Tha cruthachadh ainmean ùra Gàidhlig airson cuid de lusan is ainmhidhean ùra na h-Alba aig teis-meadhan pròiseact com-pàirteachaidh air leth a tha a’ faighinn taic le NatureScot agus Bòrd na Gàidhlig.
Tha am pròiseact, Bho Bheul an Eòin, a’ cruthachadh ainmean ùra airson ghnèithean ùra. Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha seòrsachan ùra de lusan is de dh’ainmhidhean air tighinn a dh’Alba mar thoradh air a’ ghnàth-shìde againn a tha a’ sìor-atharrachadh. Tha cuid dhiubh cho ùr agus nach eil ainmean Gàidhlig orra – gu ruige seo.
Chaidh 40 seòrsa ùr a shònrachadh tro phròiseas rannsachaidh is co-chomhairleachaidh le comhairle luchd-saidheans, luchd-rannsachaidh is sgrìobhadairean Gàidhlig – is iad air lusan, eòin, dealanan-dè, ainmhidhean mara, seilcheagan, fiù ’s seòrsa algaich ainmeachadh. Chaidh ainmean ùra Gàidhlig a chur orra agus tha an sàr neach-ealain fiadh-bheatha, Derek Robertson, air dealbhan dath-uisge a dhèanamh airson a h-uile ainmhidh.

Tha bàrdachd is rosg cuide ri gach pìos obair-ealain agus bidh taghadh den obair ri fhaicinn tro sheachdain a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail aig XOKO Bakehouse air Sràid na Drochaid, Inbhir Nis. Às a sin, thèid an taisbeanadh a Ghlaschu agus bidh cothrom agaibh fhaicinn aig Leabharlann Mitchell bho 30 Dàmhair gu toiseach na Dùbhlachd.
Tha lach-dhubh tuinne – surf scoter sa Bheurla – am measg nan ainmean ùra. Tha na h-eòin sin cumanta air cladaichean Alba Nuadh agus bidh grunnan dhiubh a’ geamhrachadh a-nis ann an Alba ann an àiteachan a leithid Linne Mhoireibh.

’S e Bròg na Cuthaig Spàinnteach an t-ainm a th’ air dìthean ionnsaigheach a bhuineas do dh’Iberia agus a tha cho lìonmhor is gu bheil i air tòiseachadh air strì gu soirbheachail le bròg na cuthaige dhùthchasach ann an Alba. ’S e fuath-mhuc aon de na h-ainmean eile a th’ oirre, leis nach eil mucan measail orra, agus an t-ainm a’ toirt iomradh air linn nuair a bhiodh treudan mhucan gan cumail ann an coilltean.

Tha e iomchaidh gu bheil cumadh ‘W’ geal coltach ri sradag dealain ri fhaicinn fo sgiathan seòrsa ùr de dhealan-dè – an ròin-stiallach geal. Tha an dealan-dè seo air gluasad gu tuath an Alba, coltach ri dealanan-dè eile, air sgàth blàthachadh na gnàth-shìde againn agus gu bheil grunnan chraobhan leamhain air tilleadh a tha galar-fhulangach is a tha nan àrainn fhreagarrach airson an ròin stiallaich ghil.
Tha an obair-ealain is an teacsa gu lèir rim faicinn aig www.fromthebirdsmouth.com. Thèid sàr leabhar ealain fhoillseachadh tràth sa bhliadhn’ ùir agus, nuair a thèid na bacaidhean a lasachadh, bidh taisbeanadh taistealach ann.
You must be logged in to post a comment.