LORG GHLASCHU – IN SEARCH OF THE DEAR GREEN PLACE

Thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu mar phàirt de theaghlach eileanach le Gàidhlig. Anns a’ phost seo an-diugh, tha Màiri Anna a’ rùrachd a-measg freumhan nàdair agus cànain Baile Mòr nan Gàidheal…

Rugadh mi ann an Glaschu, ann an Rottenrow. Dh’èirich mi suas ann am Pollokshields. Chaidh mi dhan sgoil ann am Milngavie, agus mo phiuthair a Bhellahouston. Mar phàirt de choimhearsnachd bheothail Ghàidhealach anns na 70an, rachadh sinn a chèilidhean ann am Partick, is bhiodh bràthair-chèile mo mhàthar ag adhradh aig Pàirce Ibrox. Bhithinn a’ coiseachd a Srathbungo airson leasanan feadain (tuilleadh is dòchasach, fiù ’s ged a fhuair mi oideachadh bho aon de phrìomh phìobairean nan Gàidheal). Ghabhadh sinn ioghnadh mu raon-deighe ainmeil Crossmyloof, casg oirnn gun fhios nach dèanadh sinn milleadh air corragan beaga ceòlmhor. Dheidheamaid seachad air bus 64 a’ dol a dh’Auchenshuggle is sinn a-staigh am meadhan a’ bhaile le mam.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - Glasgow

(c) Watercolour Music Ltd.

Ainmean àraid, inntinneach, gach fear aca. Ach ged a chaidh ar n’ àrach ann am baile a dh’aithnicheadh sinn – fiù ’s nuair a bha sinn òg – mar dhachaigh eilthireach na Gàidhlig, cha d’ rinn mi ceagal eadar na h-ainmean seo agus a’ choimhearsnachd dhe robh sinn nar pàirt. Mur a b’ e deuchainnean O- is Àrd-ìre Gàidhlig (mise nam aonar ann an talla-cruinneachaidh Douglas Academy, a’ seinn bàrdachd rium fhìn fo m’ anail is an tidsear matamataig, an aon aig an robh Gàidhlig, a’ cumail sùil gheur orm), cha robh mi air tuigsinn gu robh sgeulachd Ghàidhlig Ghlaschu cho follaiseach na h-ainmean-àite, no gun innseadh iad mu raointean glas an ‘Dear Green Place’, mar a theirte tric mar eadar-theangachadh air ainm Ghlaschu fhèin.

’S e urram is oideachadh a bh’ ann dhomh thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh obair cuide ri Dualchas Nàdarra na h-Alba air dà phròiseact gu math dlùth dom chridhe. Tha DNA mar aon dhe na buidheannan poblach as taiceile an Alba don Ghàidhlig, le oifigear Gàidhlig aca, agus prògram farsaing de phròiseactan agus tachartasann co-cheangailte ris a’ chànan. Thachair mi an toiseach ri Becky Shaw agus Pete Moore bho DNA air aon dhe na lathaichean Gàidhlig seo – là rùrachd-bidhe fo stiùir an sgrìobhadair is craoladair, Ruairidh MacIlleathain, agus Mark Williams bho Galloway Wild Foods. Faotaidh mi ràdh gur mi fhìn a mhol ‘rùrachd’ airson ‘foraging’ an là ud, ach bha a’ chuairt seo cuideachd na dhearbhadh dhomh air cho riatanach ’s a tha an ceangal eadar na daoine agus am fearann, agus mar as urrainn do bhriathran is ainmean an ceangal a tha sin a thoirt beò dhuinn.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - rurachd 2

Rùrachd – an tionndadh Gàidhlig air ‘foraging’. (c)Watercolour Music Ltd. 

