Dè an dath – agus ainm ceart – a th’ air a’ Bhrù-dhearg?

An ann dearg no ruadh a tha broilleach a’ bhrù-dheirg (no an ruadhain mar a chanadh cuid!)?

Read in English

Dè an dath a th’ air broilleach – no brù – a’ bhrù-dheirg? Tha an fhreagairt follaiseach, nach eil – tha e ann an ainm an eòin! Ge-tà, ged as e dearg a th’ anns an ainm, tha feadhainn eòlach air an eun dùthchasach seo mar ruadhag, ruadhan no rob-ruadh. Agus ma tha sinn onarach, tha an dath car air a’ chrìch eadar dearg is ruadh!

A bharrachd air an dath, tha ainm an eòin na chùis-deasbaid cuideachd, oir ged as e facal boireanta a th’ ann am brù, bidh cuid a’ gabhail brù-dearg air an eun fhèin. ‘Siud brù-dearg agus tha brù dhearg oirre – no air!’ No an e brù ruadh?! A bharrachd air sin, ged as e brù-dhearg a th’ air an eun, bidh gu leòr ag ràdh ‘am brù-dhearg’ seach ‘a’ bhrù-dhearg’. Agus bidh cuid a’ gabhail na bronn-deirge orra anns an tuiseal ghinideach. O, nach fillte ceistean gràmair na Gàidhlig!

(C)NatureScot

Ann an seann rann, ʼs ann dearg a tha a bhroilleach – agus nach math gu bheil comhardadh ann le fearg (bha an rann a-mach air mar a bhiodh brù-dhearg a’ dèanamh ro-innse air droch aimsir ann am meadhan na Gàidhealtachd):

A Rabairt leis a’ broilleach dhearg, 

Cha tàinig thus’ an-diugh le fearg, 

Ach dh’innseadh gu bheil doinnean 

Le fuil nan Toiseach air an t-sneachd. 

Eadhon as t-samhradh, bhathar ag ràdh gum biodh am brù-dhearg ag aithris air an aimsir a bhiodh ro na daoine. Anns an leabhar aige ‘Gaelic Names of Beasts etc’, tha Alasdair Foirbeis ag innse dhuinn, nam biodh brù-dhearg a’ ceilearadh gu sunndach air feasgar samhraidh, gur e ‘comharra de dheagh shìde a bhiodh ann; eadhon ged a bhiodh droch choltas air an aimsir no gun robh an t-uisge ann, bhiodh i le cinnt a’ fàs nas fheàrr tron oidhche agus bhiodh i brèagha an ath latha. Air an làimh eile, nuair a tha an t-uisge gu bhith ann, bithear a’ lorg a’ bhrù-dheirg ann an callaid no preas, a’ bìgeil ann an dòigh bhrònach no gun a bhith a’ seinn idir, agus coltas mì-shunndach oirre, eadhon ged nach eil an aimsir fliuch no fiù ʼs bagrach fhathast.’

Tha brùthan-dearga aithnichte mar mheanbh-chreutairean dàna agus cluinnear sin ann an rann a tha a’ dèanamh nàdar de dh’atharrais air an t-seinn aca:

Big, big, bigean,

Cò chreach mo neadan?

Mas e duine beag e,

Cuiridh mi le creag e,

Mas e duine mòr e,

Bogaidh mi san lòn e,

Mas e duine beag gun chiall, gun nàir’ e,

Gun gleidheadh Dia dha mhàthair fhèin e.

Ann an dreach eile, tha an dà loidhne mu dheireadh ʼs dòcha nas coltaiche ri fuaim ceilearadh an eòin fhèin:

Mas e duine beag bìodach, bìodach, gun chiall, gun nàir’ e,

Gun gleidheadh Dia mhath dha athair is dha mhàthair fhèin e.

