ʼS iomadh eas a chithear air a’ Ghàidhealtachd, agus tha ainmean sònraichte air feadhainn dhiubh.
Feumaidh gu bheil na mìltean de dh’easan ann an Alba mhòr bheanntach an uisge ach mar as trice chan fhaicear air a’ mhapa ach am facal Beurla ‘waterfall’. Ge-tà, tha feadhainn dhiubh ann air a bheil ainm Gàidhlig, agus an eileamaid chumanta eas mar phàirt dhen ainm
Tha am facal bàn co-cheangailte ri cuid de na h-easan, agus chan eil sin doirbh a thuigsinn oir ʼs e sin an coltas a th’ air eas air latha dorch, fliuch – mar ribean bàn a’ stialladh thairis air tìr odhar. Ann am Frìth Inbhir Ìonaid faisg air Loch Dubhthaich, mar eisimpleir, tha Coire an Eas Bhàin a tha ainmichte air an Eas Bhàn, às an tèid uisge gu Allt Bàn an Lì-Ruighe, ged as e Allt Bàn an Lìgh-Ruighe a bu chòir a bhith air sin math dh’fhaodte (ʼs e lìghe àite far an laigh uisge an dèidh tuil).

Reproduced with the permission of the National Library of Scotland
Bidh geal a’ nochdadh ann an co-cheangal ri eas an siud ʼs an seo, leithid Eas an t-Srutha Ghil os cionn Loch nan Caorach ann an Asainte. Faisg air sin, tha eas eile a tha eadhon nas drùidhtiche – am fear as àirde ann am Breatainn – le pàirt dheth a’ tuiteam 200 meatair gun bhriseadh. ʼS e sin Eas a’ Chuail Àlainn, agus nach brèagha an t-ainm.

Dealbh: R MacIlleathain
Tha Eas a’ Chaorainn ann an Cnòideart, dùthaich anns a bheil tòrr shruthan uisge. Tha Eas an Taghain anns a’ mhonadh tuath air Ullapul – agus chan ann tric a chithear a leithid de dh’ainmhidh air ainmeachadh air aghaidh na tìre. Tha am fitheach ainmichte ann am mòran àiteachan, gu h-àraidh ann an co-cheangal ri creagan, ach chan eil ach aon eas (air a bheil mise eòlach co-dhiù) air a bheil Eas an Fhithich. Tha sin air Abhainn Chanaich faisg air a’ bhaile air a bheil an t-aon ainm. Agus ʼs iomadh neach-turais a stadas ri taobh Eas a’ Bhradain anns an Eilean Sgitheanach airson dealbh a thogail dheth. Tha e ri taobh an rathaid A87 aig ceann Loch Aineoirt deas air Sgonnsair.
Ged a dh’fhaodamaid ‘eas’ eadar-theangachadh mar ‘waterfall’, tha e cuideachd a’ ciallachadh sruth bras mar allt-beinne eadar creagan no le bruachan àrda. Mar sin tha an t-Eas Bàn ann an Attadal faisg air Loch Carrann a’ ciallachadh ‘allt garbh bàn’. Tha Eas nam Broighleag (tha mi an dùil gu bheil broighleag anns an ainm a’ ciallachadh dearcan-coille) faisg air Cill Fhìonain ann an Earra-Ghàidheal. ʼS dòcha gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon bheinn faisg air làimh air a bheil Cruach nam Broighleag. Cuideachd ann an Earra-Ghàidheal, tha Eas nan Seileachan ann an Gleann Faochain. Tha sin ag innse dhuinn mu na craobhan a bha (no a tha?) a’ fàs ri a thaobh.

