Machraichean Bòidheach na h-Alba

Tha am facal ‘machair’ cho sònraichte ʼs gu bheil e air tighinn a-steach don Bheurla.

Read in English

Tha e math aig an àm seo dhen bhliadhna, nuair a tha na làithean dorch agus a’ ghrian ìosal, a bhith a’ cuimhneachadh dathan is soilleireachd a’ mhachair anns an Ògmhios. Chan eil ach beagan mhìosan romhainn mus bi cothrom a-rithist tlachd a ghabhail à fàileadh na fairge agus coltas nam flùraichean a tha a’ comharrachadh na h-àrainn iongantaich Albannaich seo.

Lusan fiadhain a’ fàs air machair Uibhist. ©Lorne Gill/NatureScot.

A rèir an fhaclair ‘Brìgh nam Facal’ tha machair a’ ciallachadh ‘talamh rèidh, gu h-àraidh ri taobh na mara’. Mar sin tha am facal nas fharsainge ann an Gàidhlig na tha ann am Beurla, far a bheil e a’ ciallachadh ‘talamh rèidh ri taobh na mara far a bheil gainmheach agus sligean briste air an sguabadh ann leis a’ ghaoith’. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil e a’ tighinn bhon dà eileamaid magh ‘blàr, talamh rèidh’ agus tìr ‘fearann’, agus tuigidh sibh gum faod machair a bhith gu math mòr, leithid Machair Aonghais (eadar Ceathramh Moire agus an costa) agus am Machair Gallta ann am meadhan na dùthcha.

Tha am facal a’ nochdadh air mapaichean ceann a tuath na h-Èireann, le àiteachan mar Magherafelt (Machaire Fíolta) and Maghera (Machaire Ratha), agus ann an Eilean Mhanainn far a bheil e a’ ciallachadh ‘achadh rèidh’ agus far am faicear àiteachan mar Magher ny Traie ‘machair na tràighe’ and Magher y Chreg Vane ‘machair na creig bhàin’.

Am machair fo bhlàth, Beinn nam Fadhla. ©Lorne Gill/NatureScot.

Ach ʼs ann an Alba as trice a nochdas am facal agus ʼs ann an seo a ghluais e bho Ghàidhlig gu Beurla ann an cainnt is sgrìobhaidhean eòlaichean-nàdair agus luchd-saidheans tràth anns an fhicheadamh linn, le sùil shònraichte air na machraichean ri taobh a’ chladaich anns na h-Eileanan Siar. Ged as ann an Uibhist is Barraigh as nochdte a tha a leithid, tha machraichean snoga ann an Leòdhas agus Na Hearadh cuideachd, a bharrachd air eileanan eile far a bheil cladach mu choinneimh a’ chuain mhòir. Tha am measgachadh de shligean mara agus gainmheach cudromach anns na h-àrainnean seo, a’ dèanamh cothlamadh de mhèinnearan, agus nas lugha de shearbhagan, an coimeas ris an ‘talamh dhubh’ far a bheil mòine, agus le lusan eadar-dhealaichte a’ fàs ann.

Tha bòidhchead is iomadachd ar machraichean an urra ri croitearachd thraidiseanta.

Tha am machair seo, mar a tha e an-diugh, air tighinn gu bith mar thoradh air mar a tha daoine air a bhith ga chleachdadh fad linntean. Bidh croitearan is tuathanaich a’ cur bàrr agus buntàta ann am pàtran cuairte gus nach fhàs an talamh gann de mhaitheas, agus ga fheamnadh airson torachas a chur ris. Tha an iomadachd de lusan air a’ mhachair mar shamhla dhen àiteachas sin. Chan iongantach e gu bheil gràdh aig na Gàidheil air am machraichean.

