Clachan Inbhir Nis

Tha clachan le ainmean agus dualchas sònraichte – ann an agus timcheall prìomh bhaile na Gàidhealtachd – am measg nan neamhnaidhean ann an leabhar ùr a chaidh fhoillseachadh le NatureScot.

Read in English

Mar ùghdar an leabhair ‘Place-Names of Inverness and Surrounding Area’ – a th’ air ùr-nochdadh – aidichidh mi gu bheil e doirbh mo chorrag a chur air na h-ainmean-àite as inntinniche anns an sgìre oir tha uibhir dhiubh ann (còrr is 570 anns an leabhar). Aig a’ cheann thall, thagh mi sùil a thoirt air na h-ainmean anns a bheil an eileamaid clach. Tha dùthaich nan Gàidheal làn eisimpleirean de chlachan iongantach le stòiridhean ceangailte riutha agus tha sgìre Inbhir Nis coltach ris a’ chòrr dhen Ghàidhealtachd (ann an seaghan eile cuideachd a bharrachd air na clachan).

Tha an leabhar a’ gabhail a-steach ceart-cheàrnach de dhùthaich eadar Cnoc Moire agus Àird nan Saor, a’ ruith o Linne Mhoireibh gu deas air Obar Itheachan anns an taobh an iar agus gu faisg air ceann a deas Loch Dùn Seilcheig anns an taobh an ear. ʼS i a’ Ghàidhlig an cànan as motha a nochdas air an tìr agus ʼs e an tachartas eachdraidheil as trice a nochdas ann an cunntasan mu ainmean-àite – Blàr Chùil Lodair anns a’ Ghiblean 1746.

Clach an Airm

ʼS iomadh clach a chithear air làrach a’ bhlàir, agus feadhainn dhiubh a’ comharrachadh uaighean nam fineachan. Faisg air làimh, ri taobh an rathaid mhòir, tha Clach Chumberland air an robh an Diùc na sheasamh, agus e a’ cumail sùil air a’ chath, co-dhiù a rèir aithris. Ach feumaidh mi aideachadh gur e clach eile co-cheangailte ris an droch latha sin as motha a thug m’ aire. ʼS e sin Clach an Airm ann an Srath Narann, a fhuair a h-ainm on a gheuraich saighdearan Seumasach an claidheamhan oirre nuair a bha iad a’ dèanamh air Cùil Lodair. Tha i an-diugh ann am meadhan coille, gun sanas oirre no eadhon ceum ga h-ionnsaigh agus lorg mi i air latha balbh, ceòthach.

Clach Cailleach nam Muc

Tha dà chloich iongantaich eile ann an Srath Narann, agus sgeulan co-cheangailte riutha. Tha Clach Cailleach nam Muc faisg air Ach’ a’ Mhainnirein air mullach creag gharbh ann am meadhan coille-bheithe. A rèir beul-aithris, bhiodh a’ chailleach a tha ainmichte a’ falbh le treud de mhucan timcheall sgìre Loch Nis, agus fhuair i bàs fon chloich far an do dh’ith a cuid mhucan i (ged a tha beachd ann gun do thachair sin às dèidh dhi bàsachadh gu nàdarrach). Tha e coltach gum buineadh i do Shrath Fharagaig agus gun coisicheadh i (anns an 19mh linn) le a mucan gu ruige Inbhir Nis airson feadhainn a reic aig margaidh. Bhiodh i a’ briseadh a turais gach rathad aig a’ chloich far am faigheadh i fasgadh airson na h-oidhche. 

Tha dualchas fada nas sine aig a’ chloich eile, co-dhiù ma chuirear sùim ann am beul-aithris. Tha Clach na Brataich eadar-dhealaichte bho na h-eisimpleirean eile oir chan eil i ann an riochd nàdarrach. ʼS e clach a th’ innte a chaidh a chruthachadh le mac an duine. Tha i cruinn agus rèidh le toll anns a’ mheadhan agus tha i car coltach ri clach-bhrà mhòr is trom a tha neo-chrìochnaichte. Tha i na suidhe air an talamh faisg air ceann a deas Loch Athaisidh agus thathar a’ dèanamh dheth gun robh crann air a stobadh dhan toll às an robh bratach nam Fianna air a taisbeanadh aig àm catha eadar na gaisgich Ghàidhealach sin agus feachd Lochlannach fo chomannd prionnsa air an robh ‘Athaisidh’ mar ainm. Chan eil cus fìrinn anns an eachdraidh oir bha na Fianna ann am bith fada mus do nochd na Lochlannaich air cladaichean na h-Alba, ach tha am beul-aithris a’ seasamh chun an latha an-diugh, agus tha cunntasan iongantach aig daoine a tha a’ cumail a-mach gum fac’ iad taibhsean de sheann saighdearan timcheall Loch Athaisidh.

