Tha àite sònraichte aig a’ chraoibh-challtainn ann an saoghal traidiseanta nan Gàidheal.
Tha an calltainn (Corylus avellana) na craoibh shònraichte do na Gàidheil mar a tha e do shlòigh air feadh na Roinn Eòrpa agus taobh an iar Àisia. ʼS e a th’ ann ach tè de na craobhan dùthchasach a tha a’ comharrachadh ‘Coilltean Calltainn an Taobh an Iar’ air a bheil mòran a’ gabhail ‘Coill’-uisge Cheilteach’ an-diugh – agus tha daoine air gràdh a ghabhail orra agus air an cur gu feum fad linntean. ʼS e coille dhen t-seòrsa sin àite fìor àlainn far a bheil na craobhan air an còmhdachadh le meanbh-lusan, crotail agus fungasan. Agus anns an Dàmhair gheibhear cnothan innte!

Tha a’ chraobh-challtainn air ainmeachadh ann an rann beag mu chraobhan dùthchasach agus na h-àrainnean as fheàrr leotha:
Seileach nan allt is calltainn nan creag, Feàrna an lòin is beithe nan eas, Uinnseann an dubhair is darach na grèine, Leamhan a’ bhruthaich is iubhar an lèana.
Tha an calltainn a’ nochdadh ann an ainmean-àite ann an grunn cheàrnaidhean, leithid Camas a’ Challtainn air cladach a deas Loch Seile agus Àirigh a’ Challtainn ann an Gleann Stratha. Ach bidh fios acasan a tha measail air ‘aibidil chraobhach’ nan Gàidheal gun robh an litir ‘C’ o shean air a riochdachadh le seann ainm a’ challtainn – coll no call. Gheibhear lorg air an riochd sin ann an àiteachan mar Bad Call, ainm a nochdas co-dhiù trì tursan ann an iar-thuath na Gàidhealtachd (ged a dh’fheumar a ràdh nach e a th’ air cùl nan ainmean Coll ann an Eilean Cholla no sgìre tuath air Steòrnabhagh ann an Leòdhas.

Reproduced with the permission of the National Library of Scotland
Tha riochd teàrnaichte de call – callaidh – ri lorg ann an Cùil Challaidh anns an Eilean Dubh (air a lughdachadh gu Kilcoy ann am Beurla), agus rinn an t-eòlaiche ainmeil, Uilleam MacBhàtair, iomradh air Bealach Collaidh siar air Beinn Uais (ged nach eil e air na mapaichean). Far a bheil Albais air atharrachadh a thoirt air seann ainm Gàidhlig, bidh coll a’ nochdadh mar cow, leithid ann an Duncow faisg air Dùn Phris (à Dùn Collaidh ‘daingneach a’ challtainn’).
Air a’ Ghalltachd, tha eisimpleirean gu leòr ann de dh’ainmean-àite le Cowie agus Cowden, agus feadhainn dhiubh air tighinn bho thùs Gàidhlig a bha ag ainmeachadh chraobhan-calltainn. Dhearbh MacBhàtair seo ann an Cowden faisg air Cuimrigh ann an Siorrachd Pheairt, a nochd mar Coldon ann an seann làmh-sgrìobhainnean. Bha daoine anns an sgìre aig an robh Gàidhlig fhathast ga ainmeachadh mar A’ Challtainn, a’ ciallachadh ‘coille-challtainn’. Tha Cowdenknowes faisg air Mealros, a chaidh a dhèanamh ainmeil anns an òran thraidiseanta ‘Broom of the Cowdenknowes’, a’ toirt dhuinn fianais mu sgaoileadh na Gàidhlig do Chrìochan na h-Alba agus mun chraoibh-challtainn anns an àrainneachd. Agus tha sgoilearan air tùs Gàidhlig a thoirt dhuinn airson Cowcaddens ann an Glaschu, le seann riochd Kowcaldenis a’ sealltainn gur dòcha gun do thòisich e mar Coille Challtainn.

