Tha an lus seo aithnichte do lighichean luibheach air a’ Ghàidhealtachd agus tìrean cèin.
Tha mi air sgrìobhadh mu-thràth mu dheidhinn an luis ris an canar Crios Chù Chulainn a tha aithnichte mar meadowsweet ann am Beurla. A rèir beul-aithris nan Gàidheal, bha e air a chur gu feum airson an gaisgeach Cù Chulainn, aig a bheil ceanglaichean làidir don Eilean Sgitheanach, a shocrachadh, agus an dearg chuthach a’ tighinn air. Tha lus eile car dhen aon mheud, agus a dh’fhàsas anns an aon seòrsa àrainn ri Crios Chù Chulainn (lòintean rudeigin fliuch far nach bi cus ionaltraidh no gearradh feòir), cuideachd air a chleachdadh airson daoine a tha troimhe-chèile a dhèanamh socair. ʼS e sin Carthan Curaidh. Thathar a’ tuigsinn gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh ‘lus a tha taiceil do ghaisgeach’. Tha cathran co-cheangailte ris na faclan cathrannas agus carthannach. Tha curaidh na sheann fhacal, a th’ air a chleachdadh fhathast, a tha a’ ciallachadh ‘laoch’ no ‘gaisgeach’.

ʼS iad na freumhaichean a bu mhotha a bh’ air an cur gu feum mar leigheas (mar a tha fhathast), agus rinn feadhainn feum dhiubh anns a’ Chogadh Mhòr, gu h-àraidh saighdearan a bha a’ fulang eagal às dèidh dhaibh a bhith fo shligean sna trainnsichean, agus daoine a bha a’ fuireach ann am bailtean air an deach bomaichean a leigeil à bàtaichean-adhair Zeppelin. Bha an lus, air a bheil Valerian ann am Beurla, air a chleachdadh cuideachd airson deagh chadal a bhrosnachadh, airson bruthadh-fala ìsleachadh agus mar leigheas air ann tinneas-thuiteamach.
Tha cunntas ann am Flora Celtica ag innse dhuinn mar a bha an lus air a chur gu feum ann an sreath dheuchainnean meidigeach anns an 18mh linn airson cur an aghaidh buaidh iteodha (a tha puinnseanta) air a’ bhodhaig, agus an t-iteodha air a chleachdadh mar leigheas ùr radaigeach airson aillse. Tha cunntas eile anns an dearbh leabhar mu chomhairle a thugadh do bhoireannach ann an Griomasaigh a bhith a’ goil freumhaichean carthain churaidh agus ‘nàdar de dheoch a’ dhèanamh dhiubh’ mar dhòigh airson a sunnd a thoirt am feabhas. Cha do ghabh an tè a fhuair a’ chomhairle rithe, agus mar sin cha b’ urrainn dhi a ràdh am biodh a leithid èifeachdach. Mar a bhitheas le mòran leigheasan luibheach, feumar a bhith gu math faiceallach mun deidhinn agus bu chòir comhairle phroifeiseanta a shireadh.
Ma nì sibh co-dhùnadh freumhaichean a chladhach suas (a-mhàin far a bheil an lus a’ fàs ann am pailteas), bithibh faiceallach ma tha cat agaibh mar pheata. Tha cait gu math math measail air fàileadh carthain churaidh – a tha gu math làidir agus nach eil idir tlachdmhòr do chuid de dhaoine. Feumar an lus a chur air falbh far nach lorg an cat e.

Tha na flùraichean air carthan-curaidh eadar geal is pinc agus thig iad a-mach anns an dàrna leth dhen t-samhradh. Tha ainm Gàidhlig eile air an luibh – Lus nan Trì Bilean – a tha a’ dèanamh tuairisgeul air na duilleagan as àirde a tha dìreach fo na cinn dhìtheanan brèagha aig ceann shuas a’ ghais. Tha an t-ainm sin car coltach ri ainm Gàidhlig a tha cumanta airson bogbean – an Trì-bhileach – agus saoilidh mi gu bheil beachdan air blas searbh ‘valerian’ a nochdas am measg nan Gàidheal ʼs dòcha gu fìrinneach a’ buntainn ris an Trì-bhileach.
Tha tùs an ainm Valerian cuideachd inntinneach. Thathar a’ dèanamh dheth gu bheil e a’ buntainn ris a’ ghnìomhair Laidinn valere ‘a bhith làidir agus fallain’ (mar a bhios laoch no gaisgeach) agus a tha cuideachd a’ toirt dhuinn nan ainmean pearsanta Valeria agus Valerius. Bha an t-eòlaiche chungaidhean-leighis Gearmailteach, Valerius Cordus (1515-1544), am measg nan lighichean luibheach as ainmeile ann an eachdraidh na Roinn Eòrpa. Thug valere dhuinn cuideachd an t-ainm – co-dhiù tha e meallta gus nach eil – airson droga ùr a tha a’ toirt buaidh air staid-inntinn daoine, agus a chaidh a leasachadh anns na 1960an – Valium.
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.