Bidh an dà fhacal allt agus eas a’ nochdadh anns aon ainm-àite gu tric, far as e an t-eas an rud as follaisiche mun t-sruth. Mar eisimpleir, tha Allt Eas na Gaibhre faisg air a’ Chreag, siar air Diabaig ann an Ros an Iar. Tha Allt Eas nam Muc faisg air Caol Readha anns an Eilean Sgitheanach. An ìre mhath mu a choinneimh, faisg air Gleann Eilg, tha Allt Eas Mòr Chùl an Dùin a tha ag ainmeachadh an t-seann dùin air a bheil Caisteal a’ Chalmain.
Tha Wikipedia ag innse dhuinn gun lorgar na trì easan as àirde ann am Breatainn air Gàidhealtachd na h-Alba, co-dhiù nuair a tha iad air an tomhas air an àirde as motha de shruth gun bheàrn no briseadh. Anns an treas àite, tha Eas na Glòmaich air Allt na Glòmaich (Allt a’ Ghlomaich a rèir mapaichean na Suirbhidh Òrdanais) ann an Cinn Tàile. ʼS e Falls of Glomach a th’ air na mapaichean, gun sgeul air an ainm Ghàidhlig. Chunnaic mi fhìn an t-eas iongantach seo aig àm na Càisge o chionn bhliadhnaichean, an dèidh trì latha de dh’uisge gun sgur agus abair gun robh e drùidhteach – agus fuaimneach! Tha e air a dheagh ainmeachadh (tha glòm a’ ciallachadh clais domhainn ann an Gàidhlig Siorrachd Rois is Chinn Tàile) agus tha e suidhichte ann an sgìre iomallach, air a chuartachadh le beanntan àrda.
Tha eileamaid eadar-dhealaichte anns an dàrna eas as àirde san rìoghachd – steall. Mar a thuigeas sibh, tha steall a’ seasamh airson spùt no spùtan – àite far am bi uisge a’ dol a-mach bhon talamh gu ìre, gun a bhith dìreach a’ tuiteam le iom-tharraing. ʼS e an ‘steall’ as ainmeile ann an Alba an Steall Bàn ann an Gleann Nibheis faisg air a’ Ghearasdan anns a bheil àirde de 120 meatair. Bidh luchd na Beurla uaireannan a’ gabhail ‘Steall Falls’ air agus ga fhuaimneachadh mar an fhacal Bheurla ‘steal’. Mar a tha na h-easan sàr-àrd eile, tha an Steall Bàn ann an àite iomallach a ghabhas ruigsinn air chois a-mhàin agus tha e air a chuartachadh le creagan is beanntan.

Dealbh: R MacIlleathain
Tha facal eile ann airson eas a nochdas an siud ʼs an seo ann an ainmean-àite Gàidhlig, ged a bhuineas e bho thùs don t-Seann Lochlannais. ʼS e sin fors (foss ann an cànan nan Lochlannach). Tha seann bhaile air a bheil Achadh Forsa ri taobh Loch Àlainn ann am Morbhairne. Ann an Dìthreabh Chat, tha dà bhaile bheag air a bheil Forsinard (Fors na h-Àirde) and Forsinain (Fors an Fhàin), a tha a’ ciallachadh ‘eas air talamh àrd’ agus ‘eas air talamh ìosal’. Agus air costa siar Mhuile, mu choinneimh Ulbha, tha Eas Fors – ainm ath-bhriathrach a tha a’ ciallachadh ‘eas eas’!
Airson an fhacail mu dheireadh, thèid sinn gu allt a tha suidhichte sa mhonadh sear air Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal, agus a tha faisg air còmhlan de dh’ainmean-àite co-cheangailte ri beathaichean – Beinn Bhalgairean (a’ ciallachadh ‘mhadaidhean-ruadha’), Coire Làir, Meall nan Gabhar agus Coire nan Each. Deas orra tha Eas a’ Mhadaidh. Leis gur e ‘balgair’ a chaidh a chleachdadh airson a’ mhadaidh-ruaidh, tha mi an dùil gu bheil Eas a’ Mhadaidh a-mach air a’ mhadadh-allaidh a chaidh à bith ann an Alba timcheall meadhan an ochdamh linn deug. Nach smaoineachail a tha sin!
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.