Tha an samhladh againn cho fallain ris a’ chnò agus tha dùil gur ann air a’ chnò-challtainn a tha e a-mach. Gu dearbh, nach bi sinn uaireannan ag ràdh ‘coille-chnò nuair a tha sinn a’ ciallachadh ‘coille-challtainn’? Tha fianais airceòlach ag innse dhuinn gun robh mac an duine ag ithe chnothan-calltainn ann an Alba cho fada air ais ri Linn Meadhanach na Cloiche, agus tha iad air a bhith mar bhiadh do fheòragan, luchan is cuid de dh’eòin bho linn Oisein agus roimhe.
Tha àite sònraichte aig a’ chnò-challtainn ann an beul-aithris Ghàidhlig, an dà chuid ann an Alba is Èirinn, le seòrsa àraidh dhith aithnichte mar ‘cnò an eòlais’. ʼS ann le bhith ag ithe feòil aig bradain a bh’ air cuid de na cnothan seo ithe, a fhuair Fionn mac Cumhail a chuid eòlais shònraichte. Ann an fionn-sgeul ainmeil bhon Eilean Sgitheanach, tha a’ bhanrigh ghaisgeil Sgàthach agus a h-oileanach Cù Chulainn a’ sabaid ri chèile gu garg, gun an dàrna duine làmh-an-uachdair fhaighinn air an duine eile. Mu dheireadh, tha iad le chèile a’ gabhail diathad de chnothan-calltainn ròsta agus bhuapa tha iad a’ faighinn na tuigse gu feum iad a’ chòmhrag a thoirt gu crìch le aonta agus sìth! Eadhon nas fhaisg air na làithean againn fhèin, bhiodh na Gàidheil a’ creidsinn gum biodh an dà-shealladh aig clann a rugadh as t-fhoghar agus a gheibheadh sùgh bainneach chnothan-calltainn mar a’ chiad bhiadh aca.

Cha robh na cnothan ainmeil a-mhàin mar bhiadh no a thaobh eòlas. Bha cnò dhùbailte – ris an canar cnò chòmhlach – mar sheun an aghaidh buidseachd agus bhiodh daoine a’ cur dà chnò còmhla ann an teine, agus gach tè a’ riochdachadh ball de chàraid a bh’ ann an càirdeas gaolach. Nam biodh na cnothan a’ losgadh gu sìtheil is sàmhach, bhiodh pòsadh fada, sona ann. Ge-tà, nam biodh a’ leum air falbh o chèile agus a’ briseadh, cha mhaireadh am pòsadh fada!
Agus chan e a-mhàin na cnothan air an robh fèill aig na Gàidheil. Tha slatan-calltainn dìreach – ach so-lùbach nuair a tha iad òg – agus bhite gan cleachdadh airson clèibh a dhèanamh airson iasgach agus bathar a ghiùlan, agus airson cearcallan baraille. Bha iad feumail cuideachd airson bachallan aig cìobairean, bataichean-coiseachd, làmhan acfhainneach agus frèamaichean nan teantaichean aig an luchd-siubhail. Bhiodh cìobairean a’ cur shlatan-calltainn gu feum cuideachd airson coin-chaorach a thrèanadh – agus tha abairt ann mu chù nach eil cho comasach ʼs a bu mhiann – tha e feumach air buille a’ challtainn.

Mar a bha fìor ann an ceàrnaidhean eile de na h-eileanan seo, bhiodh na Gàidheil a’ dèanamh chraobhan-calltainn nam preasarlach, gnothach ris an canar ‘coppicing’ ann am Beurla. Tha craobhan-calltainn gu nàdarrach ioma-stocach agus faodaidh na gasan a bhith air an gearradh air siostam cuairteachaidh gun a bhith a’ dèanamh cron air a’ chraoibh no air a’ choille. Bha siostam mar seo feumail far an robh daoine a’ dèanamh gual-fiodha mar ghnìomhachas. Ann an cuid de dh’àiteachan, ʼs dòcha gu bheil am facal ‘gual’ ann an ainm-àite a’ dèanamh iomradh air gnìomhachas guail-fhiodha stèidhichte air craobhan-calltainn. Ma dh’fhaodte gur e eisimpleir dhiubh Rubha Guail ann an Slèite san Eilean Sgitheanach às an robh muinntir Leitir Fura a’ cur a-mach gual-fiodha. Tha craobhan-calltainn gu leòr fhathast a’ fàs anns an sgìre sin.
Agus seo agaibh tòimhseachan dhen t-seòrsa a bhiodh na seann Gàidheil a’ cur air cach a chèile anns an taigh-chèilidh. Càite am faighte casan eòin air làr coille-chnò? ʼS e am fuasgladh – air stoc ùr-gheàrrte aig craobh-challtainn. Canar casan-eunain ris na gasan ùra a bhios a’ fàs gu bhith nan slatan-calltainn tro thìde.
*****
Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
You must be logged in to post a comment.