(C)NatureScot

Thathar ag ràdh mu phàtran-naomh Ghlaschu, Naomh Mungan, gun do chuir e deò air ais ann am bodhaig brù-dhearg a chaidh a mharbhadh gu tubaisteach le fear dhen luchd-leantainn aige. ʼS e sin as coireach gu bheil brù-dhearg air mullach craoibh-challtainn ann an suaicheantas a’ bhaile. Bha na seann Ghàidheil dhen bheachd gun robh an t-eun car naomh agus gur e ‘peacadh mòr’ a bh’ ann fear a mharbhadh. Bhathar a’ cumail a-mach eadhon gum biodh a buadhan rin lorg ann an rùsg aig preas nam mucag anns an robh brù-dhearg a’ neadachadh – bhathar a’ cur an rùisg gu feum ann an slànachadh. 

Anns an dàn ainmeil aige, Coire Cheathaich, tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a’ gabhail ‘am brù-dhearg’ air an eun:

An druid ’s am brù-dhearg le mòran ùinich,

Ri ceileir sunndach bu shiùbhlach rann.

©Lorne Gill/NatureScot

Ge-tà, bha bàrd ainmeil eile a bha beò mun aon àm – Alasdair mac Mhaighstir Alasdair – a’ sgrìobhadh mu ‘Richard’ is ‘Robin’ anns a’ bhàrdachd aige fhèin. Bha Mac Mhaighstir Alasdair na sgoilear le comas ann an diofar chànanan ach, eadhon le sin, bha fios aige gun tuigeadh a luchd-leughaidh gun robh e a-mach air a’ bhrù-dhearg. Ann an Òran an t-Samhraidh, tha e a’ dèanamh coimeas eadar am brù-dhearg agus an dreathan-donn:

Bidh an dreadhan gu balcant’,

Foirmeil, talcorra, bagant’,

Sìor chur fàilt’ air a’ mhadainn,

Le ribheid mhaisicht’ bhuig, bhinn,

Agus Robin dha bheusadh

Air a’ ghèig os a chinn.

An uair sin, tha e a’ beachdachadh air òran a’ bhrù-dheirg:

Gur glan gall-fheadan Richard,

A’ seinn nan cuisleannan grinn,

Am bàrr nam bilichean blàthmhor,

’S an dos nan lom-dharag àrda …

Ann an dàn eile – Allt an t-Siùcair – sgrìobh am bàrd:

Bha Richard ’s Robin brù-dhearg

Ri seinn ’s fear dhiubh na bheus …

ʼS dòcha nach bi e na iongnadh, ma-thà, gu bheil am facal roban ri lorg ann an seann fhaclairean. Ann an Siorrachd Pheairt, ʼs e roban-roid a chanadh daoine. Air a’ chiad shealladh, shaoileadh duine gun robh na Gàidheil Pheairteach a’ dèanamh a-mach gum bi an t-eun beò far am bi roid a’ fàs. Ge-tà, anns an fhaclair aige a chaidh fhoillseachadh ann an 1825, tha Raibeart Armstrong – a bhuineadh do Shiorrachd Pheairt – ag innse dhuinn gun robh rod (leis an dreach ghinideach roid) a’ ciallachadh ‘rathad, ceum, frith-rathad’. Eun an rathaid?

Fergus Gill

Nuair a thug a’ Ghàidhlig a casan leatha gu ruige Alba Nuadh, chaidh a h-atharrachadh beagan airson fiadh-bheatha ùr ainmeachadh. An sin, tha eun air a bheil ‘American Robin’ ann am Beurla – fear aig a bheil broilleach dearg ach tha gu math nas motha na brù-dhearg na Roinn Eòrpa. Tha e nas coltaiche ris an smeòraich againn fhèin ann am meud is cumadh, agus buinidh e don aon genus rithe – Turdus. Agus ʼs e smeòrach a ghabhas Gàidheil na h-Albann Nuaidh air an eun sin.

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Birds, Gaelic, Uncategorized and tagged , , , , , , . Bookmark the permalink.