A bheil thu deiseil airson Maoin Dualchais Nàdarra is Chultarail? /Are you ready for the Natural Cultural Heritage Fund?

Tha maoin ùr luach £5 millean air fàire a chumas taic ri daoine is buidhnean is an cuid bheachdan airson seallaidhean, fiadh-bheatha is cultar na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh. Bidh Maoin Dualchais Nàdarra is Chultarail fosgailte nas fhaide air adhart air a’ mhìos agus tha fiosrachadh ri lorg air an làraich-lìn againn a bheir taic do luchd-iarrtais.

Tha a’ mhaoin a’ sireadh thagraichean pròiseict a bhios in-ghabhalach agus a’ tairgsinn fàs seasmhach eaconamach, a’ cumail taic ri gleidheadh dhreuchdan agus a’ gleidheadh choimhearsnachdan is sheirbheisean ann an sgìrean dùthchail.

‘S ann againne a tha an taic a tha a dhìth ort, ma tha beachd freagarrach agad. Tha sinn toilichte a ràdh gu bheil sinn air 91 bhuidheann a ruigsinn eadar Sealtainn is Arainn agus tha sinn air bruidhinn mun mhaoin ann an còrr is 50 suidheachadh aghaidh-ri-aghaidh. Ach bu mhath leinn barrachd phròiseactan a ruigsinn agus beachdan-smuain eile a chluinntinn.

Tha an t-airgead seo bho Mhaoin Leasachadh Dùthchail na h-Eòrpa (ERDF) ri fhaotainn tro aon chuairt fharpaiseach mhaoineachaidh a dh’fhosglas air 14 Faoilleach 2019 agus a dhùineas sa Ghiblean 2019. Tha sinn airson an t-airgead a chleachdadh airson taic a chumail ri mu 10 pròiseactan mòra a thèid lìbhrigeadh ro 2022. Feumar £250,000 aig a’ char as lugha a shireadh tro thabhartas ERDF. ‘S e £360,000 an t-suim as lugha de chosgaisean roghnach a’ phròiseict ris an gabhar. Cha chumar taic ach ri pròiseactan a tha a’ taisbeanadh stiùireadh mothachail agus a’ dìon feartan dualchais do na ginealaichean ri teachd.

Tha tuilleadh fiosrachaidh, mapa de sgìre na maoine anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, liosta sheòlaidhean far am faighear taic agus a h-uile rud eile a bhios a dhìth airson am beachd-smuain agad a chur an sàs ri fhaighinn air an làraich-lìn againn nature.scot.

Picture3

Are you ready for the Natural Cultural Heritage Fund?

A new £5 million fund to support people and organisations with their ideas to promote the outstanding scenery, wildlife and culture of the Highlands and Islands is coming soon. The Natural and Cultural Heritage Fund opens later this month and there is plenty of info to help applicants on our website.

The fund invites project bids which are inclusive and offer sustainable economic growth, helping to retain jobs and sustain populations and services in rural communities.

If you’ve got an idea that fits, then we’re here to help. We are delighted to have already reached 91 organisations stretching from Shetland to Arran, and we’ve discussed the fund in over 50 one-to-one settings.  But we would like to reach even more projects and hear more ideas.

This £5 million of European Regional Development Fund (ERDF) money is being made available through a single competitive funding round opening on 14 January 2019 and closing in April 2019. We’re looking to use the money to support around 10 major projects to be delivered by 2022. Projects must be seeking an ERDF grant of a minimum of £250k. The total eligible project costs must be a minimum of £360k.  Projects will only be supported if they demonstrate sensitive management and safeguarding of those heritage assets for future generations.

For further information, a map of the Highlands & Islands area covered by the fund, contacts for further support and everything else you need to apply for a chance to bring your idea to life, please visit our website nature.scot.

 

This entry was posted in Access, Community engagement, History, National Walking and Cycling Network, Natural Capital, Natural Health Service, Nature and technology, Nature in art, Planning, Projects, Scottish Natural Heritage, sea life, SNH, Trail, Uncategorized, Visitor centre, Volunteering, website and tagged , , , , , , , , , , , , . Bookmark the permalink.