Chaidh bliadhna seachad agus bha sinn an deis-meadhan deasachadh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, stèidhichte ann an Dùn Omhain ann an 2018. Mar phàirt dhen a-seo, bha mi air mo dhòigh glan gun do dh’iarr Pete is Becky aig DNA agus An Comunn Gàidhealach orm oidhche ciùil a chruthachadh air am bitheadh ‘Cluaidh – Ùrachadh na h-Aibhe’, oidhche a’ dèanamh luaidh air àrainneachd nàdarra agus togalaich, cànan agus cultur abhainn Chluaidh. Bha mo roghainn agam de chuspair, bho mheadhan baile gu muir; a’ togail air dualchainnt beairteach na sgìre fhathast air bilean chuid; air an eachdraidh seòlaidh is nan gàraidhean luingeis a bha a’ ceangal taobh siar na h-Alba do Chluaidh; agus ag obair cuide ri Gàidheil òga air gach bruach dhen abhainn. Agus gu seachd àraid bha cothrom ann fèill a dhèanamh air àrainneachd nàdarra àraid Chluaidh – maoir-chladaich iteach beul na h-aibhne, bradan a’ sìor shnamh na b’ fhaide suas gu ruige màthair-uisge, Caorainn Arainneach ceann a tuath an eilein sin agus am Maerl coirealach far a chorsaichean; agus tuineachas mòr nan eun an Creag Ealasaid, a’ comhtharrachadh na crìch eadar Cluaidh is cuan. Cothrom air leth uile gu lèir.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - The Clyde

Cluaidh, (c)Watercolour Music Ltd. 

Chuir mi seachad bliadhna ann an 2013 nam cheòladair air mhuinntearas aig Sabhal Mòr Ostaig, far an robh mo shaorsa agam leasachadh a dhèanamh air mo chuid obrach mar a thograinn fhìn. Fhad ’s a bha mi ann, rinn mi breathnachadh air miann nan Gàidheal a bhi ri cianalas no moladh dachaigh, ach bhuail e orm gur e bu chòir dhòmhsa, mar ‘townie’, a bhi seinn mun bhaile mhòr a’ cheart cho math ri eileanan àrach m’ athair ’s mo mhàthar – Tiriodh agus an t-Eilean Sgiathanach. Chuir mi romham òrain Gàidheil Ghlaschu a rannsachadh – iadsan a rugadh agus iadsan a ràinig – agus chlàr mi grunn dhiubh airson mo dhàrna chlàr, ‘Glaschu – Hometown Love Song’. Mar bu dual, b’ e thug na h-òrain beò dhomh na ceangalan a bh’ ann dhan là ’n-diugh – ri togalaichean, àiteachan, ainmean-sràide is sgìre, daoine, cur-seachad is gnìomhachas. Le bhi toirt nan daoine agus làraich nan òran beò, sheas na h-òrain fhèin mar fhianais air eachdraidh Ghàidhlig a’ bhaile, dlùth-cheangailte ri sgeulachd fharsaing Ghlaschu fhèin.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - Waverley+leaving+Largs+1

PS Waverley a’ fàgail an Leargaidh Ghallda, (c)Watercolour Music Ltd. 

Mar sin, nuair a thill DNA thugam ann an 2019 le moladh ceum eile a ghabhail air slighe ‘Cluaidh’ a chomhtharrachadh gu robh am Mòd a’ tilleadh a Ghlaschu as dèidh cha mhòr trichead bliadhna,  ‘cha b’ e ruith ach leum’. Thug sinn ‘Lorg Ghlaschu – In Search of the Dear Green Place’, air: ‘lorg’ leis an dà chiall – a bhi coimhead airson rud agus cuideachd làrach coise. Agus le taic an Dr Alasdair MacIlleBhàin, nochd beag air bheag freumhan bunaiteach agus sgeulachdan nan ainmean-àite leis an do dh’fhàs mi suas.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - Poster

Ma dh’fhaodte gu robh crathadh car cugallach anns an tram a ghabh an slighe an toiseach, mas robh bus idir ann, agus ma dh’fhaodte gu robh comhairle Ghlaschu toilichte gu leòr cleasachd leis a’ bheachd sin. Ach tha freumhan Gàìdhlig ‘Auchenshuggle’ gar toirt ann an da-rìreabh a dh’achadh seigeil, agus eadhon an-diugh, tha ceàrnaidh nàdair anns an oisean seo de Shettleston a tha na Choille agus Pàirce Nàdair Coimhearsnachd, na shuidhe an achlais an M74. Tha muinntir na sgìre gu math miosail air agus ga chleachdadh gu bitheanta, agus chaidh aithne a thoirt dhi ann an 2014 mar Choille Co-fhlaitheis, mar phàirt de dhìleab nan geamachan mòra sa bhaile.

