Traille nam Banarach

Tha iasg a bhuineas don aiginn a’ nochdadh – gu h-annasach – ann an seann chrònan bleoghainn.

Read in English

Tha e fìor ri ràdh nach eil an traille – iasg-mara a bhuineas do theaghlach nan langannan agus ris an canar tusk no cusk ann am Beurla – a’ nochdadh gu tric ann litreachas no òrain nan Gàidheal. Ge-tà, tha an t-iasg seo – a tha ri lorg ann an uisge domhainn pìos a-mach bhon chladach – air ainmeachadh ann an crònan bleoghainn a chaidh a chlàradh le Alasdair MacIlleMhìcheil anns a’ chruinneachadh iongantach aige, Carmina Gadelica. Tha e a’ nochdadh ri taobh nan naomh as cudromaiche ann an Crìosdachd nan Gàidheal.

’S e an traille iasg-mara a bhios a’ fuireach air a’ ghrunnd far a bheil e clachach aig doimhneachd eadar ceud agus mìle meatair. Photo: MAREANO / Institute of Marine Research

Tha abairt againn– ʼs ann às a ceann a bhleoghnar bò – a tha a-mach air mar a gheibhear barrachd bainne bho bhò a tha toilichte seach bho thè nach eil. Agus bha e aithnichte aig na seann Ghàidheil gur e an dòigh as fheàrr airson bò a thoileachadh a bhith a’ seinn gu binn dhi! Seo mar a mhìnicheas MacIlleMhìcheil a’ chùis: ‘Bidh na bà a’ fàs cleachdte ris na tàlaidhean seo agus cha toir iad bainne seachad às an aonais, no uaireannan, gun na fuinn as fheàrr leotha a bhith air an seinn dhaibh. Tha cho measail ’s a tha crodh Gàidhealach air ceòl a tha a’ toirt air tuathanaich aig a bheil treudan mòra a bhith a’ fastadh bhanarach aig a bheil deagh guth-seinn …’

‘Banarach Albannach’ – cairt-phuist ann an Taigh-tasgaidh Clach-guail na h-Alba.
(C)The Scottish Shale Museum.

Tha MacIlleMhìcheil an uair sin a’ mìneachadh cumhachd a’ chàirdeis eadar obair nam banarach agus àrainneachd na Gàidhealtachd an Iar, co-dhiù mar a chunnaic e fhèin an gnothach. ’S dòcha gu bheil sin ag innse dhuinn mar a gheibh an traille a-steach do dh’òran mu rudeigin a thachradh air talamh tioram: ‘Tha e inntinneach agus beothachail a bhith a’ faicinn triùir no ceathrar de chloinn-nighean dreachmhor am measg treud de sheasgad, ochdad no ceud bò Ghàidhealach air cluain no cliathaich beinne. Cànran is ataireachd na fairge pìos air falbh, sluaisreadh nan tonn air a’ chladach, ceileireadh na h-uiseig san adhar, òran neo-chrìochnaichte na smeòraich air a’ chreig … geumnaich a’ chruidh … freagairtean nan laogh anns a’ bhuaile, seinn nam banarach ann an co-sheirm le gluasad an làmhan, agus fuaim a’ bhainne shneachdaich a’ tuiteam dhan chuinneig, òrachadh nan cnoc is nan dailthean, deàrrsadh a’ chuain nas fhaide a-mach agus a’ ghrian a’ dol fodha ann am muir òr-bhuidhe, tha iad uile a’ cruthachadh dealbh nach treigeadh cuimhne an neach-coimhead gu bràth.’ Saoil an robh na banaraich fhèin a’ tuigsinn glòir an cuid obrach?!

Seo, ma-thà, an crònan bleoghain a chlàir MacIlleMhìcheil air dd 258-9 de Leabhar 1, le eadar-theangachadh Beurla fodha:

Thig, a Bhriannain, on chuan,
Thig, a Thorrainn, buadh nam fear,
Thig, a Mhìcheil mhìl’ a-nuas
’S dìlinn dhòmhsa bò mo ghean.

Hó m’ aghan, hó m’ agh gaoil,
Hó m’ aghan, hó m’ agh gaoil.
M’ aghan gràdhach, bò gach àirigh,
Sgàth an Àrd Rìgh gabh ri d’ laogh.

Thig, a Chaluim chaoimh, on chrò,
Thig, a Bhrìde mhòr nam buar,
Thig, a Mhoire mhìn, on neòil,
’S dilinn dhòmhsa bò mo luaidh.
Hó m’ aghan, hó m’ agh gaoil.

Thig am fèaran on a’ choill,’
Thig an traill’ à druim nan stuagh,
Thig an sionn’, chan ann am foill,
A chur aoibh air bò nam buadh.
Hó m’ aghan, hó m’ agh gaoil.

* * * *

Come, Brendan, from the ocean,
Come, Ternan, most potent of men,
Come, valiant Michael, down
Forever make my best cow mine.
Ho, my wee heifer, ho my beloved heifer,
Ho my wee heifer, ho my beloved heifer.
My beloved wee heifer, cow of every shieling,
For the sake of the High King accept your calf.

Come, beloved Calum of the fold,
Come, great Bride of the cattle herds,
Come, gentle Mary from the clouds,
Forever make my best cow mine.
Ho, my wee heifer, ho my beloved heifer.

The woodpigeon will come from the wood,
The tusk will come from the open sea,
The fox will come but not deceitfully,
To welcome the virtuous cow.
Ho, my wee heifer, ho my beloved heifer.
Bidh traillean aig ìre inbheach a’ tighinn beò aig doimhneachd mhòr, ach ’s fheàrr leis an fheadhainn òga uisge nas eu-doimhne. Photo: MAREANO / Institute of Marine Research

Chan urrainn a bhith cinnteach le obair MhicIlleMhìcheil nach do ‘sgioblaich’ e na chuala e anns a’ chrò. Ach, eadhon le sin, tha e a’ fàgail dhuinn duan a bheir còmhla gàirdeachas ann an nàdar agus na naoimh as cudromaiche ann an eachdraidh nan Gàidheal Crìosdail – agus iad uile air an seinn gu snog leis an amas bainne gu leòr fhaighinn on bhon. Ach carson a thagh a’ bhanarach an traille, seach iasg eile a bhiodh na b’ aithnichte do dhaoine, leithid trosg, sgadan no saoidhean? Don bhlogair seo, tha sin dìomhair fhathast!

* * * *

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Folklore, Gaelic, Uncategorized and tagged , , , , , , , , , , , . Bookmark the permalink.