Tha àite mòr aig an nathair ann am beul-aithris nan Gàidheal
Bha na seann Ghàidheil gu math measail air tòimhseachain, agus seo eisimpleir de a leithid, ged nach bi e furasta do dhaoine anns an latha an-diugh am fuasgladh a lorg:
Tha slat an coille Alasdair,
Cha ghiuthas i, cha dharach i,
Chan aon fhiodh air thalamh i,
’S cha thomhais thu gu oidhche i.
Tuigidh sibh gu bheil diofar chiallan air an fhacal slat. Agus ʼs e am fuasgladh don tòimhseachan – ‘nathair’. Bidh nathraichean a’ nochdadh gu tric ann am beul-aithris is abairtean nan Gàidheal. ʼS e dì-mholadh mòr a th’ ann an ‘sgath na nathrach ort!’ Agus, nan canamaid ri cuideigin ‘tha nimh na nathrach aige dhut’, tuigidh sibh gu bheil fuath aig an dàrna duine air an duine eile.
Tha faclan càirdeach do nathair ann an cànanan eile, a’ gabhail a-steach na Beurla. Bhiodh am fuaimneachadh dheth uaireigin rudeigin mar ‘nadar’ no ‘natar’ agus tha e càirdeach do neidr (Cuimris), naðra (Tìlis) agus naddre (A’ Bheurla Mheadhanach). Ann am Beurla, chailleadh an ‘n’ aig an toiseach don alt agus an àite ‘a naddre’ bithear ag ràdh ‘an adder’. Mar sin, tha na faclan nathair agus adder càirdeach do chèile. Tha dùil gu bheil an Laideann natrix ‘nathair-uisge’, a nochdas ann an ainm saidheansail na nathrach gun phuinnsean – Natrix natrix – cuideachd càirdeach do nathair, ged a tha cuid de dh’eòlaichean air tomhas gun do dh’èirich e às an fhreumh nat ‘snàmh’.

Faodaidh nathair seasamh airson nathraichean de sheòrsa sam bith, ach gu tric bithear a’ ciallachadh nathair-nimhe no ‘adder’. Tha samhla ann – cho carach ris an nathair-nimhe. Tha e inntinneach ann an dualchainnt Ghàidhlig sgìre Gheàrrloch (Ros an Iar), gun do thachair rudeigin coltach ris a’ Bheurla, agus an ‘n’ aig toiseach nathair a’ falbh. Ann an Geàrrloch, canar athair-neimhe ri a leithid de chreutair, agus tha faclair iongantach Roy Wentworth nach maireann mu dhualchainnt na sgìre ag innse dhuinn gu bheil ainm-àite ann – Camas nan Athraichean-Neimhe (faisg air an Rubha Dhearg), ged nach eil sin ri fhaicinn air na mapaichean.

Tha am facal nathair a’ nochdadh an siud ʼs an seo air mapaichean na Gàidhealtachd. Tha Creag na Nathrach faisg air Loch Luinn, Loch Abar, tha Càrn na Nathrach ann an Àird Ghobhar agus tha Meall Nathrach deas air Loch Lagain. Tha Cnapan Nathraichean air oighreachd Bhoth Mhoireil ann an Siorrachd Obar Dheathain, agus gheibhear lorg air Geodha nan Nathraichean air cladach an earra-dheas Leòdhais. Tha an t-ainm mu dheireadh iongantach oir tha na Leòdhasaich as aithne dhomh a’ cumail a-mach – cleas Èirinn Naoimh Phàdraig – nach eil nathraichean rin lorg ann an Leòdhas ann. Agus thathar a’ cumail a-mach gu bheil an t-ainm ceart air Meall Arachaidh faisg air Srath Maolchaluim air a’ Chomraich – Meall nan Nathraichean.

Le cead bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Ann an Carmina Gadelica II, tha Alasdair MacIlleMhìcheil ag innse dhuinn mu rud annasach, ris an canar clach-nathrach agus a nochdas ann an dualchas cuid de nan dùthchannan Ceilteach eile: ‘Lorgar stuth ris an canar ‘clach-nathrach’ air freumh an fhraoich. Tha i liath agus car coltach ri tàth-thaois bhog nuair a tha i ùr agus coltach ri tàth-thaois chruaidh nuair a tha i sean, agus i cho aotrom ri sligeart. Tha i cruinn agus eadar òirleach is trì òirlich ann an trast-tomhas. Tha toll cruinn mu chairteal òirlich ann an leud tron mheadhan. Thathar ag ràdh gu bheil an stuth seo air a dhèanamh le nathair a chuireas a-mach cop timcheall air gas fraoich. Tha fèill mhòr air a’ chloich-nathrach agus bidh e a’ dol eadar ginealaich mar shuaicheantas de dheagh fhortan.’
Thathar ag ràdh gu bheil fuath aig an nathair air trì seòrsaichean craoibhe – beithe, giuthas agus, gu sònraichte, a’ chraobh-uinnsinn. Tha abairt ann: Thèid nathair tro theine dearg mun tèid i tro dhuilleach an uinnsinn. Ge-tà, bhathar a’ dèanamh dheth gun robh ceann nathrach air leth feumail ann an leigheas, agus bhiodh seann lighichean-baile a’ cumail pocan cheann anns am biodh cinn nathrach, muile-mhagaig agus dearc-luachrach. Bhiodh seo air a bhogadh ann an allt a bh’ air crìoch dà chroite. Bhiodh an t-uisge a thigeadh às a’ phocan air a shuathadh air lot airson a leigheas.
Chlàir an t-eòlaiche Cuimreach, Eideard Lhuyd, an cleachdadh am measg Gàidheil na h-Alba gun ruitheadh iad a-steach a dh’uisge mar leigheas airson bìdeadh nathair-nimhe. Dh’aithris e cuideachd gum biodh seann nathraichean a’ dèanamh cruth-atharrachadh gu bhith nan dràgonan sgiathach. Sgrìobh Lightfoot ann am Flora Scotica (1777) gum biodh ‘nimh [nathrach] a th’ air leigeil air claidheamh a’ dèanamh fais mar a bhios uisge air iarann teth, agus gur e fuar-lite de bhuachair aig mac an duine a bhios mar leigheas do bhìdeadh nathrach’! Tha an t-ùghdar airson dèanamh soilleir nach eil e a’ moladh gin de na ‘leigheasan’ sin!
Tha beul-aithris a’ ceangal nathraichean ri Latha Fèill Brìde (1 Gearran), air am biodh feadhainn a’ pronnadh caoran mònach ann an stocainn; tha dùil gun robh a’ mhòine a’ riochdachadh nathair a bh’ air ùr-nochdadh bho a toll. Bhathar ag ràdh gum biodh an nathair a’ gealltainn mar a leanas do Chlann Ìomhair nuair a nochdadh i on toll aice air Latha Fèill Brìde (toiseach an Earraich o shean).
Mhionnaich mise do Chlann Ìomhair
ʼS mhionnaich Clann Ìomhair dhòmhsa
Nach bean mise do Chlann Ìomhair
ʼS nach bean Clann Ìomhair dhòmhsa.
Thathar a’ smaoineachadh gu bheil an rann a’ riochdachadh seann chàirdeas eadar Clann Ìomhair Siorrachd Pheairt agus math dh’fhaodte Clann Donnchaidh aig an robh nathair mar shuaicheantas cinnidh.