Tha pàirce Bellahouston cho grinn ri gin de chluaintean uaine Ghlaschu, ainmeil a-thaobh spòrs agus na dhachaigh do thaigh-ealain Thearlaich Rennie Mhic an Tòisich. Dhomh fhìn agus do ghinealach nas sine ge-tà, bha an t-ainm a’ riochdachadh aon dhe na h-aon sgoiltean sa bhaile far am faighteadh cothrom Gàidhlig a dhèanamh mar chuspair. Uair a thàinig mi tarsaing air an ainm às ùr tro ‘Lorg Ghlaschu’, dh’ionnsaich mi fìrinn às ùr a-thaobh sùbailteachd cànain agus mar a ghabhas coimhearsnachd sealbh air àite-còmhnaidh ùr.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - Bellahouston

Baile Ùisdein/ Bealach Há-stein, (c)Watercolour Music Ltd. 

Theireadh a’ mhòr-chuid de Ghàidheil, saoilidh mi, gur e ‘Baile Ùisdein’ a bha ann am Bellahouston, no fiù ’s ‘Baile Cheusadain’. Ach nochd sgrùdadh Alasdair agus a cho-rannsaichean gur e bu choltaiche gur e bealach seach baile air an robhas a-mach, agus am bealach sin san là ’n-diugh? Iar-Rathad Phàislig. Agus an àite pearsa, gur e bu choltaiche a bha ann an ‘houston’ ach an ‘Há-stein’, tursa a bha – a-rèir nan cairtean OS – fhathast ri fhaicinn deireadh na 19mh linn shuas faisg air far am bheil an t-ionad spòrs an-diugh.  Thugadh iomradh cuideachd le cuid a luchd-rannsachaidh sinnsireachd air ‘Standing Stone, Bellahouston’ bho mheadhan na 19mh linn, is mar sin, ma dh’fhaodte gun d’ thug leithid tuathanais air an t-slighe eadar Pàislig is Glaschu ainm bhon tursa iomraiteach seo.

Leis gu robh an ceangal làidir seo ann ris an sgoil agus ri Gàidhlig, tha mi creidsinn gu robh mi air mo bheatha a chur seachad an dùil gur e Ùisdean agus an t-ainm Gàidhlig bun gnothaich, ach sheall an rannsachadh seo dhomh mar a tha àite agus coimhearsnachd ag atharrachadh rè ùine, agus leis a-sin comhtharran is ìomhaighean. Argamaid às leth co-ionnanachd is tuigse mar bha a leithid ann riamh, ar leam!

Mar a thachair, bha bunait nàdair, Gàidhlig agus nas sine na Gàidhlig, aig cridhe Gàidhlig taobh siar a’ bhaile a bha tarraing dealbh gu math eadar-dhealaichte bhon dlùth-choille de theanamantan àrda air a bheil sinn eòlach agus far an cluinnear Gàidhlig gach là air na sràidean agus anns na clobhsaichean. B’ e Pearraig a bh’ aig na Gàidheil air Partaig san 19mh linn, facal a tha ciallachadh preas no doire bho thùs, agus a chìthear ann an ainmean-àite eile leithid Pheairt. Bheireadh is dòcha aig an àm sin air gille beag nach suidheadh aig fois, gu robh e ‘cho lùthmhor ri Muileann Phearraig’.

Ma dh’fhaodte gur e an t-ainm a bu mhotha a thug toileachas dhomh, tuigsinn gu robh freumhan Gàidhlig air ainm mo dhachaigh fhìn air taobh a-deas a’ bhaile. Bha bunait Gàidhlig air ‘Pollok’, eadar na ‘shields’ (bothain), na ‘shaws’ (doireachan) agus a’ phàirce mhòr fhèin. ’S e àit’ anns a bheil alltan a’ sruthadh a th’ anns a’ Phollag agus tha dùil ann gur e seo Alltan Auldhouse ann am Pollokshaws, a tha ruigheachd comair an-sin le Abhainn Bhàin Chairt. Tha blian air m’ aodann a’ smaoineachadh air dealbh mo chiad chlas sgoile – clas gu math ioma-chànanach – agus a’ tuigsinn gu robh sinn ann an sgoil air an robh ainm bunaichte nam chànan mhàtharail fhèin.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - Primary 1 Pollokshields Primary

Clas 1 Bun-sgoil Phollokshields (2ra ràgh, 2 bhon taobh chlì), (c)Watercolour Music Ltd. 

