Eòin nam Manaidhean

ʼS iomadh eun a dh’innseas dhuinn dè tha romhainn …

Read in English

Tha na ceanglaichean eadar eòin agus daoine gu math làidir. Nach tuirt ar sinnsearan gum b’ e Linn an Àigh nuair a bha Gàidhlig aig na h-eòin?! Agus, coltach ri slòigh thraidiseanta eile air feadh na cruinne, bhiodh na seann Ghàidheil a’ dèanamh cheanglaichean eadar fèin-ghiùlan nan eun agus tachartasan nam beatha.

Mar eisimpleir, bidh mòran agaibh eòlach air an eun tharraingeach chumanta – dubh-is-geal – ris an canar Breac an t-Sìl, a bhios a’ bogadh earball gu snog. Tha an abairt seo à sgìre Gheàrrloch: Nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’.   Ann an àite cho fliuch ri taobh an iar Rois, ʼs dòcha gum biodh e fìor gu tric! Anns an dol-seachad, tha ainm an eòin seo car annasach oir bidh iad ag ithe fad a bharrachd de mheanbh-fhrìdean, seach sìl. Tha caraid dhomh, a tha mion-eòlach air eòin, dhen bheachd gur e breac an tìl a bu chòir a bhith air mar ainm, oir bidh iad a’ gairm fuaim mar ‘tìl’ gu tric.

Breac an t-Sìl air stoc craoibhe. A bheil e na iongnadh gu bheil an t-uisge ann?! ©Lorne Gill/NatureScot

Tha am Breacan-baintighearna dlùth-chàirdeach do Bhreac an t-Sìl agus bhiodh daoine a’ dèanamh ro-shealladh air an aimsir ga rèir. Nam biodh an t-eun seo ri fhaicinn faisg air doras an taighe no am measg nan cearc, bhiodh droch shìde air an rathad. Ge-tà, bha e na bu mhiosa aig àm sgriosail nam Fuadaichean. Nam faicte breacan-baintighearna eadar neach agus an taigh aca, cha b’ fhada gus am biodh iad na daoine air an ruagadh às an taigh. Bha sin aithnichte aig ar sinnsearan mar Call na Làraich. Droch ‘bhaintighearna’, gu dearbh.

Bhiodh a’ Bhrù-gheal cuideachd ag innse do dhaoine gun robh droch shìde anns an amharc. Nam b’ e a’ chiad shealladh san latha a bh’ aig cuideigin dhen ghnè seo an t-eun na sheasamh air clach, cha bhiodh stoirm fad-às. Bha beachd car coltach, ach nas miosa, air eun beag eile ris an canar an Clacharan. Ged as e deagh rud a bhiodh ann a leithid fhaicinn air sgèith, ʼs ann olc a bhiodh sealladh de chlacharan na sheasamh air clach. Tha abairt ann: Chunnaic mi clacharan air clach lom, ʼs dhʼaithnich mi nach dʼ rachadh a’ bhliadhna leam.

Tha seanchas car coltach ceangailte ris a’ Chuthaig. Ma chluinneas tu ciad ghuth na cuthaig as t-Earrach, agus do stamag falamh, thig droch bhliadhna ort. Anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ cumail briosgaid fon cluasaig as t-Earrach, gus am biodh cothrom aca rudeigin ithe mun èireadh iad, eagal ʼs nach cluinneadh iad a’ chuthag mus ruigeadh iad an cidsin! Ann an Taobh Sear Rois, bhathar ga thomhas mì-fhortanach nan cluinnte a’ chiad chuthag dhen bhliadhna agus i a’ dèanamh gùg-gùg na bu lugha na còig tursan.

A’ Chuthag: tha tòrr beul-aithris is abairtean Gàidhlig ceangailte rithe. ©Ron Knight, via Creative Commons.

Bidh a’ chuthag a’ nochdadh gu tric ann am beul-aithris agus seanchas. Nan gairmeadh tè bho mhullach taighe no bho shimilear, bhathar a’ dèanamh dheth gum faigheadh cuideigin anns an taigh bàs taobh a-staigh bliadhna. Nan cluinnte i as t-Iuchar (agus feadhainn de na h-eòin fhathast gun Alba fhàgail), bhiodh droch shìde ann aig àm an fhoghair. Agus nam faicte cuthag a’ seinn air craobh-sgìthich, ʼs e deagh latha a bhiodh ann airson bò a reic no arbhar a cheannach.