ʼS dòcha gur e am faoinsgeul Gàidhlig as ainmeile mun nathair am fear mun draoidheachd co-cheangailte ri feòil aig nathair gheal (agus tha a leithid ann oir chunnaic mi fhìn tè dhiubh aon turas – geal le comharraidhean dubha air a druim). Tha sgeul à Tiriodh air a bheil An Nathair Gheal ag aithris mu rìgh brùideil a tha sireadh comas tuigse cainnt nan eun ʼs nan ainmhidhean ach a chailleas a chothrom nuair a dh’itheas prionnsa òg an fheòil roimhe. Tha fitheach – eun an eòlais – a’ toirt comhairle don phrionnsa teicheadh le a bheatha, agus tha a h-uile càil a’ tighinn gu deireadh toilichte! Chan eil teagamh ach gu bheil am moitif sin – de dh’fhear òg a’ faighinn eòlas mar thuiteamas le bhith ag ithe feòil eòlais – a’ tighinn on mhòr-sgeul mu mar a fhuair Fionn mac Cumhail a chuid eòlais le bhith ag ithe feòil bradain.
Tha sgeulachd à Dùthaich MhicAoidh, stèidhichte air fìor charactar eachdraidheil, air a bheil Fearchar Lighiche. Tha Fearchar, fear de na Peutanaich Ìleach a bha nan lighichean ainmeil, na chìobair ann an Gleanna Gollaidh. Tha e a’ falbh gu fèill-reic stuic air a’ Ghalltachd, far a bheil fear a’ tabhann duais dha ma bheireas e dha nathair gheal a tha beò aig bonn craoibh-calltainn ann an Gleanna Gollaidh. Tha Fearchar fhèin ag ithe beagan dhen fheòil mus fhaigh am fear eile cothrom agus sa mhionaid tha tuigse aige air leigheasan airson gach tinneas san domhan. Air a shlighe dhachaigh (gun duais), tha e a’ frithealadh rìgh a tha a’ fulang pian dòrainneach agus aig a’ cheann thall tha e na lighiche agus na uachdaran beartach. Math dh’fhaodte gun robh Fearchar ann an dha-rìridh na lighiche do Raibeart II, Rìgh na h-Alba, anns a’ cheathramh linn deug.
Tha sgeul coltach à Loch Aillse a’ gabhail a-steach an lighiche Naomh Faolan a bha beò anns an ochdamh linn agus a tha a’ toirt nathair gheal leis don Fhraing. Tha e ri chluinntinn, air aithris le Donnchadh MacMhathain (Donnchadh Stalker 1929-2010) air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Agus tha beul-aithris mu nathraichean air leantainn an ìre mhath chun an latha an-diugh. Bha Alasdair MacNeacail (Alasdair Shomhairle Mhòir 1884-1966) às an Eilean Sgitheanach air a chlàradh le mac a pheathar, am fear-cruinneachaidh beul-aithris, Calum Iain MacGill-Eain, ann ann 1959, agus e ag innse mar a chunnaic e agh a bh’ air a dhol a dh’at nuair a bha e na bhalach òg. Dh’fheuchadh leigheasan, leithid dòrtadh uisge a bh’ air tighinn far an airgid thairis oirre, agus snàithlean dearg a cheangal timcheall oirre fhad ʼs a bhathar a’ gabhail rann leigheis, ach cha robh iad soirbheachail.
Thàinig coimhearsnach agus bha esan deimhinne gur e bìdeadh nathrach a bu choireach. Thug e ceann-nathrach a bha e a’ cumail a-staigh (mar a bhitheadh!) agus shuath e claban-cinn na nathrach thairis air an lot. Ro mhadainn, bha an agh ceart gu leòr a-rithist. Tha MacNeacail a’ toirt a chunntais gu crìch le bhith ag ràdh, ‘Chan fhaca mise riamh ceann nathrach a bhith ga chur air feum ach aig an aon àm ud’ Is beag an t-iongnadh, tha fhios! Cuimhneachan prìseil, air a ghleidheadh gu sìorraidh.
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.