Nochd ciall do dh’ainm àraid Glaschuach eile le sgrìob air an subway gu Cowcaddens, as dèidh ionnsachadh gur e bha na sheasamh ann uaireigin ach doire calltainn. Chuir sinn seachad greis a-sin fhad’s a bha sinn a’ rannnsachadh, a’ gabhail cuairt do Phuill-creadha Hamiltonhill, nan Raon Nàdair Sgìreil an-diugh agus nan dachaigh do dh’eòin-uisge agus fèidh bheaga; agus ri taobh Canàl Foirthe is Chluaidh – nàdar a gabhail thairis às ùr agus seallaidhean a-bhàn do Ghlaschu agus nas fhaide bhuainn.

Agus mu dheireadh thall, is sinn a’ sireadh finale, lèir-shealladh, panoràma, càit’ a b’ fheàrr na Cathkin Braes air deas-chrìochan Baile Ghlaschu – am mullach as àirde taobh a-staigh crìochan a’ bhaile agus sealladh thar chàich air a’ bhaile gu lèir. Àite a th’ ann le bogalach is monadh, garan is glaisear, preas is coille; agus ri deagh shìde chìthear Monadh Chamaisidh gu tuath, Bràigh Gleniffer an iar, Beinn Laomainn agus Beinn Lididh nas fhaide tuath fhathast, agus cho fada siar ri Gaoitbheinn air Eilean Arainn thall.

Lorg Ghlaschu - Gaelic blog post - Cathkin Braes 2

Bràigh Coitcheann, (c)Watercolour Music Ltd. 

Nochd an sealladh seo dhuinn, taobh a-staigh crìochan a’ bhaile, an saoghal nàdair sin a chaidh fhoillseachadh dhuinn tro na h-ainmean-àite – fhathast ri fhaicinn eadar na h-aibhnichean ’s na sruthain, agus gach ceàrnaidh duilleach-ghorm. Shuas gu h-àrd, a’ coimhead a-bhàn le eubhach nan seabhag ’s nan sgreuchag-coille mun cuairt oirnn, bha e cho follaiseach dìreach dè cho glas-ghorm ’s a tha Glaschu fhathast.

Glasgow-D4553_JPG_JPEG Image Original Size_m25971

Sealladh à Bràigh Coitcheann, (c)Lorne Gill/SNH

Cathkin. Àite fosgailte le ciall-ainm falaichte – ach bha an luchd-rannsachaidh air an cuid saothair a chur gu feum an seo cuideachd. Bha am ‘Bràigh’ follaiseach gu leòr, eadar Gàidhlig agus Albais. Ach bha freumhan Gàidhlig aig Cathkin fhèin, do thalamh a bha ‘coitcheann’, a bhuinneadh dhan t-sluagh. Nì air a bheil croitearan na Gàidhealtachd ’s nan Eilean fhathast ro-eòlach le ionaltradh is cùl-cinn. Àite a bhuinneas dha na daoine agus air a chleachdadh leotha. Spiris a bh’ ann às am faiceamaid am baile gu lèir is tuigsinn gu robh ar cuairt deiseil. Tha na Cluaintean Gràdhach Uaine rim faighinn air feadh a’ bhaile mhòir. Agus is ann leinn uile a tha iad.

 Bu mhath le Màiri Anna taing a thoirt don Dr Alasdair MacIlleBhàin agus an Dr Katherine Forsyth airson taic is comhairle nach beag fad slighe ‘Lorg Ghlaschu’.

Tha clàr Màiri Anna NicUalraig ‘Glaschu – Hometown Love Song’ air fhoillseachadh le ARC Music agus gheibhear e bho http://www.watercolourmusic.co.uk/Label/Releases/Glaschu.html – taghaibh an roghainn Paypal airson taic a thoirt dìreach don neach-ealain.   

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air pròiseact ‘Lorg Ghlaschu – In Search of the Dear Green Place’ airloidhne aig http://watercolourmusic.co.uk/Projects/Lorg%20Ghlaschu/index.html

Thoireibh cuairt tro chluaintean uaine Ghlaschu sibh fhèin le leabhar nàdair sònraichte Richard Sutcliffe ‘Wildlife Around Glasgow: 50 Remarkable sites to explore’ (Glasgow Museums, 2010)

https://booksfromscotland.com/book/wildlife-around-glasgow/

 

This entry was posted in art, Gaelic, History, Uncategorized and tagged , , , , , , , . Bookmark the permalink.