Bhiodh na seann Ghàidheil a’ gabhail dragh nam faiceadh iad Liath-chearc, a’ chearc aig a’ choileach-dhubh oir, eucoltach ris a’ choileach, bha e na droch mhanadh cearc fhaicinn mu chiaradh an fheasgair. Cuideachd nan cluinnte ‘cò-deug, cò-deug’ aig Feadag air an oidhche, bha daoine dhen bheachd gun tigeadh bàs no olc eile. Ge-tà, a rèir choltais, bha cuid a bha ri obair na poite-duibhe ag innse an sgeòil seo gu tric oir bha iad ag iarraidh daoine a chumail air falbh bhon àiteachan far an robh ri staileadh, agus far am biodh na feadagan gu tric a’ dèanamh fead!

Tha seanchas gu leòr co-cheangailte ris an Fhitheach cuideachd. Tha abairt ann: Fitheach dubh air an taigh, fios gu nighean an dathadair. Bha seo na mhanadh air bàs. Bhiodh aig nighean an dathadair dreasaichean a dhathadh dubh air a shàillibh. Thathar ag ràdh gur e fìor dhroch rud a th’ ann a bhith a’ faicinn fitheach le itean bàna. Agus chlàr an t-iol-dànach Cuimreach, Eideard Lhuyd (1660-1709) mar a bha na Gàidheil ann an Alba a’ dèanamh ro-shealladh air an aimsir leis an fhitheach agus an fheannag. Nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig sa mhadainn, bhiodh deagh latha ann; nam biodh an fheannag a’ gairm an toiseach, bhiodh droch shìde ann.

Am Fitheach: manadh de bhàs ma nochdas e air mullach an taighe … ©Lorne Gill/NatureScot

Bha ar sinnsearan cuideachd dhen bheachd gun innseadh a’ Chomhachag nuair a bhiodh uisge mòr ann. Chanadh iad: Tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn. Agus tha daoine dhen bheachd, ma chluinneas iad an Lon-dubh a’ seinn gu h-àrd ’s gu snasail, gu bheil uisge air an rathad.

Air an làimh eile, bhiodh daoine ag èisteachd gu dlùth ri seinn a’ Bhrù-dheirg oir bidh e ag innse deagh naidheachd agus droch naidheachd mun t-sìde. Nuair a bhios e na shuidhe ann am preas no callaid, agus e a’ gairm le guth beag, bidh droch shìde ann. Ach air feasgar samhraidh, eadhon ged a bhios e sgòthach, dorch, bidh seinn sunndach an eòin ag innse gum bi deagh latha ann air an làrna-mhàireach. Agus ma sheinneas Uiseag air latha fliuch, chan fhada gus am bi an turadh ann.

ʼS e deagh mhanadh a th’ ann a bhith a’ faicinn Calman a’ chiad char sa mhadainn agus tha an dearbh rud fìor mu Chlamhan nan Cearc (no an Clamhan-luch mar a chanas cuid). Ann an làithean na h-àirigh, nuair a bhite ag iomain a’ chruidh bhon bhaile don mhonadh, bha daoine fortanach nam faiceadh iad naosg ag èirigh ron sprèidh. ʼS ann às a seo a thàinig an abairt ʼs ann romhad a dh’èirich an naosg, a’ ciallachadh gu bheil an duine eile fortanach. Ge-tà, gu h-annasach, bha e mì-fhortanach turghanaich no meigeadaich an naoisg (no ‘gobhar-adhair’) a chluinntinn air Diluain, agus tu nad shuidhe crom.

Ged as ann olc a tha gu leòr de na manaidhean co-cheangailte ri eòin, ʼs fhiach an cunntas seo a thoirt gu crìch le fear a gheallas rudan math. Ma thèid Smeòrach a-steach don taigh agad le a toil fhèin, thig deagh fhortan nad rathad. Nach cùm thu an doras mòr fosgailte ma chluinneas tu tè a’ seinn anns an leas!

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Birds, Folklore, Gaelic, Uncategorized and tagged , , , , , , , , , , . Bookmark the permalink.