Clach na Brataich

Gu tuath air Srath Narann, lorgar Clach an Àbain na suidhe leatha fhèin air cladach rèidh Bàgh Pheitidh. Tha an tè seo ainmeil oir chaidh a gluasad 260 slat a dh’ionnsaigh na mara agus gu dìomhair air an oidhche dhen 20mh Gearran 1799 (tha a suidheachadh tùsail clàraichte air seann mhapaichean na Suirbhidh Òrdanais). Chan e sin a-mhàin, ach bliadhnaichean ro-làimh thuirt an t-Urr. Iain Moireasdan, Ministear Pheitidh, aig an robh an dà-shealladh, gun tachradh a leithid air sàillibh pheacaidhean a choitheanail. Ge-tà, an e làmh Dhè a ghluais a’ chlach no an robh i air a togail le deigh agus air a ghluasad a-mach le tràghadh na mara agus gailleann bhon cheann a deas?!

Gu siar air Abhainn Nis tha cuideachd clachan ainmeil. ʼS e tè dhiubh ‘Clachnahagaig’ a bha o thùs gu sear air an abhainn ach a chaidh a ghluasad nuair a bhathar a’ togail a’ Chanàil Chailleannaich. Ged nach eil a’ chlach thùsail ann am bith a-nise, tha tè bheag shnàighte ann na h-àite air a bheil ‘Clachnahagaig Stone’ ann am Beurla Inbhir Nis. Tha a’ chlach ainmichte ann an cairt rìoghail a chaidh fhoillseachadh ann an 1591 oir b’ e sin a’ chrìoch a deas aig còraichean muinntir Nis air cleachdadh na h-aibhne airson iasgach a’ bhradain is eile. Agus tha i fhathast a’ comharrachadh ceann a-mach an iasgaich phoblaich air Abhainn Nis. Tha dùil gur e Clach na h-Eagaig a bh’ air a’ chloich bho thùs, ged a tha sgoilearan air riochdan eile a chur air adhart cuideachd.

Clach an Àbain

Tha seann bhaile ‘Clachnaharry’ na sheasamh an-diugh air iomall Inbhir Nis aig ceann a tuath a’ Chanàil Chailleannaich agus chaidh ainmeachadh cuideachd airson clach, ged a tha diofar bheachdan air tùs an ainm. Tha cuid a’ dèanamh dheth gur e Clach na h-Aire a th’ ann (airson Clach na Faire) oir bhite a’ cumail sùil air daoine a thigeadh le droch rùn on cheann a tuath an sin. Ge-tà, tha an t-Urr. Seumas Friseal ag innse dhuinn ann an Làmh-sgrìobhainn Chnoc Moire (bhon 17mh linn) gur e Clach na h-Aithrigh a bh’ oirre. Bhiodh peacaich a’ foillseachadh an cuid aithrighe – no aithreachais – airson am peacaidhean an sin nuair a bha an sluagh nan Caitligich.

Saoilidh mi gu bheil e iomchaidh gur e an t-ainm-àite mu dheireadh le ‘clach’ tè a bha uaireigin fìor ainmeil ann am meadhan baile Inbhir Nis fhèin. Tha Clach na Cùdainn an-diugh na seasamh fo Chrois na Margaidh taobh a-muigh Taigh a’ Bhaile. Bha i uaireigin na b’ fhaisge air an abhainn agus bhiodh boireannaich Inbhir Nis a’ cur an cuid chùdainnean oirre fhad ʼs a bhiodh iad a’ gabhail naidheachdan bho chàch a chèile (agus iad air an rathad don abhainn). Bha i cho cudromach do mhuinntir Inbhir Nis ʼs gum biodh gu leòr a’ gabhail ‘Clachnacuddin lad’ no ‘Clachnacuddin lass’ orra fhèin nuair a bha iad ann an sgìrean eile, agus iad moiteil às a’ cheangal eadar iad fhèin is a’ chlach. Tha e duilich dhomh, anns an latha an-diugh, nach eil a’ chlach ainmeil seo air aire muinntir a’ bhaile mar a bha. Ma bheir an leabhar ùr Clach na Cùdainn – agus na clachan eile mun chuairt a’ bhaile – gu aire an t-sluaigh, bidh an t-ùghdar seo riaraichte dha-rìridh.

Clach na Cùdainn

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Tha an leabhar-iùil ri fhaighinn air-loidhne air làrach-lìn NatureScot agus tha àireamh bheag de lethbhreacan clò-bhuailte ri faighinn air làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean. Tha sinn an comain Bòrd na Gàidhlig airson am pròiseact seo a mhaoineachadh.

Bidh òraid air-loidhne san t-Sultain agus thèid an tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh san àm ri teachd.

This entry was posted in Gaelic, History, Uncategorized and tagged , , , , , , , , , , , . Bookmark the permalink.