Mac-talla a’ Mhathain air Tìr

ʼS fhada on a dh’fhalbh na mathain fhiadhaich mu dheireadh, ach tha na creutairean seo a’ nochdadh – an siud ʼs an seo – nar n-ainmean-àite fhathast

Read in English

Chan eil e soilleir cuin a bhàsaich am mathan donn Eòrpach mu dheireadh ann an Alba, ach cha b’ ann an-dè a bha e, agus tha e mar sin gu math inntinneach gu bheil ainmean-àite againn a tha a’ cuimhneachadh an ainmhidh sin. Tha an t-eag-eòlaiche, an t-Oll. Daibhidh Hetherington, a tha mion-eòlach air na seann ghnèithean a chaidh à bith ann an Alba, ag innse dhuinn gu bheil fios againn ‘bho ghrunn chnàmhan a chaidh fhàgail ann an uamhan is boglaichean, eadar Siorrachd Dhùn Phris anns a’ cheann a deas agus Gallaibh anns a’ cheann a tuath gun robh mathain donna uaireigin beò ann an Alba. Tha a’ chnàimh-mhathain as òige à Alba air an deach a h-aois a thomhas le carbon-14 – cnàimh choise a chaidh a lorg ann an uamhan faisg air Innis nan Damh ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd – timcheall air 2700 bliadhna a dh’aois.’ Agus tha aon de na h-ainmean-àite a dh’fhaodadh a bhith co-cheangailte ri mathain anns an dearbh nàbachd far an robh a leithid de chreutair dearbhte beò anns an ùine a dh’fhalbh.

Mathan donn Eòrpach agus àl anns an Fhionnlainn, ©Danny Green Photography.

Ged a tha na cnàmhan a’ riochdachadh bheathaichean a bha beò fada mus deach ar n-ainmean-àite a chruthachadh, tha fios againn gun robh mathain beò ri linn ar n-eachdraidh sgrìobhte. Bha mathain Albannach air an toirt don Ròimh leis na Ròmanaich, agus tha a leithid a’ nochdadh air clachan Cruithneach snaighte bhon 8mh no 9mh linn AC. Tha Daibhidh Hetherington dhen bheachd gur dòcha gun robh feadhainn againn chun an 15mh no 16mh linn. Ann an Carmina Gadelica II, tha Alasdair MacIlle Mhìcheil a’ dèanamh dheth gun robh am mathan ‘cumanta ann an Alba gu 1545, ʼs dòcha nas fhaide’, ged nach eil e a’ toirt fianais sam bith dhuinn mar dhearbhadh air. Chlàir e orthachan agus criomagan de bhàrdachd Ghàidhlig anns a bheil iomradh air mathain.

Coire a’ Mhath-ghamhna ri taobh Beinn a’ Chreachain air a’ chrìch eadar Siorrachd Pheairt agus Earra-Ghàidheal. An robh mathain a’ dol am falach am measg nan clachan anns na morainean a chaidh a chruthachadh ann an Linn na Deighe?

ʼS e math-ghamhainn an seann fhacal Gàidhlig airson mathain agus tha e a’ nochdadh anns an abairt mu rudeigin sgreataidh: chuireadh e an òrrais air math-ghamhainn. Chan eil na h-eòlaichean freumh-fhaclachd uile air an aon ràmh a thaobh tùs na ciad eileamaid math. Tha cuid dhen bheachd gu bheil e a’ riochdachadh mad/mat mar a nochdas e ann am madadh agus bheil math-ghamhainn a’ ciallachadh ‘beathach mar ghamhainn aig a bheil ceann (agus fiaclan) mar cheann coin’. Tha feadhainn eile a’ dèanamh dheth gur ann bho màg ‘làmh, spòg’ a tha e, is gu bheil an t-ainm slàn a-mach air ‘beathach coltach ri gamhainn aig a bheil làmhan (seach ladhran)’. Dh’fhaodadh smuain seach smuain dhiubh sin a bhith ceart.

