Lus buidhe Bealltainn

Tha na Gàidheil fhathast a’ comharrachadh na Bealltainn, co-dhiù le bhith ag ainmeachadh a’ chiad latha dhen Chèitean mar ‘Latha Buidhe Bealltainn’. Tha ‘buidhe’ an dà chuid na chomharra de dhath agus de dheagh fhortan (canaidh sinn ‘nach buidhe dhut’ gu cumanta fhathast). Bha Bealltainn bhò thùs na fèill phàganach a bha na inntrigeadh don t-samhradh. Bha e aig ceann eile na bliadhna bho ‘Shamhain’, fèill phàganach eile a bha a’ comharrachadh toiseach a’ gheamhraidh. Chanadh na seann daoine ‘bho Shamhain gu Bealltainn’ nuair a bha iad a’ ciallachadh an leth fuar dhen bhliadhna.

Read in English

Marsh marigolds. ©Lorne Gill/SNH
Buidhe aig a’ Bhealltainn.  Bha, and tha, lus buidhe Bealltainn a’ comharrachadh toiseach an t-samhraidh ann an inntinn nan Gàidheal. ©Lorne Gill/NatureScot

Tha Bealltainn air a comharrachadh ann an lus dùthchasach air an nochd dìtheannan buidhe mun àm sin dhen bhliadhna. ’S e sin Caltha palustris, lus ris an canar marsh marigold ann am Beurla. Ann an Gàidhlig, ’s e ‘lus buidhe Bealltainn’ an t-ainm a th’ air. Bhiodh daoine a’ cur dìtheannan an luis seo os cionn an dorsan airson droch gheasan a sheachnadh; uaireannan bhite gan ceangal ri earbaill cruidh air an dearbh adhbhar. Is cinnteach gu bheil dath an luis co-cheangailte ris mar a bha daoine ga thomhas mar fhortanach.

Whimbrel. ©David Whitaker
Eun Bealltainn ©David Whitaker

Tha e mar as trice blàth gu leòr aig a’ Bhealltainn ach corra uair cuirear an sneachd mu dheireadh dhen gheamhradh aig an àm sin. Thathar a’ gabhail ‘sneachd mu bheul na Bealltainn’ air a leithid. Agus bhiodh na balaich ag èisteachd airson na cuthaig air latha na Bealltainn. Nan cluinneadh iad i, dh’èigheadh iad “‘Gug-ùg!’ ars a’ chuthag Latha Buidhe Bealltainn”. Agus mhothaich na seann daoine gum biodh an t-eun beag ris an canar a whimbrel ann am Beurla a’ nochdadh aig an àm sin a h-uile bliadhna (coltach ris a’ chuthaig, bidh e a’ cur seachad a’ gheamhraidh ann an Afraga). Mar sin thug iad ‘eun Bealltainn’ air mar ainm.

Marsh marigolds growing in a coastal flush, Skaw, Unst, Shetland. ©Lorne Gill/SNH
©Lorne Gill/SNH

B’ e an seann chleachdadh a bhith a’ togail dà theine air Latha na Bealltainn tron chùirte sprèidh is iomadh rud eile airson an ùrachadh is dìon an aghaidh droch bhuidseachd. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil Tullybelton/Tulach Bealltainn ann an Siorrachd Pheairt am measg nan àiteachan anns an tachradh a leithid. Ged nach eil an t-seann fhèill Cheilteach seo air a comharrachadh gu mòr ann an Alba an-diugh, tha i air beatha ùr fhaighinn anns na bliadhnaichean a chaidh air an oidhche mu dheireadh dhen Ghiblean air Cnoc na Calltainn ann an Dùn Èideann. Ged a tha dreach rudeigin ùr-nòsach oirre, tha teine aig meadhan a’ ghnothaich fhathast.

This entry was posted in Flowers, Folklore, Gaelic, Uncategorized and tagged , , , , , , , , . Bookmark the permalink.