gum bite ga cur gu feum an àite choinnlean. Tha Lightfoot ag ràdh gun robh a fiodh ‘uaireigin air a chleachdadh leis na Gàidheil airson saigheadan a dhèanamh ach a-nise gu bheil e air a chur gu feum ann an dòighean nas fheàrr, leis an rothadair airson crainn-threabhaidh, cairtean agus a’ chuid as motha de dh’acfhainn an tuathanaich; leis an tuairnear airson truinnsearan, bobhlaichean, ladair is m.s.a.a, na faobain a’ toirt fiodh bòidheach cuisleach, agus leis a’ chùbair airson chearcallan-baraille. Agus ris a sin, dh’fhaodamaid cur gun dèan e connadh air leth agus sàr-ghual-fiodha, agus gu bheil an sùith sònraichte mar dhubhach-cobhain airson inc a’ chlò-bhualadair.’

Bhathar a’ cleachdadh duilleach na beithe mar fodar do chaoraich is gobhair agus airson dath buidhe a dhèanamh. Bha a geugan beaga math airson chliathan agus bha na meanbh-gheugan, a rèir choltais, feumail anns an taigh-bheag. Sin ma thuig mi dòigheil na briathran car dìomhair aig Lightfoot air a’ chuspair!
Tha Lightfoot a’ cur seachad còrr is duilleag ann a bhith a’ mìneachadh don leughadair gu mionaideach mar a chruinnicheas e no i snodhach na beithe aig toiseach a’ Mhàirt le bhith a’ stobadh biorain dromain gun ghlaodan a-steach don stoc. An uair sin, tha am pears-eaglais Sasannach a’ mìneachadh mar a nithear fìon leis an t-sùgh. Tha e ga mholadh do a ‘charaidean Gàidhealach’ agus tha e ga chomharrachadh mar mòran nas fheàrr na ‘uisge-beatha na mollachd’!
ʼS e an dàrna craobh mhòr ann am Flora Scotica an fheàrna. Sgrìobh Lightfoot gun robh a cuid fiodha a’ seasamh gu mòr ri uisge agus gun robh e mar sin feumail airson pìoban-uisge a dhèanamh no airson a bhith ann an àite fliuch, far an tionndadh e dubh mar fiodh-eaboin. Bha e air a chur gu feum cuideachd leis an rothadair agus tuairnear airson cuibhlichean cartach a dhèanamh, cho math ri bobhlaichean, ràcan, sàilean bhrògan boireannaich, brògan-fiodha, paitein is mar sin air adhart. Bhiodh na Gàidheil gu tric a’ dèanamh sheithrichean leotha agus bha na geugan freagarrach airson gual-fiodha a dhèanamh. Air a’ Ghàidhealtachd, tha e ag ràdh, bha dath dubh air a dhèanamh le bhith a’ goil snàth ann am poit le rùsg na craoibh-fheàrna agus copar-dubhaidh.
Sgrìobh Lightfoot gun robh an darach ‘bitheanta’ air a’ Ghalltachd ach ‘meanbh’ air a’ Ghàidhealtachd. A bharrachd air a bhith air a chur gu feum ann an longan is togalaichean, agus ann an cartadh, tha an t-eòlaiche-nàdair ag innse dhuinn gun robh na Gàidheil a’ cleachdadh an rùsg airson an snàth a dhathadh donn no, le copar-dubhaidh ann, a dhathadh dubh. Sgrìobh e gun do ghabh na Gàidheil ‘rìgh nan craobhan gu lèir sa choille’ air an darach [bidh sinn fhathast a’ gabhail ‘rìgh na coille’ air] agus gum biodh am buachaille ga thomhas fhèin mì-fhortanach mura robh bata-daraich aige. Dhen challtainn, thuirt Lightfoot gun robh cuid de Ghàidheil a’ tomhas na craoibhe mar mhì-fhortanach ach gun robh dà chnò a bha ceangailte ri chèile mar cnò-chòmhlaich na deagh chomharra agus gum biodh daoine gan giùlan leotha mar sheun an aghaidh buidseachd.
Bha am pears-eaglais Sasannach dhen bheachd gum b’ e an giuthas tè de na craobhan a b’ fheumail’ a bh’ ann, leis an fheadhainn a b’ àirde agus a bu dhìriche air an cur gu feum mar chrainn-shoithich anns a’ chabhlach rìoghail. Sgrìobh e mu dheidhinn cleachdadh giuthais nam boglaichean, agus sliseagan dhiubh air an cleachdadh mar choinnlean. Aig Loch a’ Bhraoin (Ros an Iar) mhothaich e gum biodh iasgairean a’ dèanamh ròpan dhen rùsg a th’ air an taobh a-staigh agus sgrìobh e gum biodh feadhainn a’ dèanamh dheth gum biodh pronnasg a’ tuiteam mar uisge à nèamh nuair a bhiodh am poilean giuthais air a chur a-mach ann am pailteas.