Tha am facal math-ghamhainn a’ nochdadh ann an co-dhiù trì ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd. Tha e ann an Coire a’ Mhath-ghamhna ri taobh Beinn a’ Chreachain agus don iar-thuath air Loch Lìomhann ann an Siorrachd Pheairt. Chan eil e follaiseach bho ainmean eile carson a bhiodh am mathan an sin, ged a tha Coire na Saobhaidhe agus Sgòr nam Broc làimh ris a’ choire, a’ sealltainn dhuinn gun robh mamailean gu leòr beò san nàbachd. ʼS dòcha, am measg an sprùillich chlachaich a bhuineas do Linn na Deighe, agus a tha pailt anns na beanntan sin, gun robh còsan ann far am biodh mathain is creutairean eile a’ dol am falach. Tha am facal sid airson ‘saobhaidh, mar a bhiodh aig mathan’ aig an fhaclairiche Pheairteach, Raibeart Armstrong, anns an fhaclair Ghàidhlig aige a chaidh fhoillseachadh ann an 1825. Ach cha do lorg an t-ùghdar am facal air tìr ann an Siorrachd Pheairt no àite sam bith eile, co-dhiù air mapaichean proifeiseanta.

Eilean Math-ghamhna, Loch Fìne, Earra-Ghàidheal. Chan eil e soilleir mar a dh’èirich an t-ainm ach tha beul-aithris a’ stèidheachadh mathain anns an sgìre sin timcheall meadhan a’ chòigeimh linn deug.

Tha eisimpleir eile anns a’ mhonadh eadar Loch Mòrar agus Loch Beòraid ann am Mòrar. Tha Lochan Fèith a’ Mhath-ghamhna air a’ chiad mhapa 6-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais, agus tha e air a dhearbhadh mar ainm mathanach ann an Leabhar nan Ainmean. A-nise, ʼs e Lochan Tàin MhicDhùghaill a thathar a’ gabhail air, stèidhichte air beul-aithris mu ‘Chù Glas Mheòbail’. Chan e sin a-mhàin, ach gu sear air an lochan tha Sgùrr an Ursainn (817m) a chaidh eadar-theangachadh, gun mhìneachadh, mar ‘the peak of the doorpost’. Ach tha ursainn boireanta agus, mar sin, ʼs e Sgùrr na h-Ursainn ris am biodh dùil. Don ùghdhar seo, tha an t-ainm-àite uabhasach coltach ri Sgùrr an Ursain, le ursan a’ ciallachadh mathan fireann, agus am facal fhèin fireanta.

ʼS e seo an t-aon ainm-àite le ursan a lorg an t-ùghdar thuige seo. Ged nach bi daoine a’ cleachdadh an fhacail gu bitheanta an-diugh, tha e anns na faclairean, mar a tha ursag ‘mathan boireann’ agus ursa ‘mathan’. Tha na faclan seo càirdeach don Laidinn airson mathan – gu dearbh ʼs e Ursus arctos a chanas luchd-saidheans ris a’ mhathan donn Eòrpach, agus an t-ainm a’ tighinn bhon Laidinn agus Seann Ghreugais airson mathan.

ʼS e an treas eisimpleir anns a bheil math-ghamhainn ann an ainm-àite – eilean beag air cladach a deas Loch Fìne ann an Comhghall air a bheil Eilean Math-ghamhna. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag aontachadh gu bheil an t-ainm co-cheangailte ri mathain, ach chan eil iad a’ mìneachadh carson. ʼS dòcha gu bheil e a’ dèanamh iomradh air cumadh an eilein no air duine a bha uaireigin a’ fuireach anns an dùn air an eilean.

Tha beul-aithris a’ dèanamh ceangal eadar an dà ainm-àite seo agus mathain. A rèir nan seann daoine, bha mathain uaireigin a’ dèanamh an dachaigh anns a’ chòs ris an canar ‘Bear Den’.

Tha fios againn gun robh Math-ghamhainn agus foirm nas giorra – Mathan – air an cur gu feum mar chiad ainmean aig fir anns an t-seann Ghàidhealtachd, an dà chuid ann an Alba is Èirinn (tha an t-ainm Lochlannach Björn cuideachd a’ ciallachadh ‘mathan’). Tha an cinneadh Mac Mhathain, a tha cumanta gu leòr fhathast, a’ tighinn às a sin. Bidh gu leòr eòlach air ainm baistidh eile a tha a’ ciallachadh ‘mathan’ – Art no Artair. Tha na Cuimrich nas eòlaiche buileach air oir ʼs e arth am facal àbhaisteach aca airson mathan. Chan eil sgeul air ainmean-àite le arth/art/artair air a’ Ghàidhealtachd an-diugh, ge-tà.

