An Cairgein – sàr-fheamainn

ʼS iomadh duine a bhios a’ cruinneachadh a’ chairgein air cladaichean creagach mar a bhiodh ar sinnsearan o shean.

Read in English

ʼS e an cairgein (no carraigean) feamainn shònraichte do na Gàidheil. Bidh feadhainn fhathast ga chruinneachadh airson silidh no slaman a dhèanamh. Tha ainm a’ tighinn bho na carraigean air a bheil e a’ fàs, ged a tha dùil gur dòcha gun tug an t-ainm Beurla (a thàinig bhon Ghaeilge carraigín) buaidh air an riochd Ghàidhlig. Ann am Beurla, bithear cuideachd a’ gabhail ‘Irish Moss’ air. Ged a tha Gàidheil na h-Alba air a bhith ga chleachdadh o chian nan cian, chan eil e a’ nochdadh ann an ainmean-àite. Bha dùil aig an ùghdar gun robh Sgeir a’ Charraigein far cladach an iar Mhuile mu choinneimh Eilein Ulbha ga ainmeachadh, ach tha sgrùdadh de sheann mhapa a’ sealltainn dhuinn gu bheil an sgeir ainmichte airson carraig bheag ‘An Carraigean’ a tha ri a taobh.

Tha seann mhapa a’  sealltainn dhuinn nach eil Sgeir a’ Charraigein air taobh an iar Mhuile ag ainmeachadh a’ chairgein ach clach air a bheil ‘An Carraigean’. Chan eil an t-ùghdar eòlach air àite sam bith far a bheil an cairgein ainmichte air clàran na h-Alba. A bheil sibhse?
Reproduced with the permission of the National Library of Scotland.

ʼS ann dìreach nuair a tha tràigh mhòr ann a tha cairgein gu leòr ri fhaicinn air a’ chladach airson a rùrachd. ʼS e feamainn bheag, tarraingeach a th’ innte a’ bhios a’ ruigsinn 15cm ann am fad, ged a tha e mar as trice nas lugha na sin. Tha na meuran gobhlach le cinn car sgueathar orra, chan eil builgeanan èadhair air na frondaichean agus bidh caochladh dhathan air an lus, eadar uaine agus donn-phurpaidh dorch, a rèir àrainn agus doimhneachd. Uaireannan, bidh e a’ fàs gu fosgailte air carraigean ach faodaidh e a bhith am falach am measg feamainn nas motha, leithid stamh (liadhag). Mar a tha leis na feamainn eile a tha ceangailte ris a’ ghrunnd, tha e nas glice a bhith gan gearradh le siosar seach a bhith air an tarraing buileach glan bhon creig. Air ur socair le feamainn!

An Cairgein mar a chithear e a’ fàs air carraig © Ruairidh MacIlleathain

Tha ‘an cairgein’ a’ gabhail a-staigh dà ghnè – an cairgein fhèin (Chondrus crispus) agus an cairgein brèige (Mastocarpus stellatus). Air a’ chairgein bhrèige tha cinn nam frondaichean car stobach agus tha rùsg rudeigin foinneach orra. Chan eil sin a’ dèanamh diofar don neach-rùrachd, ge-tà, oir faodar an dà ghnè a chur gu feum anns an dearbh dhòigh.

An cairgein © Ruairidh MacIlleathain

ʼS e an dòigh nòsach a th’ aig na Gàidheil airson an cairgein ullachadh na lusan a chur a-mach airson tiormachadh agus blianadh sa ghrèin. ʼS e toiseach an t-samhraidh an t-àm as fheàrr airson a chruinneachadh, nuair a tha an ìre de Bheothamain A aig a h-àirde ann. Thathar a’ moladh gum bi an lus air a fhliuchadh trì tursan le frasan (a bhios mar as trice furasta gu leòr ann an samhradh Albannach!) agus thathar ag ràdh cuideachd gur ann air rèidhlean seamraig as fheàrr a thachras sin oir gheibh an fheamainn milseachd bho fhlùraichean na seamraig (ged nach eil e soilleir a bheil luchd-saidheans air a leithid a dhearbhadh fhathast!)

An cairgein, agus e leth-ghealaichte an dèidh a bhith fo sholas na grèine airson grunn làithean no seachdainean, © Ruairidh MacIlleathain

Bithear a’ gleidheadh a’ chairgein ghealaichte ann an àite tioram, dorch ann am poca heisein agus faodar a chleachdadh thar mìosan a’ gheamhraidh. Bidh cuid ga stòradh airson suas ri dà bliadhna mus cleachd iad e. Bithear a’ goil a’ chairgein agus ga chriathadh, agus gheibhear slaman bàn no liath a ghabhas ithe gu furasta agus a bh’ air a chleachdadh gu traidiseanta mar bhiadh dhaibhsan a bha a’ fulang le droch stamag. Chan eil blas mòr sam bith air a’ chairgein – bidh am blas a’ tighinn bhon stuth a chuireas an còcaire ris. Gu tric, bithear a’ cleachdadh caineal no cnò-mheannt agus bithear a’ dòrtadh sabhs milis thairis air a’ mhìlsean, agus measan air a mhuin (sùbhaichean craoibhe ma tha iad rin lorg). Gu h-annasach, chan eil blas na mara air a’ bhiadh, ged as ann don t-sàl a bhuineas an fheamainn.

Tha an reasabaidh airson mìlsean cairgein le uisge-ròis is càrdamon air bloga Food and Forage Hebrides.

ʼS dòcha gum bi e na iongnadh airson lus-mara cho beag agus falaichte, ach tha connspaid air èirigh mun stuth a thig às a’ chairgein – carrageenan – a th’ air a chleachdadh airson biadh a dhèanamh nas tighe – leithid uachdar-reòite, gruth, mìlsean agus biadh do leanaban. Tha cuid a tha measail air biadh bho lusan air a roghnachadh thairis air gelatin – a th’ air a dhèanamh de stuth bho ainmhidhean. Ge-tà, tha cuid de luchd-saidheans a’ cumail a-mach gun toir carrageenan droch bhuaidh air a’ chaolan ann an daoine, agus eadhon gu bheil e puinnseanta, ged a tha luchd-saidheans eile a’ dol às àicheadh sin, agus tha buidhnean-dìon bìdh ann an grunn dùthchannan ag ràdh gu bheil e sàbhailte.

Tha ainm Gàidhlig eile air a’ chairgein – màthair an duilisg – oir bha na seann daoine dhen bheachd gum biodh an duileasg – feamainn dearg eile a tha ri lorg air an aon phàirt dhen chladach – a’ fàs às. Gu dearbh, ʼs e sin an t-aon ainm a chlàr Roy Wentworth airson an fhaclair aige de dhualchainnt sgìre Gheàrrloch ann an Taobh Siar Rois. Chlàr Maighstir Ailean, Sagart Èirisgeigh, e mar carraigean ach sgrìobh e gu bheil e ‘coltach ris an duileasg agus a’ fàs air na dearbh chreagan air am bi an duileasg a’ fàs’.

ʼS e an duileasg feamainn bhlasta eile air a bheil na Gàidheil cianail measail. Ach, airson a’ bhlogair seo – cleas a’ chairgein thiormaichte a tha na phoca heisein – feumaidh iomradh air an duileasg a bhith air a ghleidheadh gu latha eile!

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in foraging, Gaelic, Uncategorized and tagged , , , , , , , , , , , , . Bookmark the permalink.