Ged a tha am facal air a chur gu feum gu làitheil anns na h-Eileanan Siar – anns an dà chànan – cha bhi e a’ nochdadh gu tric air mapaichean nan eilean. Ge-tà, tha eisimpleirean anns a’ Mhachair Leathann agus Machair Robach air cladach a tuath Uibhist a Tuath, agus Loch a’ Mhachaire air Ceileagraigh ann an Caolas na Hearadh. Agus tha baile air Ardivachar (Àird a’ Mhachair) air ceann a tuath Uibhist a Deas. An sin tha machair na fhacal fireanta. Ach faisg air làimh, a rèir na Suirbhidh Òrdanais, tha Rubha Àird na Machrach far a bheil e boireanta. Saoilidh mi gu bheil seo mearachdach oir tha Àird a’ Mhachair(e) gu math stèidhichte.

Tha am facal air a thomhas boireanta cuideachd ann an Cinn Tìre far a bheil Cruach na Machrach, ged a tha machair gann anns an nàbachd sin. A rèir faclair Armstrong (1825) bha e boireanta ann an Siorrachd Pheairt. Tha esan a’ toirt eisimpleirean mar luibh na machrach ‘the herb of the field’ agus air feadh na machrach ‘among the Lowlands’.

Tràigh a’ Mhachaire ann an Ìle. ©Lorne Gill/SNH

Chithear am facal machair air a’ mhapa ann an sgìrean dhen dùthaich far an robh Gàidhlig aig an t-sluagh o chionn fhada, ach ann an dreach atharraichte. Mar eisimpleir, ann an Gall-Ghàidhealaibh, tha Machermore (Machair Mòr) and Macherbrake (Machair Breac). Tha ‘The Machars’ ann cuideachd, ainm a tha ag innse dhuinn mu chumadh na tìre. Cuideachd ann an seann Ghàidhealtachd an iar-dheas tha Macherquhat (Machair Chat?) agus Pinmacher, ʼs dòcha ‘peighinn a’ mhachair’. Air taobh an iar Arainn tha Machrie, le ainmean eile a tha a’ buntainn ris, leithid Machrie Water agus Machrie Bridge, agus far a bheil raon-goilf – oir nach ann air machair no (ann an Albais) ‘links’ a thòisich an gèam sin?

Tha Machrie ann an Ìle cuideachd, ri taobh tràigh air a bheil Tràigh Mhachir (Tràigh a’ Mhachaire) air na mapaichean. Air an dearbh eilean, faisg air a’ phort-adhair, tha tràigh eile ann air a bheil Tràigh a’ Mhachaire, le Muran a’ Mhachaire air a’ chùlaibh agus taigh-òsta air a bheil ‘Machrie Hotel’.

Bha machair ann an Cinn Tìre cuideachd freagarrach airson raointean-laighe a thogail. Tha Port-adhair Cheann Loch Cille Chiarain air Machair Shanais (Machrihanish). Tha machraichean eile ann an Cinn Tìre, leithid Machrimore (Am Machair Mòr) agus Machribeg (Am Machair Beag), agus air Eilean Cholbhasa, ri taobh machair brèagha a tha làn choineanach, tha baile beag air a bheil Machrins (Na Machairean – air fhuaimneachadh ‘MEH-chur-in’).

Ma tha ùidh agaibh ann an telebhisean, bidh sibh eòlach air ‘Machair’, a chiad dràma ‘siabainn’ Gàidhlig a nochd riamh air TBh. Bha e air fhilmeadh ann an Leòdhas. Cuideachd às na h-Eileanan Siar, tha an t-òran Uibhist mo Ghràidh, a tha ag innse mu ghràdh an òranaiche do dh’eilean a bhreith, agus e a-nise a’ fuireach ann an Glaschu nan sràidean glasa. Is beag an t-iongnadh gu bheil e a’ cuimhneachadh machraichean àlainn Uibhist:

Ged ʼs fhada bhon dhʼfhàg mi eilean mo ghràidh,

ʼS a thàinig mi a Ghlaschu ʼs a rinn mi ann tàmh,

 Tha machraichean Uibhist nam chuimhne a ghnàth,

Aʼ cumail mo chridhe gach latha rium.

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Gaelic, machair, Uncategorized and tagged , , , , , , , , , , , , . Bookmark the permalink.