Tha iar-theacsa ann don ainm-àite mhathanach taobh Loch Fìne. Anns an sgeulachd thraidiseanta ‘Clann Illeathain an Eich Bhlàir’, a chaidh a chruinneachadh le Iain Mac an Deòir anns an 19mh linn, tha ‘beithir’ agus a cuain air am marbhadh aig Sròn Àrdairean aig ceann shuas Ghleann Dà Ruadhail, mu 8km ann an loidhne dhìreach à Eilean Math-ghamhna. Chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach dè bhathar a’ ciallachadh le ‘beithir’ – gu tric ʼs e creutair fiadhaich à beul-aithris a th’ ann – dreagan, uile-bheist no mòr-nathair. Ach ann am faclair Amstrong (1825) tha ‘mathan’ ann mar phrìomh chiall an fhacail. Dh’aithris an sgeulaiche an cunntas mar gur e fìor thachartas a bh’ ann, a ghabh àite 16 ginealaich ro 1863. Ma ghabhas sinn ri 25 bliadhna mar fhad ginealaich, bhiodh sin a’ ciallachadh gun robh teaghlach de mhathain beò ann an Comhghall ann am meadhan a’ chòigeimh linn deug – no meadhan a’ cheathraimh linn deug ma bhios ginealach ùr ann gach 30 bliadhna. An e an t-eilean àite far an do sheas mathain an aghaidh a naimhdean daonna? Tha tuilleadh rannsachaidh a dhìth!

Allt Mhathain ann an Asainte – ainm-àite a tha na dhubh-cheist.

Tha an eileamaid mathan a’ nochdadh ann an dà àite ann an Asainte. ʼS e a’ chiad dhiubh Allt Mhathain (a’ riochdachadh Allt a’ Mhathain, tha fhios). Tha an t-allt beag seo a’ lùbadh bho Loch na Bà Brice gu ruige Abhainn Gleann Leireag faisg air baile ris an canar An Nead. Gu h-iongantach, chan eil e cho uabhasach fada bho Uamhan nan Cnàmh ann an Innis nan Damh, far an do lorgadh fìor sheann chnàmhan mathain. Chan eil e a’ coimhead coltach gun d’ fhuair an t-Suirbhidh Òrdanais beachd air ciall an ainm bho mhuinntir an àite. Ma tha e dha-rìribh ceangailte ri mathain, feumaidh gun robh sin air a dhol à cuimhne an t-sluaigh ro mheadhan an naoidheamh linn deug.

Math donn Eòrpach (no mathan donn Àis-Eòrpach) ann an Nirribhidh, ©Kjartan Trana/Rovdata.

Tha an dàrna ainm-àite Asainteach nas iongantaiche buileach. Tha dùil gu bheil Cnoc Eilid Mhathain (àirde 470m) a’ ciallachadh ‘cnoc aig mathan boireann’. Tha e gu math faisg air Creag nan Uamh (Innis nan Damh), far an do lorgadh na cnàmhan mathain. Chan e sin a-mhàin, ach eadar Cnoc Eilid Mhathain agus Creag nan Uamh tha Beinn nan Cnàimhseag. Tha cnàimhseagan am measg nan dearcan as fheàrr le mathain; gu dearbh, ʼs e ‘bearberries’ a thathar a’ gabhail orra ann am Beurla. Tha Druim nan Cnàimhseag faisg air an àite cuideachd. A’ gabhail sin a-steach, agus gur e mathan seach an seann fhacal math-ghamhainn a th’ anns na h-ainmean an sin, dh’fhaodamaid a ràdh gur dòcha gur e Asainte an t-àite mu dheireadh far an robh mathain beò ann an Alba.