Sgrìobh Lightfoot gu leòr air na seilich, nach eil air an aithneachadh dòigheil mar dhiofar ghnèithean leis na Gàidheil, agus dh’aidich e gun robh feadhainn a chaidh a chruinneachadh dha leis an Urr. Iain Stiùbhart air a bhith do-dhèanta aithneachadh is ainmeachadh. Ge-tà, chlàir e seileach mar ainm Gàidhlig anns an fharsaingeachd agus sgrìobh e gum biodh na Gàidheil a’ cleachdadh rùsg na craoibhe gu tric airson leathar a chartadh. Bha am fiodh bog air a chleachdadh airson làmhan innealan a dhèanamh agus mar bhùird cutaidh is lìomhaidh aig greusaichean.
Dè na gnèithean craoibhe eile a nochdas ann am beul-aithris nan Gàidheal, bha Lightfoot ag ràdh gun robh an t-iubhar ri lorg ann an staid fhiadhaich fhathast ann an cuid de dh’àiteachan air a’ Ghàidhealtachd (cuspair a tha rudeigin connspaideach fhathast), agus tha e a’ dèanamh iomradh air an t-seann chraoibh-iubhair ann am Fairtirchill – tè a tha beò fhathast. Sgrìobh e anns an fharsaingeachd mun aiteann agus mar a bhathar a’ dèanamh sine leis, agus tha e a’ toirt dhuinn cunntas iongantach air an uinnseann mar a leanas: ‘Ann am mòran phàirtean dhen Ghàidhealtachd, aig àm breith leanaibh, bidh a’ bhanaltram no bean-ghlùine, air adhbhar nach aithne dhomh, a’ cur aon cheann aig geug uaine dhen chraoibh seo a-steach dhan teine agus, fhad ʼs a tha e a’ losgadh, tha i a’ gabhail ann an spàin an sùgh a nochdas aig a’ cheann eile, agus bidh i a’ toirt seo mar a’ chiad làn-spàin lionna dhan leanabh ùr.’
ʼS dòcha gu bheil e iomchaidh an t-iomradh mu dheireadh a dhèanamh air a’ chraoibh-chaorainn. Sgrìobh Lightfoot gun robh na Diùraich a’ cleachdadh sùgh nan caorann mar ‘shearbhag airson puinnse’, gum biodh na Gàidheil ‘gu tric gan ithe nuair a bha iad làn abaich agus gum biodh iad a’ dèanamh deoch làidir blasta leotha.’

Thug Lightfoot beachd seachad cuideachd air a’ ghnè seo, aig a bheil àite sònraichte ann an cridhe nan Gàidheal: ‘Tha e buailteach gun robh na Draoidhean a’ tomhas na craoibhe seo mar naomh oir chun an latha an-diugh tha e a’ fàs nas trice faisg air na tùrsachan draoidheil seach ann an àite sam bith eile ann an ceann a tuath Bhreatainn; agus bidh na saobh-chràbhaich ga tomhas le mòr-urram, rud a ghabh iad mar oighreachd bho chian nan cian. Tha iad a’ creidsinn gun dìon pìos beag sam bith dhen chraoibh seo iad an aghaidh droch gheasan no buidseachd, nuair a tha iad ga ghiùlan leotha. Bidh an crodh cuideachd air an dìon bho olc, cho math riutha fhèin, oir cha dìochuimhnich a’ bhanarach an iomain don àirigh le slat caorainn a bhios i a’ cur os cionn doras a’ bhothain-àirigh, agus gan iomain dhachaigh leis an dearbh shlat. Ann an Srath Spè, bidh iad a’ dèanamh, air an dearbh adhbhar, air Latha Buidhe Bealltainn, cearcall de dh’fhiodh na craoibhe seo agus feasgar agus sa mhadainn a’ toirt air na caoraich is na h-uain a dhol troimhe.’ Cha chreid mi gum biodh Lightfoot a’ gabhail iongnadh mòr gum bi cuid de ‘shaobh-chràbhaich’ a tha beò an-diugh fhathast a’ toirt ‘mòr-urram’ don chraoibh-chaorainn.
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.