Tha ainm-àite eile co-cheangailte ri mathain ann an ceann a deas na h-Alba ann an Siorrachd Dhùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, sear air baile Mhofaid. ʼS e sin Bear Craig (àirde 495m) – creag a chaidh ainmeachadh, a rèir choltais, ann an Albais. Tha am mullach os cionn còs air a bheil Bear Den (a thug ainm don bheinn, feumaidh) agus a nochdas air na seann mhapaichean. Tha an OS a’ dèanamh tuairisgeul air an t-sid mar seo: ‘Còs beag fon talamh a tha mu 20 troigh ann am fad; tha fhosgladh aig a’ cheann an iar ceàrnach, leis na taobhan mu 3 troighean ann am fad, agus tha e mu 6 troighean air 6 troighean anns a’ mheadhan. Tha beul-aithris ag innse dhuinn gum b’ e seo saobhaidh aig mathain nuair a bha an dùthaich làn chreutairean fiadhaich.’

Anns an dà earrainn seo dhen chiad mhapa 6-òirlich aig an OS, chithear cho faisg ʼs a tha trì àiteachan a tha co-cheangailte ri mathain – Creag nan Uamh far an do lorgadh seann chnàmhan, Beinn nan Cnàimhseag (dearcan a chòrdas gu mòr ri mathain) agus Cnoc Eilid Mhathain a tha a’ bruidhinn air a shon fhèin.

Tha ainm-àite co-ionann – Bear Craig – ann an Eilean Bhòid ach ʼs e a th’ ann ach carraig air a’ chladach agus chan eil e soilleir a bheil buntanas sam bith aige ri mathain. Anns an leabhar aige ‘The Place-Names of Bute’ (2012), tha an t-eòlaiche Gilbert Márkus ag aideachadh nach urrainn dha an t-ainm a mhìneachadh, ged a tha e sgrìobhadh seo (d.305-6): ‘ʼS dòcha gu bheil e a’ dèanamh iomradh air cumadh na carraige, no pàirt air choreigin dhith, a tha coltach ri mathan. ʼS dòcha gu bheil e a’ toirt iomradh air bere ‘eòrna’ – ged nach eil e soilleir carson a bhiodh gob creagach cladaich mar seo co-cheangailte ri eòrna.’ Mar an ceudna, tha an t-ainm Bearsden – baile ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Ear – às aonais mìneachadh, ged nach eil e coltach gu bheil e co-cheangailte ri mathain fhiadhaich. Agus tha e gu math coltach gu bheil ainmean ‘bear’ eile ann an ceann an iar-dheas na h-Alba, leithid Bearburn agus Bearmeal Knowe, ag èirigh à bere (facal Albais) a bhathar a’ fàs gu mòr aig aon àm.

Tha dà reul-bhad, a ghabhas faicinn gu furasta air an oidhche, a tha ainmichte mar Ursa Major agus Ursa Minor (‘mathan mòr’ agus ‘mathan beag’). Ann an Gàidhlig, canaidh sinn An Crann-arain (inneal anns am bite a’ cur aran don àmhainn) agus An Dreagbhod ‘reul-bhad nan dreagan’ riutha. Ann an sealladh nan Gàidheal air a’ chruinne-chè, chan eil mathan sam bith anns an iarmailt. Ach ma dh’fhaodte gu bheil fear no dhà a’ dèanamh sid dhaibh fhèin fhathast air mapaichean na h-Alba.

Lochan Fèith a’ Mhath-ghamhna ann am Mòrar – mar a nochd e air a’ chiad mhapa 6-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais. Tha an t-eilean anns an loch co-cheangailte ann am beul-aithris ri coin fhiadhaich ghlasa, seach mathain, ach ʼs iongantach mura h-eil an t-ainm mathanach gu math sean.

N.B. Ma tha fiosrachadh sam bith agaibh air ainmean-àite a bharrachd anns a bheil mathain air an ainmeachadh, bu toigh leis an ùghdar cluinntinn bhuaibh (rmac@uags.scot).

Mapaichean: tha na mapaichean uile a’ nochdadh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Bha am blog seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair, eòlaiche-nàdair is sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

This entry was posted in Gaelic, Uncategorized and tagged , , , , , , , , , . Bookmark the permalink.